Rugadh Mairead NicDhonnchaidh air 19 Ògmhios, 1888, ann an Gleann MhicAoidh, mu dhà mhìle gu leth bho Phort na h-Abhainne, ann an Ìle.
Bha ochdnar as an teaghlach, i fhèin is ceathrar pheathraichean is triùir bhrà ithrean, uile math air ceòl, agus bha na seann òrain Ìleach aca uile. 'S ann à Ile a bha am mà thair agus bhuineadh an athar do Shruighlea. Thà inig e na gheamair do na Rannan.
Nuair a chaidh Mairead dhan sgoil bha fear Niall Orr na mhaighstir-sgoile ann am Port na h-Abhainne, agus b' esan a thug a' chiad leasanan ann an seinn is ceòl do Mhairead. Bha i anns a' chiad chòisir riamh a thà inig à Ìle gu Mòd, dhan Òban.
Ghluais an teaghlach a Ghlaschu faisg air toiseach na linne agus rinn iad an dachaigh ann an Shawlands. Dh'ionnsaich an còignear nighean uile a bhith nam mnathan-eiridinn. Chaillear aon de na gillean anns a' Chiad Chogadh; bha fear na mhinisteir agus bha an treas gille na fhear-gnothaich ann an Glaschu. B' esan Alasdair, a chluicheadh an fhidheall agus a bhiodh uaireannan a' cumail taic ri Mairead nuair a bhiodh i a' seinn.
Choisinn Mairead am Bonn Òr aig Mòd Shruighlea ann an 1909, aig aois 21. Bha e follaiseach gu robh tà lant air leth aice agus ghluais i fhèin agus a peathraichean a Lunnainn. Rinn iad an dachaigh ann an Twickenham agus chaidh i gu Colaisde Ciùil a leasachadh a guth agus a h-eòlas air ceòl.
Air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 04/03/1985, thuirt Iain Mac a' Phì mu deidhinn:
"Bha i rìomhach agus bha i rìoghail. Bha fios aice fhèin gun robh an guth aice agus, nuair a ghabhadh ise suas a sheinn a h-aon de na h-òrain grà dhach againn, bha fhios againn gu robh seo dol a bhith air a dhèanamh ceart. Chan fhaic sinn a leithid gu brà th."
Air an aon phrògram thuirt Mà iri NicNimhein, "Bha i bòidheach agus bha presence aice."
Bha a brà thair, an t-Urr Daibhidh MacDhonnchaidh, na mhinisteir an Uibhist a Deas aig aon à m. Bha e a' fuireach as a' mhansa gu math dlùth de Dhreumasdal agus sin far na thachair Sìneag NicLabhrainn ri Mairead:
"Cha robh iomagain sam bith oirre ciamar a bha i air a sgeadachadh. Bu thoigh leatha dreas dubh. Ach air cho sean sa bha an dreas no ge bith dè, cha do chuir sin dragh sam bith air Mairead. Bha ise mar gum biodh soitheach mòr a' seòladh ... sheòladh i a-staigh air a' phlatform. Bha rudeigin timcheall oirre, agus a' Ghà idhlig aice cho math, Gà idhlig Ìleach."
Tha e soilleir gu robh buaidh aig Mairead air daoine. Bhiodh i tric a' dol air cuairtean air feadh na Gà idhealtachd a' seinn còmhla ris an t-seinneadair ainmeil Coinneach MacRath. Tha e coltach gur h-i a bhiodh a' cumail nam faclan ceart dha. Cha robh iad eu-coltach ri chèile a rèir Fred MacAmhlaigh:
"Bha iad le chèile fosgarra, carthannach, a' gabhail mòr thlachd anns na bha iad a' dèanamh, agus a' faighinn toileachadh mòr anns an toil-inntinn a bha iad a' toirt don luchd-èisteachd."
Ged a bha i cho ainmeil ri seinneadair sam bith na latha, cha robh mòrchuis mu timcheall. Bha i laghach agus, a rèir coltais, èibhinn, mar a dh'fhoghlam an seinneadair Eà irdsidh Grannd 's e air chuairt còmhla rithe.
"Bha sinn an dèidh tighinn à Barraigh le cnapach de bhà ta, 's bha sinn a' tighinn a-staigh do dh'Èirisgeigh. Bha consairt gu bhith ann an oidhche sin. Cha robh cidhe no sìan ann, ach bha an trà igh a-mach co-dhiù. Agus thà inig sinn ri taobh clach mhòr a bha seo, agus cha robh fhios aig Margrat bhochd, bha i cho mòr, ciamar a gheibheadh i a-mach.
"Eà irdsidh" ars ise. "An tog thu mi air do mhuin, 's an toir thu mi a-mach às a' bhata?"
"Togaidh" arsa mise.
Well bha mise cho beag, 's ise cho mòr, 's bha e na imcheist ormsa ciamar a dhèanainn e. Ach dh'aontaich mi co-dhiù. Chaidh Margrat suas agus leum i air mo dhruim 's dh'fhalbh mise 's mi spaidsearachd as an fheamainn. Is 's ann a dh'fhalbh an dà chas bhuam, 's siud Margrat sìos, 's mise air a muin as an fheamainn. Agus dh' èirich mise an uair sin. Nuair a sheall mi, 's nuair a chunnaic mi coltas Margrat as an fheamainn, thòisich mi air gà ireachdainn.
"O" ars ise. "Cha dèanadh tu cà il ach gà ire co-dhiù! Ged a bhithinn air mo mharbhadh, cha dèanadh tu ach gà ire co-dhiù!"
Bha mise, cha b' urrainn dhomh bruidhinn le gà ireachdaich. 'S bha sinn a' faighinn de spòrs mar sin as a h-uile à ite."
Bha fèill mhòr air na clà ir aice. Ach cha b' e òrain a-mhà in a chuir i air clà r. Bhiodh i cuideachd a' dèanamh guthan eadar-dhealaichte, ann an sgeidseachan leithid 'Pià na Ùr Mà iri Chamshron', a bha cuideachd a' tighinn a-mach air clà ir.
Chaochail Mairead aig aois 62, ann an 1950. 'S mar a thuirt Fred MacAmhlaigh, "Chaidh balbh seinneadair cho ceòlmhor, drùidhteach, agus a chualas riamh air a' ghramafon."
Mar chuimhneachan oirre thug an Comunn Ìleach ann an Glaschu seachad dà dhuais airson farpaisean chòisirean, aon don Mhòd Nà iseanta agus an tèile do Mhòd ionadail Ìle.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.