Rugadh Iain MacIllEathain, Bà rd Bhaile Mhà rtainn, an Tiriodh ann an 1827, ann an à ite ris an cante Gà rradh Shòiribidh, air a' chrìch eadar Baile Mhà rtainn agus am Baile Nodha. Chuir e a bheatha seachad ann am Baile Mhà rtainn, air croit beag faisg air an à ite san d' rugadh e.
'S ann mu mhuinntir a' bhaile agus mu thachartasan san à ite bu mhotha a bha e ri bà rdachd, ged a bha e uaireannan a' dèanamh dhà in mu chuspairean a bha a' bualadh air iomadh à ite is baile air feadh na Gà idhealtachd.
Rinn e an t-òran 'A' Ghruagach Mhaiseach Dhonn' do thè a mhuinntir Bhaile Mhà rtainn, Mà iri Dhòmhnallach, Mà iri Ni'n Alasdair, airson taing a thoirt dhi airson a' choibhneis a bha i air nochdadh dha.
Bha leannan aig Mà iri air an robh Donnchadh Dòmhnallach agus rinn am bà rd an t-òran mar gum b' e Donnchadh a bha a' bruidhinn:
A ghruagach a' chùil shnìomhanaich,
Bhean òg is miannach leam,
Do phearsa dhìreach chumachdail,
A chuir mi ort an geall:
Is maiseach, banail, cliùiteach thu,
'S ro mhodhail aig gach à m,
'S tha blà th mar dhrùchd na h-iarmailt ort,
Mar dheà rrsadh grèine air fonn.
'S ann thig an sìod' am fasan air
Do chuailean maiseach donn;
Sùil chorrach is glan sealladh leam,
Mar dhearcagan nan tom;
Do ghruaidhean mar na ròsan
Nuair a bhios iad òg is fann,
'S do shlios mar fhaoileann mara,
No mar chanach geal nam beann.
Mo chailin ghrinn dheas fhuranach,
Tha urram ort nach gann,
'S tu thogadh smal is mì-ghean dhìom
An uair bhiodh m' inntinn trom;
'S tu dhèanadh tric dhomh ùrachadh,
'S bu shunndach thogadh fonn;
Le guth mar cheòl na fìdhle, no
Mar smeòraich bhinn nam beann.
Ceud soraidh slà n thar chuantan leat
A ghruagach mhaiseach dhonn,
Le dùil gum faic mi sà bhailt' thu
Bheir mi mo dhà n gu ceann;
Ged chaidh thu fad air astar bhuam
Do Ghlaschu nan Gall,
'S i Tìr a' mhurain dhù-ghuirm
A bu dùthchas dhut bhith ann.
Rinn Bà rd Bhaile Mhà rtainn an t-òran Hì ho rò 's na hò rò eile mar gum b' e Mà iri a bha a' moladh Dhonnchaidh:
Do chùl dualach, cuachach, bòidheach,
Falt do chinn mar ite 'n lòn-duibh,
Do dhà ghruaidh air dhreach nan ròsan
'S iad fo dhealta ceò na maidne.
Tha do chalpa cuimir, dìreach,
Mar bhradan aibhne ruith gu fìor-ghlan;
'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut
Am measg na bheil de shluagh air thalamh.
Ann am prògram a rinn e don BhBC mun bhà rd, thug an t-Ollamh Dòmhnall Meek, e fhèin à Tiriodh, an dealbh seo air Iain MacIllEathain:
"Duine sunndach èibhinn a bha comasach air gà ire a dhèanamh mu choimhearsnach, gun a bhith ceacharra no sgaiteach. 'S ma bha muinntir an à ite a' faighinn toileachadh às na h-òrain aige, cha robh nì a b' fheà rr leis."
Chan eil teagamh nach robh muinntir Thiriodh agus iomadh Gà idheal eile a' faighinn toileachas às na h-òrain aig Bà rd Bhaile Mhà rtainn, na h-òrain gaoil a rinn e agus gu h-à raidh an fheadhainn a rinn e a' tarraing à Calum 'Beag' MacArtair:
Nuair rà inig thu Àird Driseig bha na h-igheanan an tòir ort;
Chum iad ann ad chabhaig thu toirt caithream dhaibh air òrain;
Do ghillean 's iad air bhuidealaich an cuideachd Mhic an Tòisich
Is chaidh thu thar na còrach ag òl sa Chà rn Bhà n.
Dol seachad na caol Bhòtach cha mhòr nach deach d' fhuadach
A' tadhal anns gach acarsaid 's an tachradh riut gruagach;
A' sùgradh 's a' beadradh 's gach baile beag mun cuairt dhiot
'S nuair rà inig thu Cluaidh thug thu nuas na siùil à rd.
Nuair rà inig thu Glaschu cha b' aineolach mun dòigh thu;
Bha nìonagan a' bhaile sin a' togar tighinn ad chòmhdhail;
Cha b' ioghnadh leam idir ged a thigeadh dhuit bhith spòrsail
'S a liuthad caileag bhòidheach tha 'g òl do dheoch-slaint'.
B'e siud a' chaileag chuireideach nuair thug i leatha dh' òl thu
'S a dhannsa gu lùthmhor air ùrlar bha còmhnard;
Ach char i thu san doilleireachd le boile Mhic an Tòisich
Nuair thug i thu don t-seòmar – bha stòiridh fo là r.
Bha sgeulachd aig an t-Ollamh Meek mun bhà rd:
"Tha e air aithris gu robh e daonnan a' dèanamh rannan, 's nach biodh an inntinn aige uile gu lèir air an obair a bha e a' dèanamh.
Aon latha, tha 'd ag rà dh, chaidh e do Sgairinis far a bheil cidhe an eilein. Bha each is cairt aige 's bha e mar chleachdadh aige a bhith a' coiseachd air thoiseach air an each.
Nuair a dh'fhà g e Sgairinis, 's e tilleadh dhachaigh, bha gnothaichean ceart gu leòr, am bà rd a' coiseachd aig ceann an eich 's an t-each na throtan.
Ach nuair a rà inig e Baile Mhà rtainn cha robh sgeul air an each no air a' chairt. Cha robh dad na là imh ach an taod!"
Tha taobh eile de dh'Iain MacIllEathainn ri fhaicinn anns an t-òran a rinn e nuair a dh'fhalbh e fhèin agus a bhrà thair, Teà rlach, às an eilean a shireadh beatha ùr ann an Canada ann an 1878:
Gur muladach mise 's mi 'n seo gun duin' idir
A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dà n;
Le dùrachd mo chridhe, soiridh slà n leis na gillean
A sheòl thar na linne gu Manitobà .
Bu ghrianach ar madainn nuair bha sinn nar balaich,
Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh mà il;
Le ceòl is là n aigheir, cha laigheadh an smalan
Air a' chomann a bh' againn am Baile nam BÃ rd.
Mi 'm shuidhe gu h-uaigneach air tulaichean uaine
Tha nithean gam bhuaireadh nach cualas le cà ch;
Mi caoidh nam fear sunndach bha ceanalta, cliùiteach,
Dh'fhà g eilean an dùthchais 's an cùl ris gu brà th.
'S nuair a rà inig a' mhadainn gu dol air an aineol
'S a thionail gach caraid a bh' aca san à it',
Chan urra mi aithris am bròn a bh' air m' aire
'S an cùl ris a' bhaile sa mhadainn Dimà irt.
'S e faileas nan daoine 's nach sgarach an saoghal
'S e 's fasan dha daonnan bhith caochladh gach latha;
Nar coigrich air uachdar, cha mhaireann 's cha bhuan sinn
Is mìltean de thruaghain gam fuadach thar sà il.
Tha luchd-fhearainn shaoir as an à m seo ro-ghaolach
Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chà ch;
'S bidh innealan baoghalt' sa Ghà idhealtachd daonnan
Gu fògradh nan daoine, 's cur chaorach nan à it'.
'S chan fhaic mi san à m seo ach caoraich air bheanntan:
Chan eil as a' ghleann ach fear Gallda no dhà :
'S Am beagan a dh'fhan dhiubh air rudhachan mara
Gan iomain gu cladach 's gam feannadh le mà l.
Ged nach do dh'fhà g Bà rd Bhaile Mhà rtainn Tiriodh, b' e duine foghlamaichte a bh' ann, aig an robh beachdan là idir, mar a mhìnich an t-Ollamh Meek:
"Dh'ionnsaich e leughadh is sgrìobhadh am Beurla 's an Gà idhlig. 'S e ministeir Baisteach a bh' as an eilean, Donnchadh MacLùgais, a thug an t-ionnsachadh sin dha 's tha e air aithris gun do dh'ionnsaich e beagan eachdraidh dha cuideachd.
Tha e a' bruidhinn às leth an t-sluaigh ann an Òran Mhanitoba 's lean e air a' dèanamh sin. Bha e gu h-à raidh trang aig à m a' Land League nuair a dh'èirich na croitearan an aghaidh nan uachdaran. Ged a dhiùlt e òrain a dhèanamh a' cur sìos air na bà illidhean cha robh teagamh nach robh e gun math fada air taobh nan croitearan."
Ann an 1886 bha ùpraid ann an Tiriodh agus chuir Diùc Earra-Ghà idheal marines dhan eilean gus na daoine a smachdachadh. Chaidh ochdnar a chuir an grèim agus rè ùine bha cùirt an Dùn Èideann. Bha am bà rd am measg an fheadhainn a chaidh an gairm mar fhianaisean air 18 Dà mhair, 1886. Chaidh a' chùis an aghaidh nan Tiristeach agus chaidh an cur dhan phrìosan. Ann an 'Òran nam Prìosanach' tha e a' nochdadh gu soilleir cò an taobh air a bheil e a' seasamh:
Mun tà inig Diùc ann, no aon de shinnsir
No Deòrsa rìoghail à rìoghachd Hanòbhar
Bha 'n t-eilean ìosal, bu lìonmhor à irigh,
Aig clann nan Gaidheal na à ite còmhnaidh.
Gach eilean ìosal no beanntan à rda,
'S gach gleann bha 'g à rach nan Gà idheal còire,
Tha mòran fàs dhiubh, gun duin' ach cìobair
O Mhaol Chinntìre gu Taigh Iain Ghròta.
Tìr nan gaisgeach 's nam breacan rìomhach
B'e uaill na rìoghachd iad ged chaidh am fògar;
Bu lìonmhor à irigh is bà air buaile,
Le ceòl nan gruagach mu bhruachaibh Mòirbheinn.
Chùm iad Cèasar as le chuid lèigion
Fir Lochlainn ghèill iad do Chaledònia;
Aig blà r na Leirge chaidh ruaig air Hà con
'S e meud a thà mailt thug bàs ri bròn dha.
Is tha luchd-à iteachaidh an eilein ìosail
Fo ghrunnan millteach, gun à ite còmhnaidh,
'S e 'n-diugh na fhà sach aig luchd am mìoruin
A chuir sa phrìosan ar gillean òga.
Cha do phòs Iain MacIllEathainn a-riamh ged tha fhios gu robh leannan aige bhon òran tiamhaidh a rinn e nuair a dhealaich iad:
A mhaldag a bhroillich ghil
Marbh mi bhon dhealaich sinn
A mhaldag a bhroillich ghil
'S tu rinn mo chridh' a thà ladh.
Rinn e co-dhiù dà òran mun "luibh phrìseil ud, 's e 'n ioc-shlà inte i san à ite seo", Di-moladh na Tì agus 'Òran na Tì'.
Chaochail Bà rd Bhaile Mhà rtainn ann an 1895.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.