Bha cuimhne mhath aig an sgoilear, Iain Seathach, air a' chiad turas a chunnaic e Lachlann MacIllFhialain aig consairt mòr ann an Gleann Dail an Ceap Breatainn mu mheadhan an Iuchar sa bhliadhna 1963.
"Am measg a h-uile sìan eile, daoine mòra là idir as a' choillidh ri dannsa 's fidhleireachd nach fhaca 's nach cuala mi riamh a leithid, bha aon rud ann a ghlac 's a chùm m' aire – seann òran Gà idhlig air a ghabhail gu fuasgailte, nà darra le duine beag sgiobalta ann an deise ghlas às à ite ris an canadh iad Broad Cove no an Camas Leathann."
Rugadh Lachlann Dhòmhnaill Nìll air 19 Samhain, 1910. Thòisich e a' seinn agus e òg, agus dh'innis e do dh'Iain Seathach gun coisicheadh e mìltean an uair sin a dh'ionnsachadh òran ùr.
B' ann à Morair a dh'fhalbh a chuideachd trà th san naoidheamh linn deug mar tha e ag innse ann am Brìgh an Ã’°ù²¹¾±²Ô:
"Dh'fhà g mo shìn-seanair, Gilleasbu' mac Fhearchair, dh'fhà g e Beòraid Mòrair, anns a' bhliadhna ... chan eil mi buileach cinneach, co-dhiù bha e 1818 no 1820. Air rèir mar a chuala mise, bha Beòraid Àrd agus Beòraid Ìseal ann. Tha mi a' dèanamh dheth gur ann à Beòraid Àrd a thà inig mo shìn-seanair. Cha robh an t-à ite san d' rugadh e na à ite tuathanachas air dòigh air an t-saoghal. Cha robh ann ach sgreaban cruaidh do bhaile agus e clachach, agus gun mhòran dheth sin fhèin aige."
Thug an teaghlach mòran òrain leotha à Alba agus b' e Niall, brà thair athar, bu mhotha thug buaidh air Lachlann na òige. A rèir a h-uile coltas b' e duine air leth a bh' ann. Chaill e a fhradharc nuair a bha e mu naoi bliadhna deug ach bha e aithnichte sa choimhearsnachd a thaobh an t-eòlas a bh' aige air dualchas. Dh'ionnsaich e mòran òrain do Lachlann òg, an còmhnaidh a' toirt an aon earail air, "Tuig an t-òran."
Fhuair Lachlann cuideachd òrain agus sgeulachdan bho sheanair, Niall Ruadh, a bha fuireach a-staigh còmhla riutha.
Bha Lachlann na dhuine fialaidh, bà idheil. Bha e pòsta aig Kay NicNèill agus bha ochdnar a theaghlach aca. Bha e ag obair cruaidh ri saorsainneachd agus ri obair fearainn fad a bheatha. Mar a thuirt Iain Seathach:
"Cha robh beartas no cothrom aig Lachlann Dhòmhnaill Nill. Thug e a' mhòr-chuid dhe bheatha ri obair throm airson leth na bochdainn. Ach nan coinnicheadh tu ris, dh'aithnicheadh tu gur e an seòrsa Gà idheal is còir dhuinn cumail air chuimhne."
Chlà r Iain mu 150 òran bho Lachlann. Bha mòran sheòrsachan òran aige, nam measg òrain gaoil, òrain seòlaidh, òrain sìdh, òrain botail, òrain èibhinn, òrain Seumasach, puirt-à -beul, òrain ionadail agus am pailteas òrain luaidh. Chlà r e iomadh naidheachd is sgeulachd bhuaidhe a bharrachd air na h-òrain.
"Cha d' fhuair Lachlann mòran cothrom air sgoil ach fhuair mi foghlam bhuaidhe sa Ghà idhlig nach eil ri fhaighinn an oilthigh sam bith is aithne dhomhsa."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.