
Rugadh Daibhidh Solley ann an Dùn Èideann air 4 Giblein, 1943. 'S ann às a' bhaile sin a bha cuideachd athair agus bha cuideachd a mhathar à Siorrachd Chinn Chà rdainn. Chaidh Daibhidh do Bhun-sgoil Taobh a Deas Morningside agus an dèidh sin do dh'Acadamaidh nam Pentlands.
An deidh an sgoil fhà gail thug e a-mach a chiùird mar ghloinneadair, obair anns an robh e an sàs airson fichead bliadhna.
Thòisich e a' seinn air an à rd-ùrlar aig aois glè òg agus choisinn e a' chiad duais aig Fèis Chiùil Dhùn Èideann, fèis airson bun-sgoiltean a' bhaile, nuair a bha e dusan. Nuair a bha e na ghille òg bha e mar chleachdadh aige a bhith a' dol chun na Gà idhealteachd air saor-là ithean agus sin mar a chuala e òrain Ghà idhlig an toiseach.
Nuair a bha e mu thrì thar fhichead thòisich e a' seinn ann an Gà idhlig agus chaidh e na bhall de Chòisir Ceilteach Lodainn, a bha aig an à m sin bho stiùir Sheòrais Clavey. Bha Seòras agus Louis Moireasdan nan cuideachadh mòr dha agus ann an 1968 choisinn e an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nà iseanta, ann an Dùn Omhainn.
Bha saoghal trang aige le chuid seinn an dèidh sin. Ann an 1970 nochd e air a' phrògram telebhisean 'S e Ur Beatha airson a' chiad uair. Bha fèill mhòr air aig cèilidhean agus cuirmean-ciùil air feadh na dùthcha. Aig an à m sin cuideachd bha e a' nochdadh an-drà sta 's a-rithist air Show of the North ann an Taigh-cluiche Eden Court, ann an Inbhir Nis, còmhla ri Na Peathraichean Dòmhnallach.
Ann an 1973 chuir e ri chèile a' chiad chlà r, The Dark Island, agus bhon uair sin tha e air naoi clà ir a dhèanamh, cuid dhuibh le measgachadh de dh'òrain Bheurla agus Gà idhlig.
Airson aona bliadhna deug, bhon Ghiblein chun an Dà mhair, bha e a' ruith The David Solley Show ann an Taigh-òsta na Gà idhealteachd anns a' Ghearastan. Bhiodh e tric a' seinn ann an Taighean-òsta eile an dèidh sin agus bha e fad seusan anns an Jack Mulroy Show ann an taigh-cluiche a' Ghaiety ann an Inbhir Àir.
Bho 1979 tha Daibhidh air a bhith a' fuireach ann an Cille Mheà rnaig ach roimhe sin thug e mu dhà bhliadhna a' ruith taigh-aoidheachd ann an Srath Pheofharain agus mu bhliadhna a' coimhead às dèidh Innis Choinnich, eilean beag aig beul Loch nan Ceal, ann am Muile.
An-duigh tha e gu bitheanta a' seinn air feadh na dùthcha, le taic bho Lex Keith air a' bhocsa, aig cuirmean agus don bhuidheann carthannais Music in Hospitals, a tha a' cur air dòigh cuirmean-ciùil do dh'euslaintich ann an ospadail.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.