
Rugadh Iain MacLeòid, Iain a' Bhodaich, ann an Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas air 1 Samhain, 1931. B' e Dòmhnall Murdo Thormoid 'an 'ic Dhòmhnaill athair agus Catrìona NicChoinnich, Catrìona Dhonnchaidh Mhòir, a mhà thar. Bhuineadh cuideachd a mhà thair do Na Geà rrannan an Cà rlabhagh.
Bha sìanar anns an teaghlach, triùir nighean agus triùir bhalach agus b' e Iain a b' òige. Chaidh e do Sgoil na Dùine, ann an Cà rlabhagh, gus an robh e ceithir-deug agus an dèidh na sgoile fhà gail bha e na bhreabadair.
Mu 1967 chaidh e fhèin agus a phiuthar Mòrag a dh'obair a Ghlaschu agus lean Anna greis an dèidh sin. Bha iad uile a' fuireach air Srà id Clifford, ann an Ibrox.
Bha Iain ag obair air na crainn anns na gà rraidhean-iarainn ann an Linthouse, agus mu dheireadh aig companaidh Innleadaireachd Howdens, air Srà id Alba, anns a' bhaile.
Mun à m a leig a pheathraichean dheth an dreuchd thà inig air Iain obair fhèin a leigeil dheth cuideachd air sgà th a shlà ìnte agus, ann an 1987, thill iad uile dhachaigh a Leòdhas. Cheannaich iad taigh ann an Tolastadh a' Chaolais.
Bha brà thair Iain, Murchadh Aonghas, air a' phoilis ann an Glaschu gus an do leig e dheth a dhreuchd agus thill e fhèin air ais a Leòdhas, agus tha e an-duigh a' fuireach ann an Steòrnabhagh. Tha ùidh mhòr aige ann an òrain. Tha deagh ghuth aige agus bidh e a' sgrìobhadh òrain.
Bha guth sònraichte math aig Iain fhèin ach cha robh iarraidh aige riamh air seinn air à rd-ùrlar. Gu fortanach cheannaich muinntir Tholastaidh a' Chaolais fear den chiad uidheaman clà raidh a thà inig a Leòdhas agus bhiodh iad a' cruinneachadh ann an taigh Amhlaidh, taigh-cèilidh a' bhaile, agus a' clà radh òrain bho fheadhainn a bha math air seinn. Bha Iain air fear den fheadhainn a bhiodh anns a' chuideachd sin agus 's ann air sgà th sin a tha cothrom againn a ghuth a chluinntinn an-duigh.
Chaochail Iain air 8 Cèitean, 1996, aig aois trì fichead agus a ceithir.
Tha sinn an comain Chathaidh NicLeòid à Tolastadh a' Chaolais, nighean Thormoid, brà thair Iain, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.