Rugadh an t-Urramach Donnchadh MacAsgaill ann an Beà rnaraigh na Hearadh ann an 1909, am pà iste bu shine ann an teaghlach as an robh ochdnar.
Nuair a dh'fhà g e an sgoil chaidh e gu chosnadh air gheataichean air Riviera na Frainge, agus, an dèidh sin, a' cà radh bhrògan ann an Obar Dheathain. Bha e mu 30 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh e a dh'obair do Misean Dachaigh Eaglais na h-Alba mar mhiseanairidh, no deucon.
Shaothraich e ann an Àrd Bhà sar san Eilean Sgitheanach eadar 1939 agus 1944. Ann an sin thachair e air Fanaidh NicAsgaill à Caolas Scalpaigh agus phòs iad ann an 1942. Bha triùir nighean aca agus aon ghille. Gu duilich, chaochail aon nighean, Donina, ann an tubaist le baidhsagal ann an 1953, 's gun i ach ochd bliadhna dh'aois. Anns an dà n spioradail, 'An Cladh', thuirt e:
Tha dealachadh ri cloinn nan òig
Na h-eachdraidh bhròin ri luaidh
Tha an call seo mòr air cà irdean còir
Is leòn nan crìdh' gach uair;
Cha dèanar suas dhaibh siud gu brà th
Na pà istean chaidh thoirt uath'
Ach fìor cho-chomann caomh is grà idh
An t-Slà naigheir bho shuas.
'S le Dia ar clann tha lag is fann
Dan tug sinn grà dh is mùirn
Bha leinn mar lili anns a' ghleann
Gan cumail teann mun ghlùin;
Ach thà inig gairm an Tì as à ird'
Gan toirt tron bhàs a-null
'S dh'fhà g siud sinn duilich aig an uaigh
Sa chladh ud shuas fo thùrs'.
Thug Donnchadh MacAsgaill greis ann an Sròn an t-Sìthein agus, ann an 1947, thòisich e air trèanadh foirmeil airson na ministrealachd. Chaidh a choisrigeadh gu dreuchd ministeir ann an 1953 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Innis nan Lìon ann an Cataibh.
Ann an 1955 ghabh e ri gairm o choitheanal Bhrà cadail anns an Eilean Sgitheanach far an robh e gus an do thill e gu tìr-mòr na Gaidhealtachd, gu sgìre Earghlais, ann an 1962.
Chrìochnaich e là ithean a mhinistrealachd ann am Beà rnaraigh Leòdhais, far an deach e ann an 1967. Leig e dheth uallach coitheanail anns an Iuchar 1974 agus rinn e fhèin agus Fanaidh an dachaigh an Inbhir Nis.
Ann an 1977 chaochail Fanaidh le aillse, 's gun i ach leth cheud sa sia:
Bha thu cho còir
Is dòigheil, geanail, gun uaill;
Bhiodh biadh air do bhòrd
'S gu leòr don choigreach air cuairt;
'S tu dheasaicheadh lòn
Gun bhòsd, gun ghearain, gun ghruaim,
E ullaicht' o d' Ã mhainn
Blà th is blasta gach uair.
Ach thà inig an uair
Mo thruaigh, thug mulad nar còir
Nuair bhris air do shlà int
'S gun phlà sd ann chumadh tu beò;
Dh'fhà g siud mi fo chrà dh
Air m' fhà gail falamh 's fo bhròn
'S gad ionndrainn gach lÃ
Tha Mà iri, Aileen is Dòmhnall.
Dh'fhuiling an t-Urr. Donnchadh MacAsgaill buille chruaidh eile nuair a dh'eug an aona mhac, Dòmhnall, leis an aon thinneas ri mhà thair.
Chaochail An t-Urr. Donnchadh MacAsgaill ann an 2006.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Chaidh dà leabhar de dhà in spioradail leis An Urr. Donnchadh MacAsgaill fhoillseachadh le Crùisgean, Bean mo Rùin ann an 1987 agus An Dòchas Beò ann an 1990.
Tha sinn an comain Ailig Dhòmhnallaich an Inbhir Nis airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.