Rugadh Iain MacLeòid, Iain Ruadh Phà draig (1907-1979), anns a' Bhuail' Uachdrach anns an Ìochdar, Uibhist a Deas. 'S ann às an ath bhaile, a' Bhuaile Dhubh, a bha a mhà thair, Mà iri Anna NicDhòmhnaill, Mà iri Anna Dhòmhnaill Aonghais, agus b' e Pà draig, mac Iain Ruaidh Thormoid a b' athair dha. Bha ceathrar anns an teaghlach, dithis nighean, Mà iri agus Ceit, agus dithis bhalach. Bha Pà draig 'Beag' a bhrà thair na phìobaire comasach. 'S i Peinidh 'Bheag' Mhoireasdan, a' bhana-sheinneadair ainmeil, tè de na nà baidhean a bh' aca.
A bharrachd air a bhith ri obair croite, bha bùth aig an teaghlach a bha iad a' ruith eatorra agus tha an togalach sin fhathast na sheasamh faisg air an t-seann taigh-sgoile, ach air an taobh eile dhen rathad. Bhiodh iad a' reic bainne, gruth, uachdar is cà ise, agus cà il sam bith eile a b' urrainn dhaibh fhaighinn bhon chroit. An dèidh do na bùithtean-charbad fàs bitheanta cha do shoirbhich cho math dhan bhùth agus leig iad seachad i.
Bha Seòras Mac a' Phì, mac Aonghais 'ic Raghnaill, a' fuireach an ath dhoras dhaibh agus nuair a chaochail a bhean Catrìona Nic a' Phearsain, Catrìona Aonghais Bhig à Lianacleit, 's gun a' nighean aca, Mà iri, ach beagan là ithean a dh'aois, thug Clann MhicLeòid Aonghas Seòras, an aon bhalach, a-steach dhan dachaigh aca agus 's ann còmhla riutha a thogadh e. 'S e Uilleam (Billy), mac Aonghais Sheòrais a tha a' fuireach anns an dachaigh sin an-diugh.
Anns na leth-cheudan bha Iain Ruadh ag obair na iar-mhanaidsear air Taigh-Ã’sta Duke Street ann an ceann an ear Ghlaschu, agus bha e a' ruith ³¦²¹´Úé air Srà id Sauchiehall. Bha e ag obair ann an taighean-òsta anns an Ã’ban agus ann an Tobar Mhoire fad seusan an turasachd agus a tilleadh dhachaigh airson a' gheamhraidh.
'S e a' chuimhne as fheà rr a th' aig Billy Mac a' Phì air Iain Ruadh, nuair a bha e na bhalach beag ann an Dùn Bhreatainn, gum biodh Iain a' tighinn a thadhal orra aig deireadh seusain. B' e a' chiad rud a dhèanadh e gun toireadh e Billy a-mach gu bùth, far an ceannaicheadh e paidhir math bhrògan dha.
A bharrachd air a bhith na dheagh sheinneadair, b' e dannsair comasach a bh' ann an Iain Phà draig agus bha e fhèin agus Pà draig 'Beag' pà ighte leis a' Chomhairle airson dannsa agus pìobaireachd a theagasg air feadh Uibhist is Bharraigh.
Nuair a bhiodh e aig baile, bhiodh Iain Ruadh glè thric a' cur air dòigh dannsan agus cèilidhean ann an seann taigh-sgoile an Ìochdair. Bhiodh e tric a' seinn còmhla ri Iain MacAonghais (Iain Pheadair), agus aig cèilidhean agus ann an taighean a chèile, còmhla ri Ceit NicNeacail (Ceit Phà draig) agus Peinidh 'Bheag' Mhoireasdan.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.