Chaidh Fiullaigean a dhèanamh mu 1875 le Iain Mac a' Ghobhainn, 'an Gobha, à Iarsiadair ann an Leòdhas. Rinn e an t-òran dha phiuthar-cèile, Mòr NicChoinnich, Mòr an Tà illeir à Crothair ann am Beà rnaraigh, nuair a bha Mòr a' dol a phòsadh Fiullaigean, Fionnlagh MacLeòid à Àrnoil air taobh siar Leòdhais.
Bha e na chleachdadh aig muinntir bhailtean eile Leòdhais a bhith a' dèanamh spòrs à muinntir Àrnoil agus b' ann airson spòrs a chaidh an t-òran a dhèanamh, cha b' ann chionns gu robh cà il ceà rr air Fionnlagh.
An dèidh do Mhòr agus do Fhionnlagh pòsadh chaidh iad a dh'fhuireach air taobh siar an eilein. Thill iad a dh'fhuireach an Crothair airson greis mus deach iad a dh'Àrnoil, ma dh'fhaodte chionns gun deach na daoine fhuadach à Crothair mun à m seo.
Tha sinn an comain Aonghais Dhòmhnallaich à Beà rnaraigh airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.