
Rugadh Coinneach M. MacLeòid ann am Pabail Iarach, anns an Rubha, Leòdhas, ann an 1918. B' e athair Tormod 'an Alasdair à Pabail Iarach, agus b' i Mà iri NicChoinnich, à Garrabost, a mhà thair. B' ise nighean le brà thair Uilleam Dhòmhnaill 'ic Coinnich, bà rd ainmeil Chnoc Chùsbaig. Bha ochdnar anns an teaghlach, sianar bhalach agus dithis nighean.
Chaidh Coinneach do Sgoil Phabail agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail. Goirid an dèidh dha an sgoil fhà gail, aig aois còig bliadhna deug, chaidh e a dh'obair ann am bùth Mhurchaidh MhicIllEathain air prìomh shrà id Steòrnabhaigh, agus bha e anns an obair sin airson còrr air leth-cheud bliadhna, gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1983.
Fad bhliadhnaichean a' chogaidh bha e aig muir, a' seòladh air na còrsairean armaichte.
Phòs e Catrìona NicFhionghain à Gearraidh a' Bhà ird ann an 1946 agus rinn iad an dachaigh ann an Steòrnabhagh. Bha triùir chloinne aca, Cairistìona, a tha a' fuireach ann a Steòrnabhagh, Mairead a tha fuireach ann an Griais, agus Alasdair a chaochail ann an 2006.
Chaidh Coinneach iompachadh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois. Bha e airson iomadach bliadhna na èildear agus na dheacon anns An Eaglais Shaor ann an Steòrnabhagh agus 's e bhiodh tric a' cur a-mach na loidhne.
Chaochail Coinneach air 7 Gearran, 1998, dìreach bliadhna an dèidh dha a bhean, Catrìona, a chall.
Anns an dealbh chithear Coinneach agus a bhean, Catrìona.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.