Rugadh Raymond Bremner ann an Dùn Èideann air 1 Giblean, 1966. 'S ann à Inbhir Ùige a tha athair agus buinidh a mhà thar do Phenicuik, faisg air Dùn Èideann. Tha dithis pheathraichean aige a tha fuireach anns an aon bhaile ris fhèin, Thrumster, ceithir mìle deas air Inbhir Ùige.
Tha a mhà thair agus a pheathraichean math air seinn ged nach bi iad a' seinn mu choinneamh sluaigh. Bha a sheanair, air taobh a mhà thar, math air iomadh ionnsramaid a chluich agus bhiodh e a' dèanamh mandolins, gu sònraichte, mar chur-seachad.
Chaidh Raymond dhan sgoil ann an Inbhir Ùige an toiseach ach ghluais an teaghlach gu Baile Dhùn Lèibhe ann an 1973, nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois. 'S ann am Bun-sgoil Knightsridge, anns a' bhaile, a thòisich e air ceòl. Dh'ionnsaich e ciamar a chluicheadh e an cornet agus tenor horn còmhla ris a' Salvation Army agus Còmhlan Òigridh Bhaile Whitburn. Fhuair e alt air an fhidhill còmhla ri orcastra sgoiltean Lodainn an Iar. Thòisich e a' suidhe deuchainnean ciùil air an fhidhill agus air a' phià na nuair a bha e sia bliadhna a dh'aois agus nuair a bha e dà bhliadhna dheug thòisich e air a' ghiotà r. Chun an latha an-diugh 's e am pià na agus an giotà r an dà ionnstramaid as tric a chluicheas e.
Chaidh e do dh'Àrd-sgoil Coimhearsnachd Deans ann an 1978, agus thuirt Tòmas MacDhonnchaidh, ceannard roinn ciùil na sgoile, ri phà rantan gun robh comas ciùil air leth aige. Mar sin, lean e ris a' cheòl ach thòisich e air drà ma cuideachd. Bha e ann an còmhlan na sgoile agus nochd e ann an cluichean-ciùil an latha, lethid Joseph and the Amazing Technicolor Dreamcoat. Nuair a bha Raymond sia bliadhna deug chaidh an teaghlach air ais a dh'Inbhir Ùige, far an robh e a' cluich an duiseil agus tenor saxophone ann an còmhlan na sgoile. Choisinn e deuchainn à rd-ìre airson guth air a' chòigeamh bliadhna agus chòrd sin cho math ris 's gun deach e tron deuchainn a-rithist air an t-siathamh bliadhna.
Ann an 1984 chaidh e do Cholaiste Stevenson ann an Dùn Èideann, a dh'ionnsachadh teicneòlas pià na. Air a' chiad bliadhna dhan chùrsa bha e ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba, an RSAMD, ann an Glaschu agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann air an treas bliadhna. Bha e a' rèiteach ciùil do chòmhlan na colaiste fad 's a bha e ag ionnsachadh.
Nuair a thill e air ais a dh'Inbhir Ùige ann an 1987, chaidh e na bhall de Chomunn Còisir Inbhir Ùige agus bha e a' cluiche an òrgain ann an eaglaisean a' bhaile. Ged a bu mhath leis a bhith air cosnadh a dhèanamh ann an ceòl, ghabh e obair aig Companaidh Ghlainne Ghallaibh. Sin far an do choinnich e ri Murchadh MacRisnidh, Dodo Bachals, à Liùrbost agus 's ann mar thoradh air sin a ghabh e ùidh ann an gnothaichean Gà idhlig. Ann an ùine thà inig e gu bhith na Mhanaidsear aig Companaidh Ghlainne Ghallaibh agus, ann an 2004, ghluais e gu Companaidh Uinneagan Geddes, far am bheil e na Àrd-stiùiriche an-diugh. Tha e cuideachd na Stiùiriche air Comunn Luchd-malairt Ghallaibh.
Ann an 1996 bha e an là thair air Fèis nan Còisir ann an Steòrnabhagh agus an dèidh coinneachadh ri Còisir Lacasdail fhuair e cuireadh a dhol air an à rd-ùrlar còmhla riutha. Chuir e seachad an latha ag ionnsachadh am pà irt a bh' aige anns an t-seinn agus, feasgar, chaidh e còmhla riutha air à rd-ùrlar le facail nan òran sgrìobhte air pà ipear air cùlaibh an fhir a bha air a bheulaibh. An ath bhliadhna thà inig e air ais chun na fèise le Còisir Ghà idhlig Ghallaibh, agus nochd iad airson a' chiad uair aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Inbhir Nis a' bhliadhna sin cuideachd.
'S e Mòd Ionadail Ghallaibh agus Chataibh a' chiad Mhòd anns do ghabh Raymond pà irt, ann an 1996. Choisinn e an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Inbhir Nis ann an 1997 agus Cuach NicUalraig Fhriseil agus Co-fharpais nan Òran Mara. Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd a' Ghearastain, ann an 1999. 'S e Uilleam Dòmhnallach, nach maireann, a bhuineadh do Bharraigh, agus a bha a' fuireach ceithir mìle bho Thrumster, bu mhotha a thug buaidh air an t-seinn aig Raymond ann an Gà idhlig.
Ghabh e thairis Còisir Ghà idhlig Mhealabhaich ann an 2001 agus Atomaig Piseag, còisir mhnathan à Earra-Ghà idheal, ann an 2003. Tha Còisir Mhealabhaich air farpais nam puirt-à -beul a bhuannachadh dà uair bho ghabh e thairis an stiùir, ann an 2002 agus ann an 2008, a' bhliadhna a choisinn iad Sgiath Latharna cuideachd. Anns na seachd bliadhna a tha Atomaig Piseag air a bhith còmhla, tha iad air Cuach Esme Smythe a ghlèidheadh dà uair. 'S e Hamish Mèinnearach, bho Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, as motha a tha air a bhith na bhrosnachadh agus na mhisneachadh dha Raymond a thaobh obair nan còisirean.
Tha e a' faighinn an tlachd as motha an-diugh à bhith a' cuideachadh agus a' teagaisg fharpaisich airson Mòdan, daoine leithid Alasdair MacIlleBhà in, a fhuair am Bonn Òr ann an 2006, agus Philip Todd a fhuair an t-Aigeallan Airgid ann an 2009. Tha e a' toirt toileachas dhà cuideachd a bhith an sàs an lùib Atomaig Piseag, ag obair air ceòl chòisir a tha air ùr rèiteach ann an dòigh mhisneachail, tharraingeach.
Tha Raymond na Iar Cheann-suidhe air Comunn nan Còisirean Gà idhlig, am buidheann a tha a' riochdachadh nan còisirean a tha a' gabhail pà irt anns a' Mhòd Nà iseanta. Tha e na Cheann-suidhe air Roinn a' Chinn a Tuath den Chomunn Ghà idhealach agus air Meur Ghallaibh den Chomunn. Bha e cuideachd air ceann a' bhuidhinn a rinn oidhirp, ann an 2007, am Mòd Nà iseanta a thoirt gu Gallaibh agus bha e na Fhear-gairm air Comataidh Ionadail Mòd Ghallaibh ann an 2010. Thug e tlachd mhòr dha gun robh mòran, de gach aois, às a' choimhearsnachd a' gabhail pà irt anns na bha a' dol fad seachdain a' Mhòid.
Bu mhath leis uaireigin ùine a bhith aige airson faobhar a chuir air a chomasan ann an Gà idhlig oir cha robh e riamh ach aig sia clasaichean-oidhche airson Gà idhlig, air ais ann an 1989. Thog e an còrr den chà nan dìreach tro chòmhradh ri fileantaich, a' mhòr-chuid ann an Leòdhas, a tha air a bhith mar dà rna dachaigh dhà bho chionn iomadach bliadhna.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.