Chante Ruaraidh Mòr nan Òran ri Ruaraidh MacLeòid na latha. Rugadh e ann an 1867 ann an Ailbhinn, an Asainte. B' e mac croitear a bh' ann dheth, fear de shianar bhrà ithrean a bha uile math air seinn. Aig aois 14, dh'fhà g e Asainte airson a dhol a dh'Inbhir Pheofharain a dh'ionnsachadh a chiùird mar fhear-bùtha.
Ann am prògram a rinn e mu Ruaraidh thug am fear-naidheachd Mà rtainn Dòmhnallach iomradh air mar a bha am baile aig an à m:
"Baile eadar a bhith Gà idhealach is a bhith Gallda a bh' ann an Inbhir Pheofharain aig an à m sin. Thug na Gà idheil an cainnt 's an òrain ann. Thug na Goill tidsearan, fir-lagha, bà illidhean is bancairean, an cainnt 's an ceòl-san ann cuideachd, le còisirean is comainn opara 's a leithid.
Bha pòsadh gu ìre eadar an dà dhualchas ach pòsadh as an robh là mh an uachdair aig na Goill. Fhuair Gà idheil mar Ruaraidh ionnsachadh a thaobh ciùil gun teagamh agus, ged a bha blas Gallda air an ionnsachadh sin agus tuigse Ghallda air a chùl, bha cuid de dh'òrain Gà idhlig ann air nach dèanadh ionnsachadh den t-seòrsa sin cus millidh."
Bha Ruaraidh ann an Inbhir Pheofharain fad ceithir no còig bliadhna, mus do ghluais e a dh'Inbhir Nis aig aois 19 no 20. Lean e ri marsantachd gu dìcheallach 's cha b' fhada gus an robh bùth aodaich aige fhèin air Srà id Drummond an Inbhir Nis, bùth air am biodh muinntir na tuath tric a' tadhal – "He kept a bottle in the back shop where many a cronie got a dram from Rory!"
Bha a' bhùth cudromach, mar a mhìnich Mà rtainn Dòmhnallach:
"Thug a' bhùth tuarasdal cinnteach dha, tomhas de dh'inbhe am measg urrachan a' bhaile agus saorsa a bhith seinn an ìre mhath nuair a thogradh e fhèin.
Gu ìre 's e an aon seòrsa measgachadh de Ghà idheal is de Ghall a bh' ann an Inbhir Nis 's an latha sin 's a bh' ann an Inbhir Pheofharain, ach gu robh Inbhir Nis na bu mhotha.
Bha còisirean ann is Burns Society is Comann Gà idhlig Inbhir Nis agus cha b' fhada gus an robh stèidh aig Ruaraidh annta uile. Lean e air ag ionnsachadh mu cheòl oir, ged a b' e marsantachd a bheòshlà int, b' e ceòl a bheatha."
Thug daoine mar J. S. Roddie, maighstir-ciùil a bha sàs an Còisir Inbhir Nis agus a dheasaich mòran òrain Ghà idhlig do chòisirean, cuideachadh dha agus bha meas air Ruaraidh aig cèilidhean sa bhaile agus aig cuirmean bhliadhnail Comann Gà idhlig Inbhir Nis.
Cha b' fhada gus na sgap a chliù agus thòisich e a' faighinn fiathachadh gu cuirmean mòra nan Gà idheal anns na bailtean aig deas."
Aig an treas Mòd riamh a chùm an Comann Gà idhealach anns an Òban ann an 1894 choisinn e am Bonn Òr. Ach mar a thuirt Fred MacAmhlaigh:
"Ged a chuidich am bonn e rud beag 's dòcha, tha mi gu math cinnteach gur e cho math 's a sheinneadh e òran agus an seòrsa fosgarrachd a bha san duine a dh'fhà g cho measail e."
B' e Ruaraidh MacLeòid a' chiad sheinneadair Gà idhlig riamh a rà inig air na Gà idheil nan dachaighean agus bha sin ri linn aig a' ghramafon gu h-à raidh. Bha na clà ir aige rim faighinn fada ro na clà ir aig Coinneach MacRath agus Niall MacIllEathain is an leithid.
Ann an eachdraidh ceòl Gà idhlig tha à ite sònraichte aig Ruaraidh, a rèir Mhà rtainn Dhòmhnallaich:
"Thug e seasamh do dh'òrain Ghà idhlig ann an sùilean an t-sluaigh nach robh aca roimhe sin agus chuir e cuideachd ann an sùilean nan companaidhean ciùil gu robh prothaid ann dhaibh ann an Gà idhlig. Anns an dòigh sin dh'fhosgail e an doras do sheinneadairean mar Coinneach MacRath is Niall MacIllEathain is Eà irdsidh Grannd a thà inig às a dhèidh."
Bha an saoghal brà th de dh'òrain aig Ruaraidh MacLeòid bho iomadh ceà rn den Ghà idhealtachd, agus bha e measail air òrain èibhinn cuideachd. Dh'eadar-theangaich e o Bheurla òrain leithid "Stop Your Tickling Jock" agus "Where Did You Get That Hat?"
Fhuair dà bhrà thair dha am Bonn Òr, Iain ann an 1904 agus Murchadh ann an 1907.
Bha Ruaraidh a-riamh glè fhritheailteach air Eaglais a' Chrùin an Inbhir Nis far am biodh e tric an ceann an t-seinn.
Chaochail e an 1934 aig aois 67 agus le sin feumaidh gu robh e suas ann am bliadhnaichean nuair a rinn e co-dhiù cuid de chlà ir. Sgrìobhte air an leac aige tha na facail, "Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.