
San dealbh, chithear Beasa na suidhe còmhla ri triùir de a teaghlach.
Rugadh Mairead NicAoidh, Mairead Ruadh Dhonnchaidh Chaluim 'acAoidh, as a' Sgarp air 15 Mà rt, 1872. Ghluais an teaghlach a dh'Òb an Doill, air tìr mòr na Hearadh, nuair a bha i na deugaire òg.
Bha duine uaireigin air a bhith a' fuireach ann an Òb an Doill air an robh An Tà illeir Dall, e fhèin agus piuthar dha air an robh Beasa. Chaidh Beasa a thoirt mar fhar-ainm air Mairead nuair a ghluais i gu Òb an Doill.
Thathar a' smaoineachadh gu robh mu 300 òran co-dhiù aig Beasa air a teanga, le corra òran Beurla a dh'ionnsaich i san sgoil sa Sgarp nam measg.
B' e piuthar seanar do Chatrìona Iseabail Mhoireasdan a bh' ann am Beasa agus thà inig Beasa a dh'fhuireach còmhla riutha ann an Gòbhaig ann an 1956 nuair a dh'fhà s i sean is a chaill i a fradharc. Sa bhliadhna 2007, bha Catrìona a' cuimhneachadh oirre air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal:
"Bha i uabhasach math air seinn agus bha eòlas farsaing aice air beul-aithris. Bha an t-uabhas òrain aice agus sgeulachdan 's duanagan beaga, a h-uile seòrsa rud agus bha sin air fad am broinn a cinn. Cha robh cà il sgrìobhte aice. Bha i dìreach ga chumail air chuimhne.
"Bhiodh i a' seinn òrain Burns gu math tric agus chluinneadh tu òrain aice nach cluinn thu cha mhòr uair sam bith an-diugh, agus, uaireannan, bhiodh fuinn ùra is annasach aice orra."
Lean Catrìona oirre:
"Bha i uabhasach tarraingeach na pearsa, 's bha tarraing innte do dhaoine. Airson sin innse, bha i a' fuireach ann an à ite gu math iomallach, Òb an Doill. Cha robh rathad na cà il a' dol ann. Bha pìos math mòintich is coiseachd gharbh thuige, 's an dèidh sin bha daoine a' dol a chèilidh ann fad nan oidhcheannan geamhraidh agus 's e dìreach Beasa bha gan tarraing ann."
Bhiodh Beasa ag obair san taigh-nighe aig Caisteal Abhainn Suidhe trì no ceithir seachdainean gach bliadhna an dèidh do na daoine an caisteal fhà gail as t-fhoghar. Bha i a' faighinn not san t-seachdain airson a saothair agus bha an obair seo a' còrdadh gu mòr rithe. An còrr dhen ùine b' ann ri obair fearainn is croite a bha i, obair 's dòcha a thug buaidh air a pearsa mar a dh'innis Catrìona:
"B' e boireannach gu math earthy a bh' ann am Beasa. Bhiodh i uaireannan a' seinn òrain a bha rudeigin °ù¾±²õ±ç³Üé, ach cuideachd bha i fhèin gu mòr an sà s ann an obair croite.
"Bha 'd a' dol dhan t-searmon latha agus theich fèidh romhpa nuair a thà inig iad a-nall air abhainn Òb an Doill, agus bhuail fear dhiubh ann am post na feansa agus thuit e marbh ann an sin.
"Agus nuair a chaidh ise dhachaigh às an t-searmon cha do rinn i aon chà il ach cur dhith, 's rinn i ga iarraidh. Agus tha e coltach gun d' thà inig an geamair a bha an Abhainn Suidhe e fhèin air toir an fhèidh 's nuair a rà inig e cha robh sgeul air 's Beasa air a thoir dhachaigh. Dheigheadh i dhan abhainn cuideachd a thoirt às rud le h-aparan. Bhiodh iad ga fhà gail oirre co-dhiù."
Chan eil teagamh nach b' e boireannach tlachdmhor, tarraingeach as a h-uile dòigh a bh' ann am Beasa. Sin a' chuimhne a bha aig Ciorstag NicAoidh, bean Sandaidh Òb an Doill, mac le brà thair Beasa, oirre:
"Boireannach toilichte a bh' innte. Boireannach còir agus gheibheadh tu air adhart uabhasach math còmhla rithe. Bha an aona trim an còmhnaidh oirre. Bhiodh i a' dèanamh toileachas ris a h-uile duine a thigeadh agus bha tòrr a' tadhal oirre."
A' sgrìobhadh mu deidhinn ann na 1976, agus a' cuimhneachadh gu robh Beasa còrr air 80 bliadhna agus cha mhòr dall nuair a bha e ga clà radh ann an 1952, bha seo aig Fred MacAmhlaigh ri rà dh mu deidhinn:
"Mairead usually got up about midday and the next twelve hours were magic. She was not just simply a superb traditional stylist, she had the sweetness of voice that one associates with late teens and early twenties. Added to this was an authority and interpretation, achieved, as became obvious in conversation, through loving thought over the years about content and meaning. Each song had a story and as she sang she succeeded in the most subtle ways in conveying the changing moods and drama of it."
Chaochail Beasa Ã’b an Doill ann an 1963.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.