'S ann às a' Ghleann am Barraigh a bha Catrìona Cecilia NicNèill, Catrìona Iain Raghnaill, no mar a b' fheà rr a dh'aithnichte i, Cacile. B' e NicDhùghaill a bh' innte mus do phòs i. Rugadh i air an 19 Dùbhlachd, 1927.
Bha a h-athair air fear de na fir a ghabh fearann ann a' Bhatarsaigh san Iuchar 1906, agus ghluais an teaghlach dhan eilean. Rugadh a' chiad leanabh de dheich ann a' Bhatarsaigh, ach nuair a chailleadh i, ghluais an teaghlach air ais a Bharraigh, dhan Ghleann.
As a' Ghleann, far an d' rugadh Cacile, bha na teaghlaichean mòr agus bha na cà irdean pailt. Bha brà thair a mà thar an taobh shuas dhiubh, 's piuthar a mà thar an taobh shuas dhe sin. Bha cuideachd a h-athair shìos san Tobhta Dhruiseach, agus bha daoine daonnan a-null 's a-nall à taighean a chèile.
Bha Cacile, bho h-òige, dèidheil air na seann òrain agus gun teagamh, chuala i gu leòr dhiubh bho a cà irdean fhèin, gu h-à raidh bho Anna is Peigi Raghnaill Eachainn.
A rèir Iain Latharna Caimbeul, anns an leabhar aige Hebridean Folksongs II (Oxford 1977), 's ann mu deidhinn Peigi a sgrìobh Anna NicIain, gu robh aice, "the finest store of folk-songs that any person living at the moment (1933) has ever heard." Chlà r Fear Chanaigh cuid de na h-òrain a th' anns an leabhar seo bho Anna Raghnaill Eachainn.
Nuair a bha Cacile a' fà s suas, bha luaidh gan cumail am Barraigh dìreach airson na seann òrain a chumail air chuimhne is bhiodh i a' dol thuca. Mar a dh'innis i, ann am prògram air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 24/01/2001:
"Cha bhithinn a' faighinn urram treasta idir, ach bhithinn shìos an cùil nan daoine grà nda, agus bha mi ag èisteachd ris na h-òrain, 's bha mi gan togail."
B' e Anna Raghnaill Eachainn piuthar a h-athar, agus dh'ionnsaich Cacile mòran òrain bhuaipe:
"Bha i math gus an gabhail, 's math gus an ionnsachadh do dhaoine. Bha e a' còrdadh rithe cho math a bhith a' gabhail nan òran 's nach iarradh tu ach a bhith ag èisteachd rithe. Bha i a' cur de dh'ùidh annta, de chiallachadh as a h-uile grèim a bha i a' gabhail.
Dh'eug an duine aig Anna agus chaidh i na banntrach a-staigh còmhla ri h-athair agus a piuthar fhèin. Taigh uabhasach toilichte a bh' ann, agus chòrdadh e cho math riut a dhol ann. Ã’°ù²¹¾±²Ô gu leòr agus blà ths, is bha iad là n bhlà iths is cà irdeas 's chòrdadh e ri duine dhol a-staigh a chòmhradh riutha."
B' e Ealasaid Eachainn is Peigi Eachainn dà phiuthar mà thar Anna. Bha Ealasaid gu h-à raidh là n spòrs. Dh'innis Cacile mu thuras a thug Anna NicIain fear a thà inig timcheall a chruinneachadh òrain a choimhead air Ealasaid:
"Thuirt a' fear a bh' ann ann am Beurla, "Ma thig mise a dhannsa, an gabh thu port dhomh?"
'S leum e air an ùrlar, 's thòisich e a' dannsa, is thòisich Ealasaid air a' phort a ghabhail.
"Is dè chuir an taobh-s' thu le d' chasan caola feadanach? Dè chuir an taobh-s' thu le d' chasan caola neònach?"
Agus bha 'n comann a' dol às an ciall a' gaireachdainn, 's cha robh fhios aige-san co air a bha iad a-mach. Shaoil e gur ann leis cho ait 's a bha e fhèin!"
Bha cuimhne bhlà th aig Cacile air na boireannaich bhon d' fhuair i na h-òrain. 'S i Peigi Eachainn a bhiodh tric aig ceann na clèithe aig na luaidh, agus 's i bhiodh a' tòiseachadh nan òran.
"Gu bitheanta, 's e na h-aon òrain a bhiodh aig Peigi 's aig Anna, nighean piuthar Peigi, 's bhiodh iad a' dol còmhla gu seinn, 's a' connspaid ri chèile nuair a ghabhadh iad pìos ùr dhe. Bha mà thair Ealasaid às Mòrair 's thug i òrain as a' sin.
Bhiodh iad cuideachd a' dol a thaigh Mà iri Iain Choinnich, mar a bhiodh mà thair Flòraidh NicNèill, agus bhiodh iad a' gabhail nan òran an sin, 's gan toirt dha chèile, 's gan ionnsachadh bho chèile."
Dh'ionnsaich Cacile òrain san sgoil cuideachd.
"Bha an t-uabhas òrain aig Meireag Dhòmhnaill Ruaraidh, 's bhiodh i gan toirt dhuinn, 's nuair a ghabhainn-sa iad nuair a rachainn dhachaigh, bhiodh mo mhà thair ag rà dh, "Sin na h-òrain aig a h-athair."
An uair sin bha Annag NicIain, 's bha ise a' toirt dhuinn òrain cuideachd. O, bu toigh leinn i."
Fhuair Cacile trèanadh mar nurs ann an ospadail Yorkhill agus Stobhill an Glaschu, agus lean i an dreuchd sin an iomadh à ite eadar Cataibh, Inbhir Nis agus Giogha, Ceann Loch Chille Chiarain, Barraigh, Uibhist a Tuath agus an t-Eilean Sgitheanach.
Bha Cacile agus a mac a' fuireach an Ceann Loch Chille Chiarain nuair a chaidh a clà radh leis a' BhBC ann an 2001. Chailleadh an duine aice nuair a chaidh an Isle of Gigha fodha air 11 Samhain, 1966 agus bha i air a nighean Mà iri a chall 's gun i ach 21.
Chaochail Cacile air 25 Faoilleach, 2007.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.