Rugadh Alasdair Greumach, Alasdair Ruaireachain, ann an 1930 agus thogadh e air a' Bhac, Leòdhas, ged a ghluais an teaghlach gu Steòrnabhagh mu dheireadh thall. Na òige, bhiodh e a' seinn air consairtean, ach sguir e nuair a chaidh iompachadh. Thòisich e an uair sin a' togail an fhuinn anns an eaglais agus bha fèill mhòr air, gu h-à raidh air Là Sà baid nan òrduighean.
Bha e na èildear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh airson grunn bhliadhnaichean.
Bha Alasdair ag obair ann a' muileann Tolmie agus ann am muileann eile a bha air Rathad Shìophoirt ann a' Steòrnabhagh. Phòs e Agnes à Nis agus bha dithis bhalach aca.
Tha ogha do dh'Alasdair, Katie Ghreumach, a' seinn agus a' faighinn dhuaisean a' togail an fhuinn airson nan salm aig farpaisean aig Mòd Ionadail Leòdhais. Bu dual dhith.
Chaochail Alasdair aig aois 66 ann an 1997.
Tha sinn an comain Agnes Ghreumach, banntrach Alasdair, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.