Rinneadh an clà radh seo ann am Baile Àtha Cliath ann an 1930 le ceathrar a' seinn fon ainm St Columba Gaelic Quartet. 'S iadsan Alasdair MacAmhlaigh, Mà iri NicLaomainn, a fhuair Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 1913, Iseabail Nic Ille Mhoire agus Niall A. Ros.
Bhuineadh iad do Chòisir Eaglais Chaluim Chille, eaglais a tha sònraichte ann an eachdraidh Gà idheil Ghlaschu. Mar a mhìnich Fionnlagh J. Dòmhnallach ann am prògram a rinn e don BhBC mun eaglais air 17/11/1977:
"Seo an eaglais às an do fhreumhaich agus às an do shreap a' chuid as motha dha na comainn 's dha na buidhnean a chur dreach agus dlùth agus cur air saoghal na Gà idhlig na latha, feadhainn dhiubh a-nis air searg, feadhainn dhiubh an là thair fhathast."
B' ann à Comann sònraichte a dh'fhàs an eaglais fhèin. Chaidh an Glasgow Highland Society a thòiseachadh sa bhliadhna 1727, nuair nach robh ach beagan is fichead mìle neach as a' bhaile, nam measg à ireamh de Ghà idheil. B' e amas a' Chomainn gun cuidicheadh an fheadhainn a b' fheà rr dheth daoine a bha bochd agus a' fulang tà ire air sgà th sin. Thòisich iad cuideachd a' cumail sgoil bheag thall 's a bhos sa bhaile, a' teagasg Beurla agus a' teagasg an t-soisgeil.
An dèidh Bliadhna Theà rlaich dh'fhàs an à ireamh Ghà idheil a bha an Glaschu gu mòr agus bha dha-rìribh feum air a' Chomann, a chuid sgoiltean agus air an Gaelic Chapel Society a chaidh a stèidheachadh ann an 1768. Bha mu 20,000 Gà idheal sa bhaile agus mòran dhiubh sin nach tuigeadh an t-soisgeal ach as a' Ghà idhlig a-mhà in.
Rè ùine chaidh à iteachan adhraidh a thogail dhaibh agus bha a' fear bu mhotha dhiubh air iomall a' bhaile, far a bheil Srà id Ingram an-diugh. B' e seo 'seanmhair' Eaglais Chaluim Chille agus dh'fhosgladh i ann an 1770. B' e Ùisdean MacDhiarmaid a' chiad mhinisteir, air thuarastal £200 sa bhliadhna. Chaidh cuideachd sgoil agus bùithtean a thogail leis a' Highland Society agus an Gaelic Chapel Society timcheall air an eaglais.
Ach a dh'aindeoin 's gun robh còrr agus mìle suidheachan innte, bha i ro bheag.
Mar a bha am baile a' fàs agus a' sgaoileadh bha am fearann air agus timcheall Srà id Ingram a' fàs luachmhor. Ann an 1838, roghnaich iad a h-uile togalach a bh' ann a reic ris a' Bhritish Linen Bank airson £12,000.
Chuir iad romhpa eaglais ùr a thogail an teis meadhan a' bhaile, air Srà id an Dòchais, far a bheil Central Station an-diugh. Chuir iad gairm gu ministeir a bha ann an Campsie aig an à m, an t-Urramach Tormod MacLeòid(1738-1862), no mar a chante ris Caraid nan Gà idheal. B' e a thug an suaicheantas "Taigh mo Chridhe, Taigh mo Ghrà idh" dhan eaglais.
B' e duine foghainteach a bha ann am MacLeòid agus neartaich an coitheanal gu mòr ri linn. Rinn e obair ionmholta às leth sluagh na Gà idhealtachd ann am bliadhnaichean an acrais agus thug e inbhe às ùr do Ghà idheil as a' bhaile.
Am measg na ministearan ainmeil eile a bha air ceann Eaglais Chaluim Cille, bha an t-Urramach Raibeart Blà rach a rugadh an Dùn Omhain ach a thogadh an Ìle. Thà inig e dhan eaglais ann an 1869. Rinn e eadar-theangachadh dhan Bhìoball, sgrìobh e laoidhean agus bha e na shearmonaiche cumhachdach.
Bha là mh aige fhèin agus aig muinntir Eaglais Chaluim Chille ann a bhith a' steidheachadh Comann Gà idhealach Ghlaschu, airson cobhair a dhèanamh air na bha de Ghà idheil bhochda sa bhaile.
Bha còrr agus 600 sgoilear as a' sgoil Shà baid ri linn agus 70 duine gan teagasg, agus bha an eaglais trang a h-uile h-oidhche dhan t-seachdain le buidhneab deasbad agus buidhnean ciùil.
Thug am Blà rach na Penny Readings, seòrsa de chèilidhean a' bha dol aig an à m, a-steach fo sgiath na h-eaglais gus rian a chumail orra.
B' ann bho na Penny Readings agus na cèilidhean a bhiodh Comann Gà idhealach Ghlaschu agus Comann Eaglais Chaluim Chille a' cur air dòigh a dh'èirich na Comainn sgìreil, leithid Comann an Eilein Sgitheanaich agus Comann Leòdhais is na Hearadh, a tha anns a' bhaile chun an latha an-diugh.
'S ann à Eaglais Chaluim Chille cuideachd a dh'èirich seinn chòisirean ann an Gà idhlig.
B' e Cruachan Beann a' chiad òran Gà idhlig a chaidh a chur ann an co-sheirm ceithir ghuthach, agus chaidh a chur air dòigh airson Còisir ùr Ghà idhlig Eaglais Chaluim Chille, mun bhliadhna 1872.
Chaidh a' chòisir fhèin a stèidheachadh mu bhliadhna ron sin, le ìmpidh a' mhinisteir, Raibeart Blà rach, a bha dhan bheachd gum bu chòir seinn na h-eaglais a bhith cho brèagha sa ghabhadh.
B' e Iain Mac an t-Saoir a bha air ceann na còisir airson a' chiad 10 bliadhna, ged is e Dòmhnall MacFhearghais, a bhiodh a' togail an fhuinn as an eaglais, a chuir air chois i. B' e brathair Dhòmhnaill, Gilleasbaig MacFhearghais, a thug gu à rd ìre i agus a chuir an leabhar ainmeil òrain, A' Chòisir Chiùil, ri chèile.
Choisinn Còisir Ghà idhlig Eaglais Chaluim Chille mòr chliù dhi fhèin aig à m anns an robh daoine a' dèanamh tà ire air cà nan agus seinn na Gà idhlig. Thugadh iad dhan Òban ann an 1891 gus misneachd a thoirt dhaibhsan a bha feuchainn ri Mòd a stèidheachadh agus 's iad a choisinn a' chiad duais ann an co-fharpaisean nan còisirean aig a' chiad trì Mòdan Nà iseanta.
Gu mì-fhortanach chan eil clà radh ann den là n chòisir.
Bha Eaglais Chaluim Cille air Srà id an Dòchais airson còrr air 60 bliadhna. Bha rathaidean iarainn a' sìor leudachadh agus dh'fhàs Glaschu gu bhith na dhà rna baile bu mhotha as a' rìoghachd. Anns an 1900 chaidh Eaglais Chaluim Chille a cheannachd gus Central Station a thogail air an là raich. Fad ceithir bliadhna bha an coitheanal ag adhradh ann an seòmraichean Waterloo gus an robh eaglais ùr deiseil dhaibh air Srà id an Naoimh Vincent far a bheil i chun an latha an-diugh.
Chosg an eaglais ùr £32,000 a togail agus chosg an t-organ £1,300. Chaidh a beannachadh as a' bhliadhna 1904 agus aig an à m a ghluais iad innte, ged a thrèig feadhainn an eaglais thairis air a' cheithir bliadhna a bha iad gun eaglais, bha 1,200 de luchd-comanachaidh agus 50 foirbheach aig a' mhinisteir, an t-Ollamh Iain MacIllEathain à Tiriodh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.