Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Seonaidh Phà draig no Bà rd Iarsiadair, ann an Iarsiadair ann an Ùige Leòdhais ann an 1848.
Bha athair, Pà draig Fhearchair, na thuathanach agus 's ann aige a bha tuathanas Iarsiadair agus taigh an tac. Bha a mhà thair, Seònaid Mhurchaidh Dhoiligean, à Tà cleit ann am Beà rnaraigh Leòdhais. Cha robh a phà rantan pòsta agus bha e air a rà dh gu robh dà phiuthar aig Pà draig agus gur iadsan nach leigeadh leis Seònaid a phòsadh, ged a bha e airson sin a dhèanamh.
Air prògram a rinneadh leis a' chompanaidh neo-eisimeileach µþù°ù²¹³¦³ó do BhBC Radio nan Gà idheal, dh'innis Mòr NicLeòid, i fhèin à Iarsiadair, mar a thogadh am bà rd:
"Thog athair e le cuideachadh banaltram, boireannach gasta à Ènecleit ann an Ùig. 'S e Mairead Iain Òig a chanadh iad rithe, agus chuir athair a-mach rùm air taigh an tac agus bha an leanabh ann a' sin, air a thogail leis a' bhanaltram agus i glè cheangailte ris."
Air an aon phrògram, dh'innis Aonghas Dòmhnallach à Beà rnaraigh mar a thachair do Sheònaid:
"Seachdain mus do dh'fhalbh iad a dh'Ameireaga thà inig mà thair a' bhà ird a dh'Iarsiadair 's chaidh i an eisimeil boireannach as a' bhaile againne. 'S chaidh i a-null, 's dh'fhà g i aodach aig an leanabh 's i a' falbh a dh'Ameireaga. Agus dh'fhalbh i còmhla ris an t-sluagh a dh'fhalbh ann an 1851. Bha e air a rà dh nach robh i beò thall ach dà bhliadhna."
An dèidh a dhol do Sgoil Chrùlabhaig ann an Ùig agus Àrd-sgoil ann a' Steòrnabhagh, chaidh Seonaidh Phà draig a dh'Oilthigh Dhùn Èideann gus ceum ann an dotaireachd a thoirt a-mach.
Fhuair e oideachadh math agus farsaing san Oilthigh, agus rinn e math innte, ach an ceann còig bliadhna b' fheudar dha tilleadh dhachaigh air sgà th droch shlà inte. Bha e a fulang leis a' chaitheamh, galar air nach robh leigheas aig an à m, a dh'aindeoin na dh'fheuch e, mar a dh'innis Mòr NicLeòid:
"Bha tobar le bùrn iarainn aig oir a' bhaile agus bho dh'fhàs e air chor 's nach b' urrainn dha fhèin a ruighinn, bhiodh e ag iarraidh am bùrn sin a thoirt thuige, gu robh slà inte as a' bhùrn. Agus bhiodh tè dhen na comhaoisean aige, Cairistìona 'an 'ic Chaluim, a' toirt thuige a' bhùrn sin a h-uile latha."
Chuir Seonaidh Phà draig seachad na seachd bliadhna mu dheireadh de bheatha ann an Leòdhas. Cha robh e ach 33 bliadhna a dh'aois nuair a bhà saich e, ann an 1881.
Tha mu 1540 sreath de bhà rdachd Sheonaidh Phà draig air sgeul, agus sin gu ìre mhòr mar thoradh air cuimhne aon duine. Aig toiseach na ficheadamh linn bha Iain MacLeòid, a bhuineadh don Eilean Sgitheanach ach a bha na mhaighstir-sgoile ann am Beà rnaraigh, a' cruinneachadh na bà rdachd a chuir e an clò anns an leabhar Bà rdachd Leòdhais sa bhliadhna 1916.
Bha e air iomradh a chluinntinn air Seonaidh Phà draig agus a bhà rdachd, ach b' ann aig fear, Seòras Iain Ghobha, a fhuair e i, 30 bliadhna an dèidh bàs a' bhà ird. Tha cuimhne aig Mòr NicLeòid air Seòras Iain Ghobha:
"Tha cuimhn' agam oidhcheannan geamhraidh, 's bhiodh sinn a-staigh agus nuair a chluinninn an doras a' fosgladh bhithinn ag rà dh rium fhìn, "Tha mi an dòchas gur e Seòras Iain Ghobha a tha seo.
'S e duine iongantach a bh' ann a' Seòras fhèin. Bha e air ceithir bliadhna a thoirt a' toirt a-mach ceà ird na greusachd ann an Steòrnabhagh, ach cha robh mar gum biodh tlachd sam bith aige ann. 'S ann a bha tlachd aige ann an eachdraidh agus ann a' leughadh agus ann a bhith ag innse na h-eachdraidh. Bha cuimhne aige a bha annasach, iongantach."
Mar a chithear ann am Bà rdachd Leòdhais, far a bheil 18 dà n le Seonaidh Phà draig air am foillseachadh, rinn e bà rdachd de dhiofar sheòrsa. Rinn e òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine, dà in ag innse seann sgeulachdan gaisgeil, agus grunn dhà in fhada air cuspairean mar carthannas, uamhair agus dòchas, a' beachdachadh air moraltachd agus tric a' tarraing air strì an fhearainn.
A' bruidhinn air prògram Gà idhlig a' BhBC air 23 Cèitean, 1957, thuirt an t-Urramach Calum Mac a' Ghobhainn:
"Tha dà nì sònraichte ann a tha a' brosnachadh an duine chòir seo gu bà rdachd. An toiseach am fòirneart mhòr a bha air a dhèanamh na latha air a chomh-luchd-dùthcha. A-rithist, an co-fhaireachdainn domhainn agus Crìosdail a bha aige-san riutha "nan teinn 's nan à mhghair gheur."
Tha seo glè shoilleir as na h-òrain 'Spiorad a' Charthannais', 'Spiorad an Uamhair', 'Am Brosnachadh', 'Allt a' Bhonnaich' agus 'Sgoil a' Chruadail'.
Tha e a' cur a mheur dhuinn a-rithist agus a-rithist air prìomh adhbhar uilc, ainneart agus droch-bheairt anns gach linn, agus, mar an ceudna, ag innse dhuinn gu tric agus gu soilleir an aon leigheas a tha orra gu lèir.
Tha e a' treòrachadh ar n-inntinn ball dìreach gu faicinn a' ghnè spioraid a bha air cùl agus aig freumh an-iochd Siamarlan Dòmhnall Rothach a bha an Leòdhas, agus bà illidhean eile air feadh na Gà idhealtachd.
Aon de na h-ainmean a tha aige air seo, 's e 'Spiorad an Uamhair'."
Is mòr thu, Spioraid an uamhair!
Bha thu buadhach anns gach à ite
Bha thu rìoghachadh bhon uair sin
Anns an tug thu buaidh am PÃ ras;
Ged nach faigh thu là mh an uachdar
Air an Tì tha shuas sna h-à rdaibh,
'S iomadh soirbheachadh a fhuair thu
On a bha thu cruaidh is dà na.
Cuiridh tu an t-ùmbaidh riaghladh
Is bheir thu sealladh iargalt' Ã rd dha;
Sìnidh e mach slat iarainn
Chum ar riasladh mar is à ill leis.
Nam faigheadh e siud a dhùsachd
Mar a lùigeadh cridhe 'n à ilgheis,
Bhiodh e fhèin air cathair shoillsich
'S daoine is ainglean chaoidh nan trà illean.
Lean an t-Urramach Mac a' Ghobhainn air:
"Mar a chuir am bà rd dhuinn an cainnt cho drùidhteach agus an dealbh cho fìor, ana-Crìosdalachd, sgrios agus milleadh 'Spiorad an Uamhair' nuair a gheibheadh e uachdranachd san stà it agus san eaglais, tha e a' cur a' cheart cho cothromach is cho dealbhach an nì a mharbhas e mu dheireadh. Is e an t-ainm a th' aige air seo 'Spiorad a' Charthannais'."
O Spioraid chaoimh nan grà salachd!
Nam biodh tu tà mh nar còir
'S tu dh'fhuasgladh oirnn 's a shlà naicheadh
An dream tha cnà mh le leòn.
'S tu thogadh cridh nam bantraichean
Gu seinn le aiteas mòr;
'S nach fà gadh gu neo-choibhneil iad
An gainntir dorch' a bhròin.
Na bheatha ghoirid choinnich Seonaidh Phà draig ri briseadh-dùil, ri fulangas agus ris a' bhà s, gun a dhòchas a chall:
O dhuine, tha beò le saothair gheur
'S tu gearain pèin an còmhnaidh,
Ged doirbh do staid cha chreid mi 'n sgeul
Gun d' rugadh dh'ionnsaigh bròin thu.
Ged tha thu dh'oidhch' 's a là fo chual
A' gleac 's a' spà irn ri saoghal cruaidh
Tog do shùil is amharc suas,
Seinnibh Laoidh an Dòchais.
Rinn Seonaidh Phà draig Òran an t-Seana Ghille an dèidh dha cluinntinn rann a rinn fear eile sa sgìre, mar a dh'innis Mòr NicLeòid:
"Bha bodach as a' sgìre agus bha a bhean air bà sachadh greis ron a' sin agus bha e na aonar ach an aon mhac a bha còmhla ris san dachaigh. Agus 's e Coinneach a bh' air a mhac, 's bha am bodach a' fàs aosta.
'S a' latha bha seo, 's ann a thuirt e, "O Choinnich," ars esan, "nach fheà rr dhut pòsadh ach a' faigh sinn bean-taighe. Tha mise a' fàs cho lapach agus cho sean."
'S ann a fhreagair Coinneach e le rann agus thuirt e ri athair:
"Feumaidh mi leth-chrùn a thoirt dhan a' mhinisteir;
Feumaidh mi leabaidh is creathal is stòl;
Feumaidh mi mòran air nach eil fhios agam,
Ged a tha fios a'm air tuilleadh sa chòrr!"
'S ann a chuala BÃ rd Iarsiadair seo agus fhreagair e mar seo e:
A fhleasgaich gun chèill, gur beag a tha dh'fhios agad,
Fhleasgaich gun chèill, nach tuigeadh tu chòir,
Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut
Liùthad rud ceanalta dhèanadh bean òg."
Tha sinn gu mòr an comain Cathy NicDhòmhnaill agus an companaidh µþù°ù²¹³¦³ó airson an cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.