
Chaidh an còisir a' stèidheachadh ann an 1968 le Raibeart MacCaluim agus buidheann de sheinneadairean òga aig an robh ùidh mhòr ann an seinn chòisirean. Chionns gur ann às na h-Eileanan Siar a bha iad, neo an daoine, roghnaich iad Còisir Innse Gall Ghlaschu a thoirt orra fhèin.
Anns a' chiad dol a-mach bha na duilgheadasan à bhaisteach a bhios aig còisir a tha air ùr thòiseachadh aca, ach fhuair iad seachad air an sin agus beag air bheag mheudaich iad an eòlas air òrain Ghà idhlig is Albais agus thòisich iad a' cosnadh cliù dhaibh pèin aig mòdan ionadail agus nà iseanta.
Ann an 1988 chaidh an còisir gu co-fharpais ann an Dùglas, anns an Eilean Mhanainn, agus choisinn iad a' chiad duais ann am farpais nan òran clasaigeach. Cha b' e sin a-mhà in, ach ghleidh iad a' chiad à ite anns an fharpais airson seinn anns a' chà nain Mhanainneach cuideachd. An dèidh seo, fhuair iad cuiridhean nochdadh aig fèisean eile air an eilean.
Ann an 1995 fhuair iad cuireadh seinn anns an Talla Nà iseanta ann am Baile Atha Cliath an Èirinn, agus chaidh gabhail riutha gu math ann an à ite a bha là n chun nan dorsan.
Bha a' chòisir soirbheachail ann an co-fharpais Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thullaich Bhà rdainn cuideachd, ga cosnadh trì uairean, ann an 1985 anns a' Ghearastan, ann an 1986 ann an Dùn Èideann agus aig Mòd an Òbain ann an 1992.
Ann an 2000 leig Raibeart MacCaluim dheth obair stiùiriche a' chòisir agus ged a chaidh à ite a ghabhail le Camshron MacFhitheachain, sgaoil an còisir ann an 2005.
Raibeart MacCaluim
Rugadh Raibeart MacCaluim ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an 1938, mac le Calum MacCaluim, a bha cho ainmeil mar stiùiriche còisir Gà idhlig a' bhaile.
A rèir Raibeairt fhèin bha e a' seinn mus do thòisich e a' coiseachd. Bho aois glè òg, mar sin, bha e a' seinn aig mòdan ionadail agus nà iseanta leis fhèin agus ann an còisirean. Bha e anns an dà rna à ite ann an co-fharpais a' Bhuinn Òir aig Mòd Shruighlea ann an 1961 agus trà th anns na 60an chlà r e iomadach prògram de dh'òrain Ghà idhlig airson rèidio.
Sguir e a sheinn ann am farpaisean aon-neach ann an 1963 airson barrachd ùine a thoirt dha airson a bhith a' stiùireadh chòisirean. Bha e an toiseach an urra ri Còisir Òigridh Cheann Loch Chille Chiarain agus Còisir Ghà idhlig Chà radail agus ann an 1967-8 bha Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu fo a stiùir.
Ann a 1968 stèidhich e Còisir Innse Gall Ghlaschu agus rà inig an còisir seo inbhe à rd, chan ann a-mhà in ann an saoghal na Gà idhlig, ach an taobh a-muigh nan crìochan sin.
Ann an 2000 leig Raibeart dheth a dhleastanas mar stiùiriche a' chòisir agus ghluais e air ais gu Ceann Loch Chille Chiarain. Chan eil e air cùl a chuir ri saoghal a' chiùil buileach glan, oir tha e a' cuideachadh leis an t-seinn ann am Bun-sgoil Dhrumlemble, ann an Cinn Tìre.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.