
Rugadh Seonaidh Mac a' Phì, mac Aonghais Catrìona, ann an Àird na Mònadh, anns an Ìochdar, Uibhist a Deas, air 27 Gearran, 1940. B' i Ceit NicIlleMhaoil, Ceit a' Mhuilleir, à Beinn na Fadhla, a mhà thair.
Ghluais an teaghlach gu Àird a' Mhachaire nuair a fhuair iad croit ann a' sin, nuair a bha Seonaidh dà bhliadhna dheug a dh'aois. Bha seachdnar anns an teaghlach, dithis nighean agus còignear ghillean agus 's e Seonaidh as sine dhiubh.
Chaidh e do Sgoil an Ìochdair agus Sgoil Ghèirinis agus dh'fhà g e an sgoil aig aois còig-deug. Chaidh e a dh'obair dhan mhuilinn anns an Ìochdar an toiseach.
An dèidh trì bliadhna a thoirt an sin, chaidh e a dh'obair dhan arm, a bha dìreach air ùr thighinn dhan eilean. Bha e anns an taigh còcaireachd airson dà bhliadhna.
Aig aois bliadhna thar fhichead thòisich e a' drà ibheadh bhan a' Cho-op, eadar Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas, obair ris an robh e airson ceithir bliadhna.
Aon latha, ann an 1965, choinnich e ri Dòmhnall Sheumais Mhòir, a bha air a' phoileas ann am Pà islig. Dh'innis Dòmhnall dha gu robhas a' sireadh phoilis Ghà idhealach ann am Pà islig aig an à m, agus chomhairlich e dha cuir airson obair aca. Ged nach robh e air beachdachadh air an leithid a-riamh, thog Seonaidh ceann ann am Pà islig aon latha, shuidh e deuchainn dà uair a thìde sa mhadainn, agus bha e na phoileas feasgar.
An dèidh dhaibh coinneachadh aig dannsa Comunn Uibhist agus Bharraigh ann an Glaschu ann an 1966, phòs Seonaidh agus Anna NicNèill, Anna a' Nuno à Bà gh a' Chaisteil, Barraigh, ann an 1968. Tha aon nighean aca, Catrìona.
Bha Seonaidh ag obair ann am Pà islig airson trì bliadhna agus an dèidh sin ghluais e gu Roinn a Deas Poilis Ghlaschu, aig Srà id Craigie. An dèidh aona bliadhna deug chaidh e gu obair poileas coimhearsnachd, dreuchd a lean e airson naoi bliadhna deug, gus an do dh'fhà g e an t-seirbheis anns a' Ghearran, 1995.
Chaidh e an uair sin a dh'obair an lùib deuchainnean an drà ibhidh, a' cur dhaoine tron deuchainn a th' aca ri shuidhe mus tèid iad idir air cùl na cuibhle. Bha e ri sin airson naoi bliadhna. Aig an aon à m bha e a' teagasg clasaichean Gà idhlig air feadh Ghlaschu agus Rinn Friù agus tha e a' dèanamh sin fhathast, ann an Dùn Bhreatainn agus ann an Drochaid an Easbaig, dà mhadainn san t-seachdain.
Bha Seonaidh a' dèanamh beagan seinn aig an taigh agus nuair a thà inig e a Ghlaschu bhiodh e a' seinn aig cèilidhean sa bhaile. Choisinn e Bonn Òir airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Dùn Èideann, ann an 1986.
Bha guth math seinn aig brà thair a mhà thar, Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein, nach maireann, agus cluinnear na h-òrain aige air rèidio tric fhathast.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.