Òran air a sgrìobhadh le: Coinneach MacÌomhair (Coinneach Ùr) agus air a sheinn le: Murchadh MacLeòid (Murd' an Fhèilidh).
This is a song written by: Coinneach MacÌomhair (Coinneach Ùr) and sung by: Murchadh MacLeòid (Murd' an Fhèilidh).
Cha bhi sinn gun iasg tuilleadh
Sgait is biorach as a' chuan
Muinntir an Ach le na cà irn
An coinneamh bà ta Dhòmhnaill Ruaidh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Haoidle-um tò haoidle, aoidle
Haoidle-um tò haoidle ì.
Chan eil langa ghlas no biorach
Eadar Hiort 's an Cuan a Tuath
Eadar sin is cladach Lochlainn
Nach eil gabht' aig Dòmhnall Ruadh.
An cual sibhse man a' chriutha
Bha 'n Zulu Dhòmhnaill Ruaidh
Tormod, Dòmhnall, Coinneach Greannach
Iain Geal is Dòmhnall Ruadh.
Bha fear a dhìth orr' dhen a' chriutha
'S thug iad ruid asda mu thuath
Iain 'an Bhig le briogais ghoirid
'S chuir e feagal air an t-sluagh.
Sgaitean mòr' an cùl a' Ghallain
Langanan is bodaich ruaidh
'S iad ag èigheach ris na bioraich
"Seo a-rithist Dòmhnall Ruadh!"
Cha robh combaist innt' dhan t-saoghal
Ach bata caol aig Dòmhnall Ruadh
'S e na sheasamh anns an toiseach
'G èigheachd doidsichean a' chuain.
Tighinn a-mach dhaibh aig Sgeir Dhaile
Fhuair i dh'fharsaingeachd a' chuain
Bha Iain Mhetch ag èigheachd "Heave!
Thoir na trì dhith, Dhòmhnaill Ruaidh!"
'S ann aig fadhlaichean a' Bhutt
A chuir i feagal air an t-sluagh;
Chruinnich iad a mhullach Mùirneig
A dh'fhaicinn Zulu Dhòmhnaill Ruaidh.
Bha i luath a-nuas mu Bharabhas
Bha i man earb' a' tighinn gu Brù
Dh'èigh 'An Gearran ann an Àrnol
"Schooner th' ann a' dol a dh'Ùig!"
Ri dol timcheall Rubha na h-Arspaig
Thà inig fras oirre a bha cruaidh
Chaidh Iain Mhetch sìos a chrùbadh
Ruith an t-sùilidh mach an cuan.
Chan eil eathar bheag no bà t'
Nach bi air a' steà rr Diluain
'S chan eil adag beag a dh'fhà g iad
Nach do thrà laig Dòmhnall Ruadh.
Bha muinntir Shiaboist is Àrnoil
Muinntir Bhradhagair is Bhrù
Iad ag èigheach aig a' chladach
"Iain a' Mhetch, gabh a' stiùir!"
Thà inig smancaichean à Sasainn
Air an òrdachadh gu tuath
Cha robh smanca fon a' Chrùn
Cho math ri sùilidh Dhòmhnaill Ruaidh.
Bha Tormod Iain 's Coinneach Greannach
Dòmhnall Carach 's Dòmhnall Ruadh
Tormod Dholl 's Calum Badaidh
'S Iain a' Mhetch a chinn a tuath.
Chuir iad fios a mhullach Chà rl'bhaigh
Dha gach à it' a bha mun cuairt
Iad a chruinneachadh chun an Dùnan
Dh'fhaicinn Zulu Dhòmhnaill Ruaidh.
Bha Coinneach Greannach anns a' ghalley
'S e ga thachdadh leis an luath
Leis na dh'ith e dhen a' langa
Thill an stamag aige nuas.
Bha chuid bu mhotha dhen a' chriutha
Air an lapadh leis an fhuachd
Iain 'an Bhig 's e air an t-sòla
'S e ri gòmadaich gu Cluaidh.
Nuair a rà inig na balaich dhachaigh
Dh'fheumadh sgrìobhadh dhan a' Bhruaich
'S gum print-ist as a' Highland News
"Sùilidh ùr aig Dòmhnall Ruadh!"
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
B' e fear Uilleam Caimbeul à Inbhir Lòsaidh a dhealbh a' chiad bà ta ris an cante Zulu sa bhliadhna 1879. Thug e Nonesuch mar ainm oirre, agus bha na feartan a b' fheà rr aig na bà taichean ris an cante Fifies agus Skaffies aice.
Chionns gu robh cogadh a' dol eadar Ìompaireachd Bhreatainn agus Ìompaireachd nan Zulu aig an à m, thug e Zulu air an seòrsa bà ta seo. Bha i na bu luaithe agus na b' fhasa a là imhseachadh na Fifies agus Skaffies, agus o seo a-mach bha h-uile iasgair a bha a' faighinn bà ta ùr ag iarraidh Zulu.

Rugadh Murchadh MacLeòid, mac Aonghais Mhurchaidh na h-Àirde, air 30 Sultain, 1906, agus bha e a' fuireach aig 6, Dùn ...
Fiosrachadh air Murchadh MacLeòid (Murd' an Fhèilidh) / Learn more about Murchadh MacLeòid (Murd' an Fhèilidh)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.