Rugadh Dòmhnall Caimbeul, Dòmhnall Phà il no Bà rd Chinn a' Ghiùthsaich, sa bhliadhna 1798 ann an Dail na Spideil am Bà ideanach, beagan deas air Druim Uachdair, mu fhichead mìle an iar thuath air Baile Chloichrigh. Thà inig e a dh'obair mar bhuachaille a Bhà ideanach mun bhliadhna 1822 agus bha a dhachaigh ann an Gleann Gòineig.
Ann an 1838 bha e an dùil a dhol null thairis còmhla ri buidheann a bha a' fà gail an dachaighean – a' mhòrchuid dhiubh bho oighreachd Inbhir Fhèisidh - airson beatha ùr a shireadh an Astrà ilia. B' e seo mà thair-adhbhair an òrain ainmeil aige Guma Slà n do na Fearaibh, ach aig a' cheann thall cha do dh'fhalbh Dòmhnall Phà il agus chan eil fhios carson.
Chruinnich an fheadhainn a bha a' falbh ann an Ceann a' Ghiùthsaich air Latha Fèill Chaluim Chille, 9 Ògmhios, 1838. B' fheudar dhaibh coiseachd dhan Ghearastan agus às a' sin dhan Òban mas deach iad a Ghlaschu airson na h-imrich.
Dhealaich Dòmhnall Phà il riutha ann an Ceann a' Ghiùthsaich cho fad 's as aithne dhuinn. Chaidh cà ch air bòrd an St George, a sheòl air 4 Iuchar le còrr air 300 eilthireach air bòrd. Mus do rà inig i Sydney air 15 Samhain, bha deichnear dhiubh air bà sachadh; rugadh còignear cuideachd rè an turais.
Chaochail Dòmhnall Phà il ann an Ceann a' Ghiùthsaich ann an 1875 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Meadhain a' bhaile, an teis mheadhain Chinn a' Ghiùthsaich. Bha mac Dhòmhnaill (Dòmhnall a bh' air fhèin) ainmeil mar bhà rd cuideachd, agus ann an saoghal na camanachd an lùib sgioba Chinn a' Ghiùthsaich, agus mar fhear-gnothach sa bhaile.
Ged a tha deasbad air a bhith ann mu ùghdarrais an òrain, tha na th' againn de dh'fhiosrachadh bho Thòmas Sinton, a dh'fhoillsich an t-òran anns an leabhar Poetry of Badenoch (Inbhir Nis, 1906), an ìre mhath a' dearbhadh gur e Dòmhnall Phà il a rinn an t-òran, agus Sinton air a thogail bho aithris a' bhà ird fhèin.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.