Chaidh an t-òran Mo Mhallachd aig na Caoraich Mhòr a sgrìobhadh le Eòghainn MacDhonnchaidh à Tunga, no Ceann t-Sà ile MhicAoidh, beagan mhìltean an iar air Scearaigh.
Rugadh e anns a' bhliadhna 1842 agus, a bharrachd air a bhà rdachd, tha e ainmeil airson an fhianais mu chor nan daoine a thug e do Chomisean Napier ann an 1883.
Bha leannan aig Eòghainn air an robh Seonag NicAoidh. Aig aois 19, ann an stoirm is rag ghèile, thuit i bhon drochaid aig Abhainn Bhorgaidh agus chaidh a bà thadh. Bha nigheanan eile còmhla rithe nuair a chaidh i leis an drochaid agus ruith tè dhiubh sin do thaigh a bha faisg a dh'iarraidh cobhair. Tha e coltach gu robh iad a' gabhail an leabhair as an taigh sin agus chan èisteadh fear an taighe gus an robh an t-adhradh seachad.
Sgrìobh Eòghainn:
Gur brònach mo chridhe, gur goirt tha mo cheann,
Mo dhùthaich bhith cho dùbailt, 's deagh-dhùrachd cho gann;
Gun charaid gun nà baidh, gun aon dhomh bhith ann
Gur tinn dh'fhà g siud mis anns a' Ghà idhealtachd.
Ach is tric tha mo chrìdh tigh'nn air ais do na glinn,
Do dh'èisdeil na h-uilltean tro slocan na beinn;
An uiseag 's a' smeòrach 's a' chuthag a' seinn
Cha chluinn mi gu brà th anns a' Ghà idhealtachd.
Cà it a-nis bheil na Gà idheil a b' à bhaist bhith ri 'm thùbh
Cho òrdail 's cho cà irdeil, cho fonnail 's cho dlùth;
Rinn gach caraid leam fhà gail, tha mo chà irdean anns an ùir
'S cha phill mi gu brà th don a' Gà idhealtachd.
Tha an ìosal cho uasal 's tha 'n uasal cho fealls
Gach aon fanadh bhuam mar gum bean'dh iad ri biast;
Tha a' soisgeal mar leisgeul gu freagair an gnìomh
'S gur truagh tha mi nochd anns a' Ghà idhealtachd.
Cà it' a nis bheil a' nìghneag bheag bhòidheach is grinn
A dh'fhà g mi nuair dh'fhalbh mi cho fonnail 's cho binn;
Gur truagh mi 's gur cruaidh orm, thug am bas uam mo rùn
'S cha phill mi gu brà th don a' Ghà idhealtachd.
Ged bu tric bha mi gòrach cha do chiùrr mi gin riamh,
Cha do chiùrr mi gin idir le èiginn no gnìomh;
Carson a nis tha iad ga mo reubadh 's mo chà irdean cho gann
'S gach aon fanadh bhuam anns a' Ghà idhealtachd.
Cha do phòs Eòghainn riamh agus chaochail e ann am Brà igh Thunga ann an 1895. Tha e coltach gun deach an là mh-sgrìobhainn aige a chall an dèidh a' bhà is.
A rèir Iain Grimble, a sgrìobh an leabhar The Trial of Patrick Sellar (Routledge and Kegan Paul, Lunnainn, 1962), chaidh an t-òran Mo Mhallachd aig na Caoraich Mhòr a sgrìobhadh sìos bho aithris a' bhà ird fhèin le Seòras MacAoidh a bha a' fuireach an Inbhir Nà bhair.
Tha Grimble a' cumail a-mach gun deach an t-òran a dhèanamh goirid ron à m a bha Coimisean Napier a' togail fianais air feadh na dùthcha "trì fichead bliadhn' is trì" an dèidh na fuadaichean uabhasach a bha an Cataibh ann an 1819-20.
B' ann à Siorrachd Mhoireibh a bha Pà draig Sellar agus bha e na iar-bhà illidh aig Ban-Iarla Chataibh. B' e fear-lagha bh' ann, agus thà inig e fhèin agus Uilleam Young a Chataibh ann an 1808 a dh'obair dhan Bhan-Iarla. Bha là mh mhòr aca anns na planaichean a dh'adhbharaich gun deach mòran sluaigh a ghluasad far fearann na h-oighreachd.
Ghabh iad nan dithis tuathanas chaorach ann an Cùl Mhà illidh, faisg air Goillspidh, agus sgiùrs iad na daoine far an fhearainn sin cuideachd.
Bha Seumas Loch à Dùn Èideann agus cuideachd ag obair don Bhan-Iarla. Bha e fhèin na mheadhan air fuadaichean, agus sgrìobh e An account of the improvements on the estates of the Marquis of Stafford in the counties of Stafford and Salop, and on the Estate of Sutherland far an d' thuirt e:
"It seemed as if it had been pointed out by Nature that the system for this remote district, in order that it might bear its suitable importance in contributing its share to the general stock of the country, was to convert the mountainous districts into sheep-walks and remove the inhabitants to the coast or to the valleys near the sea."
Ged nach d' fhuaireadh Sellar ciontach as a' chùirt de na casaidean a bha na aghaidh, chan eil teagamh nach eil a dhroch chliù agus droch chliù Sheumais Loch maireannach am measg nan Gà idheal mar dhaoine a bha nam meadhan air daoine fhuadach as an dachaighean, tric le là mhachas-là idir, ged nach eil a h-uile eòlaiche eachdraidh ag aontachadh ris a' bharail seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.