Rugadh Aonghas Iain Dòmhnallach an Cnoc a' Lìn an Uibhist a Tuath air 18 Gearran, 1900. Bha a shinnsireachd air a bhith san sgìre airson seachd ginealaich a rèir an eachdraidh-beatha aige, a sgrìobh an t-Ollamh Dòmhnall Fearghasdan san leabhar The Hebridean Connection, cruinneachadh den bheul-aithris a bha aig Aonghas Iain Dòmhnallach, a dh'fhoillsich e an Alba Nuadh an Canada an 1984.
Bha athair Aonghais Iain, Iain Mac Eòghainn 'ic Iain na mhaighstir-sgoile agus na sheanchaidh an Uibhist a Tuath agus na bhall de sheòrsa de chomann de sheanchaidhean air an robh Iantruig nam Boid, a chaidh a stèidheachadh trà th san t-seachdamh linn deug.
Bho òige tha e coltach gu robh ùidh mhòr aig Aonghas Iain ann an eachdraidh, òrain agus gach seòrsa beul-aithris, agus gu robh deagh chuimhne aige cuideachd. Chaidh Aonghas Iain e fhèin a ghabhail a-steach do chomann nan seanchaidhean ann an 1916.
Gu samhradh 1919 bha e ag obair còmhla ri athair a' togail agus a' cà radh rathaidean Uibhist. An dèidh sin bha e air a' phoilis an Cille Mheà rnaig gu 1926 ach a' gabhail a h-uile cothrom tilleadh dhachaigh agus cuir ris an eòlas a bh' aige air a dhualchas.
Nuair a chaochail athair fhuair Aonghas Iain obair ann an Seirbhis a' Chrùin ann an Ceylon, ach cha robh e ann fada nuair a bhuaileadh e leis an tinneas cunnartach, malaria. Chaidh a chuir a dh'Astrà ilia airson faighinn thairis air. Mhol na dotairean dha gun tilleadh gu Ceylon air sgà th a shlà inte agus le sin dh'fhuirich e an Astrà ilia.
Phòs e bean Èireannach, Catrìona, agus rinn iad an dachaigh ann a' Sydney far an do lean e air a cruinneachadh bbeul-aithris bho eilthirich eile sa bhaile, à Uibhist a Tuath agus à ceà rnaidhean eile. Ann an 1930, ghabh e dreuchd mar rùnaire Comann Gà idhlig New South Wales.
Mu 1932, chuir e eòlas air Clement Hosking, seinneadair ainmeil an Astrà ilia aig an robh ùidh mhòr ann an òrain Ghà idhlig, agus thòisich e air Gà idhlig a theagasg dha.
Sgrìobh Hosking leabhar, Fine Song for Singing ann an 1951, a' toirt iomradh air cuairt a thug e fhèin a dh'Uibhist a chruinneachadh òrain, agus leabhar eile, Three Hebridean Songs ann an 1953.
Rinn Aonghas Iain mòran obair còmhla ri seinneadair agus neach-ciùil eile, Jean Gillespie London, a ghabh uallach airson a' chiùil anns an leabhar From the Farthest Hebrides, a dheasaich an t-Ollamh Dòmhnall Fearghasdan agus a dh'fhoillsich e ann an Canada ann an 1978. B' e Aonghas Iain an neach-deasachaidh Gà idhlig a bha air an leabhar seo, as a bheil iomadh òran a bha aige fhèin.
Thug e taic mhòr do Dhòmhnall Fearghasdan cuideachd le leabhar de dh'òrain a rinneadh le eilthirich an Aimeireaga a Tuath, an Astrà ilia agus ann an Sealan Nuadh, Fad air Falbh às Innse Gall (Canada, 1977).
Chaochail Catrìona ann an 1942 agus ged a bha Aonghas air fhà gail le dithis chloinne rin togail, 's gun iad ach còig agus ochd bliadhna, lean e air a' cruinneachadh òrain agus sgeulachdan, a' cuideachadh dhaoine aig an robh ùidh ann an Gà idhlig, agus a' teagasg a' chà nain.
Ann an 1958 thill Aonghas Iain air chuairt a dh'Uibhist a Tuath airson an turas mu dheireadh. Chaochail e ann a' Sydney air 23 Samhain, 1975, agus e fhathast ag obair a' feuchainn ris na bh' aige de bheul-aithris air a chuimhne a sgrìobhadh sìos.
Chaidh leabhar mu Aonghas, The Last Shenachie le John Douglas Pringle, fhoillseachadh ann an Sydney, Astrà ilia, ann an 1976.
Leis a' chlà radh den òran Banais Chiostal Odhar a rinn Aonghas dhan BhBC chuir e am fiosrachadh a leanas:
"This song, of which there are many variations indeed, is actually a bagpipe composition. And the variation I'm giving here is called, in North Uist at any rate, Tionndadh Dhòmhnaill 'ac Ruaraidh. Mac Ruaraidh was a very colourful personality and in his day a very great piper. He was born in North Uist in the year 1803."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.