Rugadh Alasdair MacMhathain ann an Glaschu. Bha athair, Aonghas MacMhathain, à Stafainn san Eilean Sgitheanach agus bha a mhà thair, Criosaidh, à Loch Euphort an Uibhist a Tuath. Bha an dachaigh aca air Wellmeadow Road ann an sgìre Pollokshaws sa bhaile. Nuair a bha Alasdair òg, bhiodh e tric a' dol air là ithean-saora a thaigh a sheanmhair ann a' Loch Euphort, agus dh'fhà g seo gu robh e measail air Uibhist a Tuath fad a bheatha.
Bu mhiann leam bhith 'g amharc bho mhullaichean Lì,
Beinn Mhòr an taoibh dheis is gach monadh is frìth,
'S Loch Euphort nam fiadh far 'eil dachaigh mo chridhe,
Gach alltan is linne sa mhòintich.
Thug Alasdair greis ag obair mar fhear-cuideachaidh aig a' Chomunn Ghà idhealach còmhla ri Niall Mac Ille Sheathanaich anns an oifis a bha aca an Glaschu. Thug e greis cuideachd a' siubhal a' reic teatha. Phòs e Seasaidh Nic a' Mhaoilein à Siadar a' Rubha ann a' Leòdhas agus bha triùir chloinne aca - Alasdair, a tha fhathast a' fuireach ann a' Steòrnabhagh, Christine nach maireann, agus Iain a tha a' fuireach ann a' Lunnainn.
Ann an 1952 thà inig an teaghlach a Leòdhas agus còmhla ri a dhithis bhrà ithrean-cèile, Ailig Dan Eà rdsaidh agus Seonaidh Eà rdsaidh, leasaich agus leudaich iad Taigh-òsta a' Chrùin ann an Steòrnabhagh, far an robh an triùir aca ag obair. An uair sin bha iad a' ruith taigh-òsta Doune Braes ann an Cà rlabhagh.
Bha Alasdair gu mòr an sàs ann am beatha baile Steòrnabhaigh. Bha e na Chathraiche air Coimisean Cidhe is Caladh a' bhaile, na Chathraiche air Comunn Turasachd nan Eileanan an Iar, na bhall de dh'Urras Steòrnabhaigh, agus bha e air a' chomataidh a bha a' ruith Còmhlan Phìobairean Leòdhais. Aig amannan eadar-dhealaichte bha e na Chomhairliche, na Ionmhasair, na Bhà illidh agus mu dheireadh na Phròbhaist air a' bhaile.
Bha e math air seinn agus bha fèill air aig consairtean agus cèilidhean. Ged nach d' fhuair e riamh am prìomh Bhonn Òr rinn e grunn chlà ir còmhla ri Beltona.
An-diugh tha a mhac, Iain MacMhathain, no Ado mar a dh'aithnichear e, e fhèin na sheinneadair agus na òranaiche mar a chluinnear air an CD aige, Out on the Islands. Air an CD seo tha e a' faighinn taic bho mhac, Hans MacMhathain, a tha air cliù a chosnadh dha fhèin mar neach-ciùil tà lantach agus mar chleasaiche a tha air nochdadh ann am filmean agus air telebhisean còmhla ri leithid Kiera Knightley, Sam Neill, Anna Friel agus Demi Moore.
Chaochail Alasdair MacMhathain, aig aois 62, air 15 Giblean, 1973.
Tha sinn an comain Alasdair, a mhac, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.