Chaidh an t-òran Griogal Cridhe a dhèanamh le Mòr Chaimbeul 's i a' tà ladh a mic an dèidh dha a h-athair fhèin a cèile a dhìcheannadh air an t-seachdamh latha den Ghiblein, 1570.
B' i Mòr nighean Dhonnchaidh Ruaidh Chaimbeul Ghlinn Lìobhann, agus bha i pòsta aig Griogair Ruadh MacGriogair, ceann-cinnidh nan Griogarach. B' e Donnchadh Ruadh brà thair athar Chailein Lèith, ceann-cinnidh Chaimbeulaich Ghlinn Urchaidh.
Bha strì a bha nimheil agus marbhtach eadar Clann Ghriogair agus na Caimbeulaich anns na 1560an gus an deach na Griogaraich am fògradh mu dheireadh.
Tha e coltach nach robh a h-athair idir airson gum pòsadh Mòr agus Griogair Ruadh. Mar a thuirt i anns an t-òran 'Rìgh gu mòr mo chuid mhulaid':
Gur diombach mi air m' athair
'S caol a sgath e o m' fheòil mi
Chum e uamsa fear taighe
Nach robh adhannt' no gòrach -
SÃ r Ghriogarach gasta
Nach bu tais air an tòrachd.
Nuair a shocraich cùisean airson greis eadar 1565 agus 1567, phòs iad. Ach cha do mhair an t-sìth fada agus an dèidh mìosan 's iad fon choill, ghlacadh Griogair le buidheann Chaimbeulach, Cailean Liath nam measg, air 1 Lùnastal, 1569. Chaidh a chumail na phrìosanach ann an Caisteal Bhealaich, daingneachd Chailein, fad ochd mìosan mus deach a dhìcheannadh le Cailean Liath e-fhèin air 7 Giblean, 1570.
Bha dithis mhac aig Mòr agus aig Griogair Ruadh. B' iadsan Iain Dubh a chaochail òg aig Blà r Ghlinn Freòin sa Ghearran, 1603, agus Alasdair Ruadh a chaidh a chrochadh an Dùn Èideann san Fhaoilleach, 1604, mar thoradh air cùl-mhùtaireachd Caimbeulach eile, Gilleasbaig, an seachdamh Iarla Earra-Ghà idheal.
Tha Mà rtainn MacGriogair a tha air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air eachdraidh Chloinn Ghriogair agus air eachdraidh an òrain dhen bheachd gur e Robert Menzies of Comrie "bà ran crìon na dalach" a phòs Mòr uaireigin an dèidh 1570.
Chaidh an t-òran fhoillseachadh ann an 1813 le Pà draig Mac an Tuairneir à Ceann Tìre anns a' "Cho-chruinneacha do dh'òrain taghta Ghà idhealach nach robh riamh clò-bhuailte gus a nis, air an tional o mheodhair air feadh Gà idhealtachd a's eileine na h-Alba".
Seo mar a tha an t-òran aig Mac an Tuairneir a' toirt dealbh nas slà ine air mar a thachair agus mar a bha Mòr a' faireachdainn:
Moch madainn air Latha Lùnast'
Bha mi sùgradh mar rim ghrà dh'
Ach mun tà inig meadhan latha
Bha mo chridhe air a chrà dh.
Ochain, ochain, ochain, uiridh,
'S goirt mo chridhe, a laoigh,
Ochain, ochain, ochain, uiridh,
Cha chluinn t' athair ar caoidh.
Mallachd aig maithibh 's aig cà irdean
Rinn mo chradh air andòigh,
Thà inig gun fhios air mo ghrà dh-sa
'S a thug fo smachd e le foill.
Nam biodh dà fhear dheug d' a chinneadh
Is mo Ghriogair air an ceann,
Cha bhiodh mo shùil a' sileadh dheur
Na mo leanabh fhèin gun dà imh.
Chuir iad a cheann air ploc daraich
'S dhòirt iad fhuil mu là r;
Nam biodh agams' an sin cupan,
Dh'òlainn dhith mo shà th.
'S truagh nach robh m' athair an galar
Agus Cailean am plà igh,
Ged bhiodh nighean an Ruadhanaich
Suathadh bas is là mh.
Chuirinn Cailean liath fo ghlasaibh
'S Donnchadh Dubh an là imh;
'S gach Caimbeulach a tha am Bealach
Gu giùlan nan glas-là imh.
Rà inig mise rèidhlean Bhealaich
'S cha d' fhuair mi ann tà mh;
Cha d' fhà g mi ròin de m' fhalt gun tarraing
No craiceann air mo là imh.
'S truagh nach robh mi 'n riochd na h-uiseig
Spionnadh Ghriogair ann mo là imh;
'S i a' chlach a b' Ã irde anns a' chaisteal
A' chlach a b' fhaisge don bhlà r.
'S truagh nach robh Fionnlairg na lasair
'S Bealach mòr na smal,
'S Griogair bà n nam basa geala
Bhith eadar mo dha là imh.
'S ged tha mi gun ùbhlan agam
'S ùbhlan uil' aig cà ch,
'S ann tha m' ubhal cùbhraidh, grinn
'S cùl a chinn ri là r.
Ged tha mnathan chà ich aig baile
Nan laighe 's nan cadal sèimh,
'S ann bhios mis' aig bruaich mo leapa
A' bualadh mo dhà là imh.
'S mòr a b' annsa bhith aig Griogair
Air feadh coille 's fraoich,
Na bhith aig baran crìon na dalach,
An taigh cloiche 's aoil.
'S mòr a b' annsa bhith aig Griogair
Cur a chruidh don ghleann,
Na bhith aig baran crìon na dalach,
Ag òl air fìon 's air leann.
'S mòr a b' annsa bhith aig Griogair
Fo bhrata ruibeach ròin
Na bhith aig baran crìon na dalach,
A' giùlan sìoda 's sròil.
Ged a bhiodh ann cur is cathadh
'S latha nan seachd sìon
Gheibheadh Griogair dhomhsa creagan
San caidlimid fo dhìon.
Ba hù, ba hù, asrain bhig
Chan eil thu fhathast ach tlà th
'S eagal leam nach tig an latha
Gun dìol thu t' athair gu brà th.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.