
Rugadh Seasaidh Anna NicAoidh NicChoinnich air 24 Samhain, 1918. B' i a b' òige den cheathrar theaghlach a bha aig Murchadh Choinnich Mhurchaidh agus a bhean, Dolag Sheòrais, an dithis aca à Seisiadar anns a' Rubha an Leòdhas. Chaidh NicAoidh a chur na h-ainm mar chuimhneachan air a seanmhair a thà inig à Dùthaich MhicAoidh.
B' e a piuthar, Nancy, a bu shine san teaghlach. Chaill iad nighean bheag air an robh Mà iri 's gun i ach òg, agus b' e Murchadh a bh' air a brà thair. Chaidh Murchadh, athair Sheasaidh, a chall nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Là na Bliadhn' Ùire, 1919.
Dh'fhà s Seasaidh suas ann a' Seisiadar agus chaidh i do Sgoil na h-Àirde ann an 1924, mar a dh'innis a deagh bhana-charaid, Nora Osborne, air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 16/11/1993:
"Fliuch no fuar, no sneachd no grian, bhiodh sinn a' coiseachd suas tron bhaile 's a-null Tobht a' Bhreac 's sìos Allt Dìobadal 's rathad beag na sgoile dhan sgoil. Cha mhòr nach robh e dà mhìle air falbh bhuainn.
Nuair a bhiodh leth uair a thìde aca nach biodh cà il againn ri ionnsachadh san sgoil, rud ris an can iad free activity an-diugh, bhiodh iad ag iarraidh air feadhainn amhrain a ghabhail, no sgeulachd innse, no rudeigin, 's bhiodh Seasaidh an còmhnaidh ann. Bha guth math aice bho bha i beag 's bhiodh ise a' gabhail amhrain."
Chaidh Seasaidh do Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh far an do roghnaich i Gà idhlig a dhèanamh gu ìre Higher. Ged a bhiodh i a' seinn aig mòdan cha deach a misneachadh le na tidsearan gu ìre mhòr sam bith a thaobh seinn.
Thug Seasaidh bliadhnaichean a' chogaidh ag obair ann am factaraidh armachd an Dùn Èideann ach, aon uair 's gun tà inig sìth, chaidh i gu Moray House a thrèanadh a bhith na tidsear.
Bha i a' teagasg ann am Bun-sgoil Shiaboist mus d' fhuair i obair ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh, far an robh i gus an do leig i dhith a dreuchd.
Seo far an do chuir seinneadair eile, Mà iri Nic a' Ghobhainn, eòlas oirre agus cha b' fhada gus na thuig i cho là n spòrs 's a bha Seasaidh:
"Nam biodh cuirm no duine a leigeil dheth a dhreuchd, bhiodh i a' dèanamh cinnteach gum biodh luadh againn. 'S bhiodh i fhèin a' dèanamh tòrr de na h-amhrain a bhiodh freagarrach airson an à m a bha sin. Agus abair gum biodh spòrs againn.
Cha bhiodh cà il a dh'fhios aig abair bith cò bhiodh a' leigeil dheth a dhreuchd, no a dreuchd, gum biodh cà il a' dol.
'S bhiodh sinn a' tighinn a-steach air fà th dhan a' sgoil 's bhiodh sinn a' toirt uair a thìde, gu math tric aig tìde diathad, 's dòcha airson trì seachdainean no mar sin ro là imh, a' dèanamh cinnteach gum biodh a h-uile facal againn ceart."
Seo eisimpleir den t-seòrsa òran luaidh a sgrìobhadh Seasaidh, an turas seo agus maighstir-sgoile a' fà gail na sgoile:
Him bò, hogaidh ò
Hiùraibh ò, hòro gheallaidh
Him bò, hogaidh ò.
Buailibh, luaidhibh an clò
'Son còta mòr dhan a' mh's-sgoile.
Chan eil am m's-sgoile ga iarraidh
Bha clò mòr a-riamh ga thachais.
Bhoill, mur dèan esan feum dheth
Nì e fèileadh dhan an ath fhear.
Nam biodh beagan dheth air fhà gail
Bheireadh tè na Pà irc' e dhachaidh.
Nì e cuiseanan is cuibhrig
Air droch oidhch' do mhuinntir Ghrabhair.
Feuch a fà g sibh slat no dhÃ
Bheir Bilidh dhan a' Spà inn an ath-bhliadhn'.
'S i bhios snog sa Chosta Brava
'N deise-shnà mh de shnà th nam boban.
Ged a bha Seasaidh là n spors, bha i ciùin, socair na dòigh, foighidneach le sean agus òg. 'S beag an t-iongnadh gur e Sweet a' far-ainm a bh' oirre.
"Tha cuimhn agam, bha a' chlann bheaga anns a' sgoil ann a' Steòrnabhagh, agus a h-uile Dihaoine bhiodh i a' dèanamh an-aìrde an register. 'S bhiodh i ag rà dh ris a' chlann, "Now, what must we have today?"
'S chanadh a' chlann, "A little bit of hush!"
Bha i cho math dhan a' chlann agus cho bà idheil riutha."
Bhiodh Seasaidh a' sgrìobhadh bà rdachd is rannan a ghabhadh a' chlann aig a' Mhòd, air cuspairean a bha freagarrach dhan aois a bha iad. Seo, mar eisimpleir, an dealbh a rinn i air bùth agus oifis puist a bha aig fear Langley ann an Ceann a' Bhà igh, an Steòrnabhagh:
Tha bùth aig mo sheanair-sa
A-muigh an Ceann a' Bhà igh,
'S tha bucas dearg nan litrichean
Mu coinneamh air an t-srà id;
Gheibh thu innte stampaichean
Is peinseanan na Stà it,'
Ach 's e na rudan eile a th' innt'
Tha còrdadh riums' nas fheà rr.
Tha copanan is truinnsearan
Air sgeilpichean gu h-Ã rd,
Poitean tì is asaidean
Soithichean ìm is cà is;
Tha aran-cridh' is briosgaidean
Siùcar dubh man teà rr,
Bidh cnothan oidhche Shamhna innt'
Agus uighean milis cà is.
Bu chaomh leam bhith ag obair
Am post oifis Cheann a' Bhà igh!
'S iomadh duine air an tug an t-seinn aig Seasaidh buaidh mhaireannach. Nam measg, bha Isa Nic'ilip à Uibhist a Tuath, i fhèin na seinneadair 's na neach-teagaisg. Choinnich i ri Seasaidh an toiseach aig co-labhairt luchd-teagasg. Nuair a bhiodh òraidean an latha seachad, bhiodh an cèilidh a' tòiseachadh:
"Boireannach ciùin, sèimh, socair, modhail a bh' ann a' Seasaidh. Ri bruidhinn rithe shaoileadh tu 's dòcha nach robh eòlas sam bith aice air seinn no dad sam bith dhen t-seòrsa sin. Ach aon uair 's gun tòisicheadh i a' seinn, bha do bheachd ag atharrachadh. Nam bheachd-sa, 's e fìor chorra sheinneadair a bha na b' fheà rr na i. Bha i air leth math, agus bha dòigh aice air seinn a bha à raid. Dìreach ghlac i m' aire gu mòr agus chòrd i rium fìor mhath. Chanainn-s' nach robh mòran ann na b' fheà rr na i air seinn as an dòigh as am biodh ise a' seinn."
Bha Mòrag NicLeòid, a bha iomadh bliadhna a' rannsachadh òrain aig Sgoil Eòlais na h-Alba ag aontachadh. Bhiodh i a' cluich òrain le Seasaidh nuair a bhiodh i a' teagaisg oileanaich, glè tric aig nach robh Gà idhlig:
"Bhithinn uair sam bith moiteil an guth aig Seasaidh NicChoinnich a bhith aca, a chionns tha mi a' smaoineachadh gun còrdadh e ri duine sam bith. 'S e rudeigin a th' as a' ghuth aice, guth brèagha, agus chan eil e gu diofar dè sheinneadh Seasaidh, sheinneadh i gu math e, air sgà th a' rud a bha seo a bh' as a' ghuth aice, gibht a fhuair i."
Bha mòran òrain aig Seasaidh air a cuimhne agus nam measg bha òrain nach robh aige duine eile.
Fhuair i tomhas mhath dhiubh sin bho Dhòmhnall MacAmhlaigh, Dòmhnall 'an Mholaich a bha a' fuireach aig 13 Seisiadar. Bha Dòmhnall air a bhith as a' Mhailisidh agus as an Nèibhidh. Bha e air a bhith aig an iasgach air a' chost an ear, agus ann a' Sealtainn 's am Barraigh, anns an eilean Mhanainneach agus mu thimcheall Èirinn. Bha e air òrain a thogail an iomadh à ite agus bho iomadh duine ris na choinnich e.
Bhiodh Seasaidh cuideachd a' cruinneachadh òrain agus, cho luath 's a ghabhadh innealan clà raidh faighinn, bhiodh i falbh a' bhaile a' clà radh òrain.
Bha an t-eòlas aice air leth feumail nuair a mhiannaich Comunn Gà idhealach Leòdhais an leabhar òran Eilean Fraoich a leudachadh agus a dheasachadh às ùr. Dh'obraich i còmhla ri Donnchadh "Major" Moireasdan, Sìne NicLeòid agus Mà iri NicLeòid agus nochd an leabhar ùr ann an 1982.
Cha do phòs Seasaidh a-riamh. Bha an taigh anns an robh i a' fuireach còmhla ri a piuthar, Nancy, là n ceòl is aighear. Chluicheadh i am pià na agus bha fear aice a-staigh. Bha an dithis aca trang a' teagasg, a' stiùireadh chòisirean sgoile, agus a' dèanamh òrain agus rannan do sgoilearan òga.
Bha i air a h-ionndrainn gu mòr nuair a chaochail i air 4 Cèitean, 1992. Mar a thuirt a' bana-charaid Nora:
"Chan fhairicheadh tu an tìde na cois a' dol seachad. Bha rudeigin an còmhnaidh aice airson toirt gà ire ort. Tha mi toilichte a' smaoineachadh oirre ach duilich cuideachd airson nach eil i ann."
Tha sinn an comain Mà iri NicLeòid aig 15A Seisiadar, nighean Mhurchaidh, brà thair Sheasaidh, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.