'S e an t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach (1920-1998) a sgrìobh na facail aig Madainn th' air Èirigh a tha coitheanal eaglaisean Thiriodh a' seinn. Rugadh e ann an Uibhist a Tuath. Bha e na mhinistear aig Eaglais na h-Alba ann a' Steòrnabhagh agus ann an Innis, Obar Dheathain.
'S e sgoilear Gà idhlig air leth a bh' ann agus tha mòran de chuid laoidhean ann an clò. Dh'eadar-theangaich e bà rdachd Burns air fad gu Gà idhlig agus chaidh a chrùnadh mar Bhà rd a' Chomuinn Ghà idhealaich, aig Mòd Chataibh, ann an 1977.
Tha co-dhiù dà eadar-theangachadh eile den laoidh Morning has Broken ann. Anns an laoidheadair Seinnibh don Tighearna (Kevin Mayhew Ltd, 1986) tha an t-eadar-theangachadh aig Ceana Chaimbeul:
Solas na grèine
Madainn na glòrach,
Ceòlraidh an t-slèibhe
Caithream don là ;
Molamaid ceòlraidh
Molamaid bòidhchead
Molamaid dòchas
Facal A ghrà is.
Uisgeachan mìne
Tuiteam bho Nèamh mar
Thuirling an driùchd
Thug toiseach air fà s;
Milis am mìnead
Maiseach an dìthean
Dh'èirich gun strì
An là rach A shà il.
Solas na grèine
Madainn na glòrach
Dheà lraich air Eden
Deà lrachadh oirnn;
Moladh le èibhneas
Moladh ag èirigh
Cruthaidheachd Dhè
Air madainn gach lò.
Agus anns an iris Gairm, Àireamh 80, Foghar 1972, lorgar an t-eadar-theangachadh a leanas le Iseabail NicDhòmhnaill, Baile Dhùn Lèibhe:
Tha mhadainn air briseadh
Mar a' chiad mhadainn,
Tha 'n lòn dubh air bruidhinn
Mar a' chiad eun.
Cliù do an cheilear,
Cliù do an mhadainn,
Cliù dhaibh bhith tighinn
Gu h-ùr bhon uan.
Mar thuiteam na ciad dhealt
Air a' chiad neòinean
'S caomh tuiteam na h-ùr fhrois,
Grian shoillsicht' on speur.
Cliù 'r son a' ghà rraidh
Tha cùbhraidh fon uisge
Air èirigh na là nachd
Far an stiùir E a cheum.
'S leam soillse na grèine
'S leam briseadh na maidne,
Bha ri fhaicinn a Eden
A' mireadh an à ird.
Moladh le iolach
Moladh gach madainn
Dia bhi 'g ath-chruthachadh
Dhuinn gach ùr là .
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.