Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Seòras L. Moireach agus air a sheinn le: Calum A. MacLeòid.
This is a song written by: An t-Urr. Seòras L. Moireach and sung by: Calum A. MacLeòid.
Tha sinne brònach 's is beag an t-ìongnadh,
Is tha sinn cianail an-diugh air fògradh;
Tha 'n cuan an iar le chuid thonnan fiadhaich,
Gar sgaradh cian bho ar n-à ite-còmhnaidh.
Tha sinn mar chaoraich an seo gun bhuachaill,
'S sinn sgapt' measg sluaigh air nach 'eil sinn eòlach;
Ach 's tric ar smuaintean ri snà mh nan cuantan
Do eilean uaine nan cluaintean bòidheach.
Tha Hiort nam fuaran, 's nan sgeirean gruamach,
Am meadhan cuain 's chan eil duine beò ann;
Na h-eòin mun cuairt air ri gabhail uabhais,
On dh'fhalbh an sluagh a bh' ann uair ri còmhnaidh.
Na taighean blà th' anns an cluinnte Ghà idhlig,
Thèid iad nan cà irntean 's bidh tà mh aig eòin annt';
Cha bhi am buachaill le chù 's le chuaille
Nas mò gam fuadach le fuaim a chòmhraidh.
Tha 'n eaglais fuar 's chan eil clag ga bhualadh,
Cha tionail sluagh ann air madainn Dòmhnaich;
Cha chluinnear seinn ann am fonn an aoibhneis,
Tha 'n tìr ri caoidh chionn nach till na seòid ud.
Cha b' e gu h-à raidh a dhol thar sà ile,
Chuir sinn fo à mhgar 's a dh'fhà g sinn brònach;
Ach mar a sgaoileadh air feadh gach taobh sinn,
'S nach faic sinn aon air a bheil sinn eòlach.
Ged tha an sluagh measg a bheil sinn truasail,
Tha 'n cà nain cruaidh 's tha iad fuar nan dòighean;
'S ann bha sinn suaimhneach far 'n thogadh suas sinn,
Le Gà idhlig uasal ga luaidh an-còmhnaidh.
An uair bhiodh à mhghair aig neach san à ite,
Gach duine chà ch bhiodh le bà igh ga chòmhnadh;
Chan fhaighte gamhlas nam measg no aimhreit,
'S e siud na glinn anns nach cluinnte fòirneart.
Tha sinne crà iteach bho rinn sinn fhà gail,
Chan e gu h-à raidh gun d'fhà g sinn stòras;
'S e chuir fo phrà mh sinn na tha dar cà irdean,
'N an laighe sà mhach 's iad cà irt' 's na fòid ann.
Soraidh slà n leibh gun teich na sgà ilean,
Far bheil sibh tà mh cha bhi cà ch nur còir ann;
Tha sibh-se sìnt' anns an tìr bu mhiann leibh,
Is eòin ri sgriachail mur n-à ite-còmhnaidh.
Mun cuairt don à ite 's a bheil sibh cà irte
Cha chruinnich cà irdean 's cha shilear deòirean;
Bidh ur n-uaighean nan tulaich uaine,
Bidh feur gun bhuain orr' 's an sluagh air fògradh.
'S e sgur dem òran is iomchaidh dhomh-sa,
Le briathran beòil meud mo bhròin chan ìnnsear;
Ceud soraidh slà n leat, O eilein ghrà dhaich,
Far 'n deachaidh m' à rach 's bheil tà mh mo shinnsre.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Lorgar sin anns an leabhar George Murray of the UP air a sgrìobhadh leis an t-Urr. A. D. Macleòid air fhoillseachadh le NPC, Newton Corner, Mass. USA.
'S ann san Iuchar 1970 a chaidh an t-òran Tuireadh nan Hiortach a chlà radh air a' Chladach a Tuath air Eilean Cheap ...
Fiosrachadh air Calum A. MacLeòid / Learn more about Calum A. MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.