Rugadh Calum MacLeòid, Calum Fox, as Na Geà rrannan, ann an Cà rlabhagh, Leòdhas, sa bhliadhna 1902. An dèidh an sgoil fhà gail thug e greis ag obair aig a' Mhorair Leverhulme ann a' Steòrnabhagh.
Chaidh e do na Stà itean Aonaichte san Lùnastal 1923 agus shoirbhich leis ann an Ameireagaidh. Fhad 's a bha e ann, tha e coltach gu robh e cuimhneachail air an fheadhainn a bha aig an dachaigh, agus air clann Sgoil Chà rlabhaigh.
Nuair a bhris a shlà inte thill e air ais a Leòdhas, far na chaochail e air 15 Giblean, 1931. Chaidh adhlacadh ann an cladh Dhaile Mòir mar a dh'iarr e san t-òran An Till Mise Chaoidh.
An dèidh a bhà is sgrìobh caraid:
"Outwardly his was a sunny nature and only to the few did he reveal that philosophic side of him which made him notable among his fellows. He could plough depths of thought where few could follow and I shall always feel grateful that, on occasions, I was permitted to traverse with him these unfamiliar tracks. His philosophy of life was beautiful in the extreme and bound to influence and enrich all who came in contact with him."
Bha Calum MacLeòid gu là idir den bheachd gu robh eachdraidh air a fiaradh a thaobh nan Gà idheal agus nan Èireannach, agus gu robh na Gà idheil ro dhiùid ann a bhith a' tagradh an còirichean fhèin. Ann an òran eile tha e ag rà dh:
'S beag a thuig sibh cò spùin sibh bho ur còir
No cò a bh' air a' stiùir an eagalaich cùileach fo chleòc.
Aig an robh arm a' chrùin 's laghan cùirteach nan dòrn
Thionndaigheadh iad gach taobh is lùbadh iad gach dòigh.
'S e na factors dh'fhaodadh smùideadh 's rùsgadh dachaighean nan seòid
Agus rudan an-diadhaidh chur an gnìomh fo sgiath na Lords,
Bha iarrtach na Gà idheil spìonadh, 's an "cùrsa ciallach" gabhail leò,
Sin agaibhse luchd-riaghlaidh pà rlamaid rianail na Roinn Eòrp'.
Cha d' shalaich na h-uaislean ud a là mhan man tà irngeadh iad nà ir' orr' bhiodh buan,
Airson an obair sin gu h-à raidh chruinnich iad trà illean shìos is shuas;
Chuir iad cuideachd, ged bu ghrà nd' e, thuc' teachdairean gun ghrà s, gun Dia,
Dh'iarradh orr' bhith foighidneach, là idir, gun èirigh 'n à rd ma bha grà dh ac' do shoisgeul Chrìosd.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.