Rugadh Aonghas Caimbeul, mac Alasdair Mhurchaidh Òig à Suaineabost, air 3 Sultain 1908, ann an Nis, Leòdhas. Bha e na b' òige na a bhrà thair, air an robh an t-ainm Aonghas cuideachd agus am far-ainm, Am Puilean.
Anns an ro-rà dh a sgrìobh Am Puilean don leabhar as a bheil bà rdachd a bhrà thair air fhoillseachadh, tha e ag rà dh:
"Thug iad Am Bocsair air na bhalach òg an Sgoil Chrois, air sgà th gu robh e sgileil agus cruaidh air sabaid dhòrn am measg a chomhaoisean."
B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bha na athair agus ghluais an teaghlach gu Beà rnaraigh na Hearadh nuair a bha e 10. Bha iad an sin bho 1918 gu 1926 agus cha do chaill e riamh an ceangal a bha aige ris an eilean agus ri muinntir Bheà rnaraigh:
B' e 'n tlachd dom shùil bhith tà mh ann
An à m an fhoghair chà ilear
'S na h-iomairean fo bhà rr-bhuidhe òr-dhait';
Bidh corc is eòrna fàs ann
Gu crothach, torrach, Ã illidh,
'S bà rr-guc air a' bhuntà ta cho glòrmhor.
Is grinn na lochan sà mhach
Fraoch bagaideach cur sgà il orr'
'S na bric a' faighinn tà mhachd nan òban;
Nad inntinn cinnidh mà nran
Ag amharc air an sà r mhais
Nan toireadh aoidh air nà dar dhut sòlas.
Tha 'n sluagh ro-chridheil, cà irdeil,
An eilean uaine Bheà rn'raigh
'S iad furanach nam fà rdaichean òrdail;
An coigreach gheibh e bà igh ann
Na h-euslaintich gheibh slà int' ann.
'N trom inntinn gheibh i tà ladh le ceòl ann.
Ghluais an teaghlach an uair sin gu Beà rnaraigh Ùige Leòdhais agus à sin chaidh Aonghas a Ghlaschu. Chaochail a mhà thair ann an 1930, agus le athair a' dol a dh'Uibhist a Tuath goirid an dèidh sin, thill Aonghas a Nis.
"'S e bliadhnaichean aighearach, sòlasach a chuir e seachad an Nis. Bha e na sheinneadair anabarrach math agus ceòlmhor agus aig an à m ud cha robh banais, fèisd-chiùil no cèilidh aig nach robh coitheanal là n-riaraichte nuair a bhiodh e fhèin agus Kitty NicLeòid a' seinn, duine mu seach."
Bha Am Bocsair a' cumail bùth an Nis gus an do thill e a-rithist a Ghlaschu, ann an 1933. Fhuair e obair ann an Ospadal Hawkhead, far an robh e mu shia bliadhna:
Taigh Ceann a' Chlamhain
nan daoine tha geanail,
'S ann dhomhsa nach b' aireach
thighinn tarsainn a riamh air;
Meadhan an earraich
chaidh mise fo chabair,
'S tha mòran am barail
nach fhaigh mi am bliadhn' Ã s.
Thuirt MÃ iri mo phiuthar
gun chuir i orm umhail,
Nuair bhrist mi na h-uighean
's cearc-ghuire sa chliabh orr';
Gu robh fios aig a' bhaile
an Cros 's anns na Dailean
Gur siud far an stadainn
am amadan cianail.
Ann an 1937, phòs Aonghas Mà iri Mhoireach, Mà iri Dhoileara, nighean le piuthar Dhòmhnaill Chrà isgein, Bà rd Bharabhais. Bha iad an toiseach a' fuireach an Glaschu ach, ann an 1940, thill iad a Leòdhas agus rinn iad an dachaigh ann an Dail bho Dheas, far na thòisich Aonghas ag obair na mharsanta.
Bha ceathrar a theaghlach aca, triùir mhac, Dòmhnall, Alasdair agus Tormod agus aon nighean, Cairistìona. Tha Alasdair agus Tormod an-diugh aithnichte mar sgrìobhaichean.
Cha robh Am Bocsair là idir, no gu tur slà n. Mar a mhìnich a bhrà thair, Am Puilean:
"Ghabh e dà thinneas cudthromach an Glaschu a chuir gaiseadh na shlà inte agus bho nach robh e gu tur saor a riamh tuilleadh, ged bha e na chomas a ghnothaichean là itheil a chur gu buil gus an dà bhliadhna mu dheireadh de bheatha.
Cha robh ìocshlaint no cungaidh-leigheis da eucail ann san à m ud; agus ged is ann air ceuman mall na feall-fholaich a bha an creachadair a' lagachadh a threòir, bha an deireadh doilgheasach do-sheachnach."
Thà inig atharrachadh am beatha Aonghais mu thrì bliadhna mus do bhà saich e agus thug sin buaidh air na dà in mu dheireadh a rinn e:
Air sgath aon-ghin do ghaoil
Èist a' ghlaodh seo bhon talamh
Tha mo lotan ro bhreun
'S chan eil crè annam fallain;
Ged a rannsaich mi geur
Cha robh lèigh dhomh ri fhaighinn
Dh'fhàs an saoghal dhomh searbh
'S chaidh a dhearbhadh dhomh falamh.
Ach tog thusa mi, Dhè,
Stiùir mo cheum air an rathad
Thoir dhomh comas is dèidh
A bhith rèidh riut gun ghearain;
Stiùireadh m' aignidh 's mo smuain
Air an dùthaich tha maireann
Far na dh'ullaich thu à it'
Rinn do ghrà dh dhuinn a cheannach.
Chaochail Am Bocsair ann an 1949. Chaidh cuid dhe bhà rdachd fhoillseachadh an toiseach ann an leabhar beag Ã’°ù²¹¾±²Ô Ghà idhlig, ann an 1943, agus chaidh cruinneachadh na bu mhotha, Bà rdachd a' Bhocsair fhoillseachadh le MacDonald Publishers an Dùn Èideann ann an 1978.
Tha seinneadairean fhathast measail air cuid de na h-òrain aige, gu h-à raidh 'Osag Chùbhraidh nam Beannaibh' agus 'Air Bhà rr nan Tonn gu Siùbhlamaid'.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.