
Rugadh Coinneach Moireasdan, Coinneach Ailig Mhurdsaidh ann an Tolastadh bho Thuath air 28 Lùnasdal, 1941. Bha triùir pheathraichean aige, Mà iri ann an Aimearagaidh, Ina ann an Tolastadh bho Thuath agus Seonag ann an Dùn Èideann. Cha robh Coinneach ach na leanabh nuair a chaidh athair a chall nuair a chaidh am bà ta air an robh e fodha aig à m a chogaidh.
Bha a mhà thair, Mà iri, beò gu aois mhòr agus gu dearbha bha i ag obair gus an robh i ceithir fichead sa ceithir. Bhiodh i ri cosnadh fad a' gheamhraidh a' dèanamh obair-taighe do dh'fheadhainn a bhuineadh do theaghlach Donaldson aig an robh an companaidhean bhà taichean.
Chaidh Coinneach gu Bun-sgoil Tholastaidh agus do Sgoil MhicNeacail. Aon uair 's gu robh a là ithean-sgoile air a chùl chaidh e a dh'obair do chompanaidh à rachais ann an Dùn Èideann mus do ghluais e do Ghlaschu a dh'obair dhan Abbey National.
Chaidh e an uair sin a dh'Inbhir Nis a dh'obair dhan aon chompanaidh airson sia bliadhna mus do thill e a Ghlaschu mu 1978.
Bha dithis gu sònraichte a thug brosnachadh dhà agus a mhisnich e gu seinn. B' iadsan Aonghas MacLeòid, an seinneadair Scalpach, agus Donnchadh MacLeòid à Rà nais, a bha a' fuireach ann an Inbhir Nis, agus a bha aig aon à m ag obair dhan Chomunn Ghà idhealaich.
Chaidh Coinneach dhachaigh à Glaschu a chuideachadh a mhà thair ag ùrachadh an taighe ann an Tolastadh. Bha e ag obair an lùib a' chompanaidh Nationwide, ann a' Steòrnabhagh.
Phòs Coinneach agus Ceitidh NicDhòmhnaill, à Circebost, am Beà rnaraigh Leòdhais. Bhuail euslainte e gu math sgiobalta, gun mòran rabhaidh, agus chaochail e air 9 Ògmhios, 2000, dìreach sia mìosan an dèidh bàs a mhà thair.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.