Ann an Gairm, Àireamh 7, chuireadh a' cheist air an luchd-leughaidh, "An aithne dhuibh An t-Oll. Urr. Coinneach MacLeòid?" agus thòisich freagairt na ceist mar seo:
"Cha do rugadh Coinneach MacLeòid ann. Thà inig e a-mach à sìdhean ann an Eilean Eige anns a' bhliadhna l871 an uair a bha Dòmhnall MacLeòid às Uige an Eilein Sgitheanaich na mhaighstir-sgoile anns an eilean.
Mar is trice, tha daoine a thà inig don t-saoghal seo ann an l87l ceithir fichead bliadhna 's a trì air a' bhliadhna seo. Ach tha e duilich a rà dh dè 'n aois a tha 'n t-Ollamh Coinneach, oir tha e air a bhith a' fàs òg bhon a bha e dà fhichead!
Tha e gu slà n, fallainn ann an Dùn Èideann agus chan eil ach dà rud ceà rr - chan eil e ann am fianais na mara agus tha na seann chà irdean a bh' aige air fàs cho somalta agus nach eil spòrs sam bith annta!"
Bha seo ann an 1954, a' bhliadhna mus do chaochail Coinneach MacLeòid. Rugadh e ann an Sannda Bheag, ann an Eige, far an robh athair, a bhuineadh don Eilean Sgitheanach, na mhaighstir-sgoile aig an à m. Thogadh a mhà thair, Seònaid Humphrey, an Cùl-cinn Asainte.
Tha e coltach gur ann bho thaobh athair a fhuair e an ùidh agus an t-eòlas a bha aige air beul-aithris agus ceòl.
Bha piuthar athar, Sèonaid NicLeoid, a' fuireach còmhla riutha ann an Eige agus na òige thog Coinneach mòran òrain bhuaipe, gu leòr dhiubh sin a nochd anns na leabhraichean Songs of the Hebrides.
Tha sealladh air Seònaid ri fhaighinn ann an Carmina Gadelica, Leabhar 5, is Coinneach air chuairt an Eige ann an 1905 còmhla ri Alasdair MacIlleMhìcheil. Dh'innis i dhaibh mu a daoine:
"Bha cuideachd m' athair, Clann a' Chomhairlich, iomraiteach airson seann òran is nithean den t-seòrsa sin. Nach ann mun deidhinn a thuirteadh nach do chaill iad bà rdachd no beul-aithris riamh, ach a' sìor chur ris a' chà rn."
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 26/11/1936, chaidh a rà dh mu dheidhinn Choinnich:
"An là ithean òige bha e ag òl à dà fhuaran anns an robh beò-uisge litreachais – fuaran Mhic 'ic Ailein agus fuaran Dhùn Bheagain agus Ròdail."
Aig aois 13 dh'fhà g Coinneach Eige agus chaidh e do Sgoil Raining ann an Inbhir Nis far an tug an sgoilear ainmeil An t-Oll. Alasdair MacGilleBhà in buaidh mhòr air. Bha MacGilleBhà in cuideachd na fhear-cruinneachaidh òrain agus beul-aithris agus bhrosnaich e Coinneach gu dhol an sàs ann an obair-cruinneachaidh cuideachd.
À Sgoil Raining, chaidh Coinneach MacLeòid do dh'Oilthigh Ghlaschu. Ach, mar thoradh air cion slà inte, b' fheudar dha fà gail. Ach cha do chuir a' bhuille seo bacadh air an ionnsachadh, mar a dh'innis Aonghas MacDhonnchaidh, a bha eòlach air, ann an Gairm, Àireamh 20, Samhradh 1957:
"Fhuair e cothrom on duine chòir, an Ridire Uilleam MacFhionghain, a rugadh an Ceannloch, cuairt a chur san Àird an Ear air tè de na soithichean aige. Bha e mu fhichead bliadhna aig an à m. Fhuair e na b' fheà rr, agus ged a chaidh bacadh air an car fòghlaim aig an à m, chuir e ùine seachad na shoisgeulach an dusan à ite sa Ghà idhealtachd mus do shuidhicheadh e na mhinistear air sgìre Cholbhasa agus Orasaidh - "Orasaidh nan ceall 's nan dìdean", mar theireadh e fhèin - agus chuir e mar sin eòlas air cainnt agus cleachdadh nan Gà idheal a tuath agus a deas. Cha robh dual-chainntean eilean no am mòrthir nach b' aithne dha."
Agus a rèir coltais bha a' bhuil air a' Ghà idhlig aige fhèin, mar a sgrìobh MacDhonnchaidh:
"Bha Gà idhlig Choinnich 'icLeòid cho coileanta 's nach iarradh duine sgur ga èisteachd. An dèidh dha innseadh dhuinn mu chuideigin a thuirt ris gum maireadh a' Ghà idhlig a' leithid seo do dh'ùine, chuir e ann an dà dhòigh dhuinn e, ag rà dh gu robh am fear a bha an seo a' gealltainn saoghal do ar cà nain sìos chun an t-siathamh glùin.
Chuir e an uair sin air dhòigh eile e, agus ged a bha sinn den bheachd gur h-ann glè spìocach a bha am fear ud, ge be cò e, bha an dòigh anns an do chuir Coinneach e na annas do mhòran.
"A' Ghà idlig", arsa Coinneach, "aig a' mhac; a' Ghà idhlig aig an ogha; a' Ghà idhlig aig an iar-ogha; a' Ghà idhlig aig an dubh-ogha; a' Ghà idhlig aig an fhionn-ogha; agus a' Ghà idhlig aig iar-ogha an dubh-ogha".
Thug Coinneach MacLeòid mòran taic is cuideachadh do Mharsaili Cheanadach Fhrisealach agus tha e cinnteach nach biodh ise air leithid a dhèanamh às aonais-san. Chuir iad a-mach ceithir leabhraichean còmhla fo na tiotalan Songs of the Hebrides (eadar 1909 agus 1921) agus From the Hebrides, greis an dèidh sin.
Ann an litir gu caraid dh'innis e mun dòigh anns an robh e ga cuideachadh:
"Nuair a bha facail mhatha aig na fuinn cheana, bha an obair furasta gu leòr. Cha robh againn ach Beurla a chuir orra mar a b' fheà rr a b' urrainn dhuinn. Ach bha mòran de na fuinn gun fhacail idir. Cha robh iad ach mar gum biodh a' snà mh anns a' ghaoith, agus, am bitheantas, 's ann agamsa a bha ris na fuinn sin a cheangal ri smaointinn no ri sgeul."
Tha an t-òran Triall Mara na h-Ì na eisimpleir den obair aig Coinneach. Sgrìobh e e mar gum b' e iorram a bh' ann, a bhite a' gabhail is corp Rìgh na h-Alba ga aiseag a-null gu talamh coisrigte Eilean Ì.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC, air 26/11/1936, dh'innis caraid:
"Tha e fhèin a' cumail a-mach nach ann d'a dheòin a thòisich e air bà rdachd idir ach dìreach gu robh feum aig fuinn air facail. Is minig a thuirt e fhèin gur e rosg mòran is à ill leis a bhith sgrìobhadh na bà rdachd, ach is e ar beachd-ne gur e bà rdachd a th' as na h-uile facal a tha e a' sgrìobhadh co-dhiù a tha e na rosg no na ranntachd.
Ars esan rium uaireigin, "Mur b' e na fuinn cha tugainn bonn-na-h-ochd air na facail."
Leughar ann an Gairm, Àireamh 7, An t-Earrach 1954:
"Ann an Giogha sguir e a' sgrìobhadh litrichean! Bhiodh "Marsaili nan Òran" an còmhnaidh às a dhèidh le fuinn 's le bìdeagan de fhuinn a lorg i, agus i ag iarraidh fhacal.
Bha Coinneach a' fàs sgìth den ghnothaich agus sguir e a sgrìobhadh thuice-se an toiseach. Ach an uair a chuala i gum biodh e a' sgrìobhadh gu feadhainn eile, ghabh i an caothach agus b' fheudar dha sguir a sgrìobhadh chun a h-uile duine a bh' ann!"
"Cha robh mise na mo bhà rd riamh," arsa Coinneach MacLeòid. "Cha bhithinn ach a' cà ireadh bhloighean a b' fhiach an cà ireadh, agus a' cur dreach ùr air rudan air nach robh dreach bho thùs.""
Thug Oilthigh Chill Rìbhinn urram "Ollamh" do Choinneach MacLeòid airson na rinn e don Eaglais. Bha e cuideachd ainmeil, agus airidh air a chumail air chuimhne, mar sgrìobhaiche rosg:
"Cha robh mòran a chuir peann ri pà ipear riamh a chuir an snas a chuir e air na dh'fhà g e. Tha 'Là 's Bliadhna leis na h-Eòin' am measg litreachas cho laghach, brèagha 's a th' againn – là n de ghliocas; là n den choibhneas; là n de bhlà ths. Là n de na rudan den bheil Coinneach MacLeòid fhèin là n."
Chaochail Coinneach MacLeoid ann an 1955.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.