Rugadh Aonghas MacIllFhaolain ann am Paraiste Naoimh Eòis ann am Mà rgaraidh an Iar-dheas air Eilean Cheap Breatainn. Chan eil fios cinnteach ann gu dè a' bhliadhna a rugadh e, ach bhathas ga shloinneadh mar Aonghas Iain mac Iain 'ic Caluim agus b' ann à Mòrar a bha a sheanair.
Ann an là ithean òige bha e ri tuathanachas agus obair fearainn, ach fad ùine 's e a bha a' cumail an taigh-sholais air Eilean Mhà rgaraidh.
Gheibh sinn sealladh air fhèin agus beachd air a chuid òrain ann an 'Òran do dh'Fhear an Taigh-sholais' a sgrìobh bà rd eile, am maighstir-sgoile 's am marsanta, Dòmhnall MacPhà rlain, dha:
Soraidh bhuamsa le deagh bhrìgh
Null do dh'Eilean beag Mhà rgaraidh
Àite tà mhachd fir mo chridh'
Aig a bheil an inntinn aighearach.
On tha theisteanas glè à rd
Thagh an Riaghaltas e thar chà ich
Thug gach aon da cridhe blà th
Oir cha robh nà mhaid aige-san.
Nuair bhios soithichean a' chuain
Oidhche dhorch an èiginn chruaidh
Togaidh Aonghas solas suas
A dh'fhògras gruaim a' mharaiche.
Cha bhi meang no èis na dhreuchd
Cha bhi fà illinn bheag na ghnìomh
Gnothach ceart, 's e sin a mhiann
'S chan e bhith 'g iarraidh fathamais.
Fhuair mi òrain bhuaidh tha grinn
Ã’°ù²¹¾±²Ô fhonnmhor, cheòlmhor, bhinn,
Cuid dhiubh mu na "Cnuic 's na Glinn"
Is gu bheil inntinn fhathast annt'.
Air an deilbh le dreach is loinn
Tha chuid òran còrdadh rinn
Tha iad mùirneach le luchd seinn
Is faighneachd aig gach banais orr'.
Bhon a chaidh e thar a' Chaoil
Gu bheil ionndrainn air an laoch
Tric a chuir e bròn gu taobh
'S a chuir e faoin air smalanachd.
Agus anns an fhreagairt a thug Aonghas do Dhòmhnall MacPhà rlain airson an òrain molaidh seo tha e follaiseach gu robh e na dhuine socharach cuideachd:
Rinn thu luaidh air à ird mo chliù
Seinn mum mheas, mum chiall, 's mum thùr
Ach tha teagamh ann co-dhiù
Gun ruig do bhiùthas fhathast orm.
Ionndrainn air an laoch, mas fhìor
Cò a chual' a leithid riamh!
'S ann thug daoine taing do Dhia
Nuair thriall e às an sealladh-san.
Tha còig de dh'òrain Aonghais anns an leabhar Smeòrach nan Cnoc 's nan Gleann, air a dheasachadh le Bernard Gillis agus An t-Oll. P. J. MacNeacail ann an Antigonish an Alba Nuadh. Chaidh fhoillseachadh an Glaschu sa bhliadhna 1939.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.