A rèir an t-seinneadair Cairistìona Sheadha às na Hearadh, chaidh an t-òran Tha Mi Fo Chùram a dhèanamh le tè Maighread NicAonghais à Àird Shlèite san Eilean Sgitheanach do Thormod MacNeacail, Fear Òg Sgoirebreac.
B' e seo Tormod MacNeacail a rinn an t-òran 'S Gann gun Dìrich mi Chaoidh. Bha Tormod air a mheas cho math le gunna ri duine a bh' anns an Eilean Sgitheanach na latha, agus anns an t-òran tha e a' caoidh nach fhaod e tuilleadh a dhol a shealg air fearann Chloinn Dòmhnaill.
Ged nach eil fios le cinnt gur ann airson poidseadh a chaidh am bacadh a tha seo air, tha e ag innse gun d' fhuair e an t-òrdan ann an "litir o na h-uaislean".
A' bruidhinn ri Comann Gà idhlig Inbhir Nis air 1 Mà rt, 1991, thuirt an Dotair Alasdair MacIllEathain gur dòcha gur ann bho bhrà thair a mhà thar, am Morair Kingsborough a bha na Lord Justice Clerk aig an à m, a thà inig an litir.
Chaidh Tormod MacNeacail gu Tasmania far a deach a bhà thadh sa bhliadhna 1841.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.