°Õ³óà ¾±²Ô¾±²µ Na Lochies gu aire an t-sluaigh an toiseach ann an 1968 nuair a choisinn iad farpais nan còmhlain aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Dun Omhain air a' chiad oidhirp.
Bha an dithis bhrà ithrean, Seonaidh Beag agus Aonghas Mac a' Mhaoilein agus an caraid Donnie "Gazette" MacAonghais air a bhith nam buill de Chòisir nan Loch agus chuir iad romhpa feuchainn air an fharpais. Thagh iad an t-ainm Na Lochies chionns gu robh iad uile à sgìre nan Loch.
Mar a mhìnich Donnie:
"Rugadh Seonaidh Beag agus a bhrà thair Aonghas ann an Leumrabhagh 's bhithinn-sa an còmhnaidh ann air là ithean-saora seach gu robh mo phà rantan à ceann a deas nan Loch, m' athair à Leumrabhagh agus mo mhà thar à Grabhair.
Aon dheireadh seachdain bha sinn còmhla ann a' Leumrabhagh, agus dìreach chuir sinn romhainn a dhèanamh. Bha Seonaidh aithnichte mar sheinneadair math Gà idhlig co-dhiù agus bha Aonghas math air a' ghiotà r a chluich.
Seach gu robh sinn air a bhith as a' chòisir smaoinich sinn gu seinneadh sinn aon de na h-òrain a bhiodh a' chòisir a' gabhail, 'Cà it' an Caidil an Rìbhinn' agus òran tiamhaidh eile à sgìre na Loch, Isein Bhòidhich. Bha sia no ochd còmhlain eile san fharpais agus thug na britheamhan a' chiad duais dhuinne.
Bhon uair sin rinn Na Lochies seachd clà ir - Westerly Gaels, Home to Lewis, Lewis Folk, North by North West, Slà inte Mhath, Lewisbound, agus Tìr Aluinn - agus clà r beag no dhà eile."
Bho choisinn Na Lochies aig a' Mhòd fhuair iad iomadh cuireadh a dhol air prògraman telebhisean leithid 'S e Ur Beatha, agus tha clà raidhean leotha rin cluinntinn tric fhathast air prògraman rèidio.
Cha robh na balaich a-riamh an sàs anns Na Lochies ach pà irt-ùine. Tha Seonaidh na bhreabadair, tha Aonghas na eòlaiche-inntinn agus bha Donnie na fhear-naidheachd aig pà ipear Steòrnabhaigh. Ach a dh'aindeoin obraichean là n-ùine, 's iomadh talla air feadh Alba agus ann an Lunnainn as na nochd Na Lochies.
'S iomadh òran sean agus ùr a thug iad gu aire an t-sluaigh, mar eisimpleir òrain le Murdani Ceanadach (Murdani Mast), leithid 'Òran na Beairt' agus 'Òran a' Bhradain'.
Bha iad a-riamh ro dheònach feuchainn air òrain ùra, mar a mhìnich Donnie:
"Thug daoine à iomadh ceà rnaidh de na h-Eileanan Siar agus iomadh à ite eile òrain dhuinn, 's bha sinn toilichte an ionnsachadh, an gabhail agus an clà radh, co-dhiù 's e òrain gaoil, òrain thiamhaidh, òrain dhùthchail, òrain molaidh no òrain èibhinn a bh' annta."
An-diugh tha dithis de Na Lochies a' fuireach an Leòdhas, Seonaidh as an Rubha agus Donnie air a' Bhac. Tha dachaigh Aonghais ann an Dùn Phris, ged a bhios e tighinn dhan eilean gu math tric.
Tha sinn an comain Donnie MacAonghais airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.