Thòisich Cogadh na Cailliche Caime, mar a chante ris am beul-aithris, nuair a chuir Dòmhnall Gorm Mòr, ceann-cinnidh nan Dòmhnallach, bhuaidhe Mairead, piuthar do Ruaraidh Mòr, ceann-cinnidh nan Leòdach an Dun Bheagain.
Bha Mairead air a fradharc a chall agus chaidh a sgiùrsadh le Dòmhnall Gorm à Dùn Thuilm air druim eich a bha air leth-shùil. Còmhla rithe chuir e gille aig nach robh ach aon shùil agus cù a bha air leth-shùil. Agus mar nach robh seo a' dèanamh tà ire gu leòr oirre fhèin agus air a cuideachd, nuair a fhuair e sgaradh-pòsaidh, phòs e piuthar de Mhac Coinnich Cheann Tà ile, dearg nà mhaid Ruaraidh Mhòir.
Dh'adhbhraich seo cogadh fuilteach a mhair dà bhliadhna eadar an dà chinneadh. Rinn Ruaraidh sgrios ann an Tròndairnis agus thug na Dòmhnallaich ionnsaigh bhrùideil air fearann nan Leòdach as na Hearadh. Thill iad dhan Eilean Sgitheanach far an cuala iad gu robh Ruaraidh Mòr air togail air a thoirt ionnsaigh air fearann nan Dòmhnallach an Uibhist a Tuath.
Chaidh muinntir Uibhist a shireadh comraich an Eaglais na Trianaid an Cà irinis, ach cha do chuir sin bacadh air na Leòdaich, le fear air an robh Dòmhnall Glas, à Ròdal na Hearadh, air an ceann. An dèidh là mh-an-uachdar fhaighinn air na Dòmhnallaich agus an cuid, chuir Dòmhnall Glas 's a chuideachd romhpa beagan fois a ghabhail an Cairinis mus tilleadh iad dha na Hearadh.
Rà inig an naidheachd Dòmhnall Mac Iain Ic Sheumais, aig an robh Èirisgeigh aig an à m seo, a' bhliadhna 1601. Bha esan de Chloinn Dòmhnaill agus ainmeil mar churaidh. Bha e air a rà dh gu robh "a neart mar dharag na coille, a chumadh cho dìreach ri giuthas na beinne, 's a chorp cho subailte ri cuilc nan lòn" agus gu robh claidheamh aige air an robh An Lainnire Riabhach.
Rinn e air Uibhist a Tuath le dà dhuine dheug de chuideachd. Thog iad triùir eile air an t-slighe tuath, agus le sin, bha sia duine deug sa chuideachd aig Dòmhnall nuair a rà inig iad Cà irinis.
Rinn iad sgrios air na Leòdaich aig Blà r na Fèithe no Blà r Chà irinis, ach chaidh Dòmhnall a leòn le saighead anns a' chath. Chaidh Dòmhnall Glas a mharbhadh air a' chladach sa Bhaile Shear aig à ite ris an cante Oitir Mhic Dhòmhnaill Ghlais. Cha do shà bhail ach dithis Leòdach.
Bha a mhuime, Nic Còiseam, air Dòmhnall a leantainn à Èirisgeigh agus a rèir an aithris bha i fhèin agus banal bhoireannaich air cladach a tuath Ghriomasaigh a ruighinn mun à m a bha am blà r a' crìochnachadh. Rinn i glaodh mhòr uabhasach agus chaidh sgoth a chuir gan iarraidh. Bha e air a rà dh gun do sheinn iad Mhic Iain 'ic Sheumais fhad 's a bha Nic Còiseam a' toirt an t-saighead à sliasaid Dhòmhnaill.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.