Rinneadh an t-òran Roinn an Fhearainn (O 'S ann tha na Diùlnaich Thall) le Fionnlagh Moireasdan (Fionnlagh Cìobair) à Solas an Uibhist a Tuath mu bhriseadh an fhearainn am Paiblesgearraidh agus am Baile Raghnaill às dèidh a' Chiad Chogaidh. Bha Aonghas Ailig MacAmhlaigh, Aonghas Ailig an t-Saoir à Paiblesgearraidh, am measg na feadhainn a ghabh sealbh air an fhearann agus, san t-Sultain 1976, dh'innis e mar a thachair air prògram Gà idhlig a' BhBC.
"Thill pà irt againn às a' chogadh agus sgrìobh sinn gu Cùirt an Fhearainn, a' Scottish Land Court, agus sgrìobh sinn chun a' Bhoard of Agriculture, Bòrd an Fhearainn, gu robh sinn ag iarraidh an fhearainn a bha seo ann am Paibleisgearraidh agus ann am Baile Raghnaill.
Agus gheibheamaid postcard, printed postcard, gun d' fhuair iad an application againn. Sin cho fad 's a bha an gnothach a' dol.
Ach bha election ann, agus bha sinn shuas an taigh na sgoile an Ceann a' Bhà igh, agus 's e fear Dr. Murray, Libearalach a bh' ann, 's e a bha ag iarraidh a-staigh.
'S e bh' ann an oidhche a bha seo as an taigh-sgoile, agus an uair a bha a' meeting seachad, dh'approach sinn e feuch dè bu chòir dhuinn a dhèanamh.
Dh'innis sinn dha a h-uile sian, nach robh sinn a' faighinn satisfaction, nach robh sinn a' faighinn ach am printed postcard a bha seo.
"Well, a chà irdean," ars esan, "chan fhaigh sibh torc dhan fhearann a tha sin gu sìorraidh gus a' raid sibh e."
Agus an ceann dhà na trì là ithean, bha dà dhuine dheug againn ann, ghabh sinn suas gu Baile Raghnaill, gu taigh mòr Bhaile Raghnaill, agus dh'innis sinn dha gu robh sinn a' dol a' raideadh an fhearainn aige.
Agus thug e a-mach peann is pà ipear a' dol a ghabhail ar n-ainmean, ach cha do dh'fhuirich duine ris. Ach dh'innis sinn dha gu robh sinn a' dol a' raideadh an fhearainn.
Agus dìreach air a' latha a dh'innis sinn dha, latha na dhà às a dhèidh sin, thà inig sinn a-null às a' Bhaile Mhòr, a' chuid bu mhotha againn, agus à Cnoc an Torrain 's à Cnoc a' Lìn, dà dhuine dheug.
"Agus bha pìobaire air ar ceann cuideachd a' tighinn a-nall às a' Bhaile Mhòr, 's thòisich sinn air roinn nan iomairean a bha air na pà irceannan a bh' ann am Paibleasgearraidh.
Là rna-mhà ireach bha Baile Raghnaill còmhla ris na sgallagan aige, na seirbhisich, bha 'd a' feamnadh agus bha Baile Raghnaill fhèin còmhla riutha, mar a chanamaid Raghnall Mòr. Agus cha do rinn sinn ach gabhail sìos chun nan cairtean nuair a thà inig iad an à rd bhon a' mhachaire. Chòp sinn na cairtean! Chaidh sinn seachad air 's thugadh orra a dhol dhachaigh.
Tha cuimhn' agam fhathast gur ann gu cairt le Gilleasbaig MacRaghnaill a bha am Baile Raghnaill a chaidh mi fhìn. Agus bha gillean aig Gilleasbaig sa chogadh, fear dhiubh co-dhiù, agus 's e thuirt e rium nuair a bha mi dol a chaitheamh seachad na cairteach, "O mo bheannachd agaibh, 'illean!"
Well, thà inig iad a-rithist, an ath latha a-rithist às a dhèidh sin, 's rinn sinn an aon rud orra. Thà inig Baile Raghnaill air muin eich, feuch an cuireadh e eagal oirnn tha mi cinnteach, ach chòp sinn na cairtean a-rithist 's chuireadh dhachaigh na seirbhisich aige. 'S chà irich sinn a' h-uile creutair a bha am Paiblesgearraidh, eadar caora is beathach, suas a Bhaile Raghnaill. Ghabh sinn seilbh air a' bhaile uile.
Well bha sin ceart gu leor. Bha an interim interdict air a toirt a-mach nar n-aghaidh agus bha sin a' ciallachadh nach robh againn ri dhol a ghaoth Phaiblesgearraidh, chan eil fhios agamsa dè an ùine. Bha co-dhiù cola-deug no mìos, chan urrainn dhomh a bhith cinnteach. Ach cha do sheall sinn sinn ri interim interdict na rud. Chaith sinn dhan teine e.
Fhuair sinn an uair sin sumanadh airson an t-interim interdict a bha seo a bhristeadh, agus bha sinn an ceist co-dhiù a rachadh sinn a Loch na Madadh, co-dhiù rachadh gus nach rachadh.
Co-dhiù rinn sinn suas ar n-inntinn, "Thèid sinn a-mach. Seasaidh sinn a' chùirt a tha seo."
Cha na seòid dhan chùirt agus, a dh'aindeoin 's gun d' fhuair iad beagan comhairle an-asgaidh bho fhear-lagha an Dùn Èideann ro-là imh, agus beagan comhairle air an latha bho fhear-siubhail a thurchair a bhith san eilean aig an à m agus a bha air a bhith na fhear-lagha aig aon uair, chaidh am faighinn ciontach agus peanas 60 latha sa phrìosan a chur orra. Ach a chionns nach robh à ite an Loch na Madadh as an gabhadh an glasadh, chaidh an leigeil ma sgaoil.
An ceann ùine chaidh an glacadh agus an cuir dhan phrìosan an Inbhir Nis far an robh iad airson 16 latha mus deach an leigeil ma sgaoil.
Mar a dh'innis Aonghas Ailig:
"Cha do chuir mi 16 latha nam bheatha riamh seachad a rinn mi uiread de ghà ireachdainn."
Nuair a thill iad a dh'Uibhist:
"Bha an gnothach gu math. Bha a' bhuain a' dol 's bha gillean a dh'fhà g sinn às ar dèidh an deis cha mhòr a' bhuain againn a dhèanamh."
Ghabh Roinn an Fhearainn sealbh air an fhearann aig a' cheann thall agus chaidh Paiblesgearraidh agus Baile Raghnaill an roinn nan croitean is fhuair iad còir laghail orra. Ged nach robh taighean ann, b' e à thannan agus bà thchannan dha na beathaichean a thog iad an toiseach. Mar thuirt Aonghas Ailig:
"Bha mise a' cadal nam ònrachd ann a' shin as an à thaidh tha sin thall, dà bhliadhna. Bha cà ch, m' athair 's mo mhathair, as a' Bhaile Mhòr. Bha mi gun phòsadh aig an à m, ach bha mi air mo dheagh dhòigh."
Aig a' Mhòd Nà iseanta ann an 1988, choisinn Sgioba Drà ma Uibhist gach duais le Na Gillean Grinn, dealbh-chluich stèidhichte air an sgeulachd fhìor seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.