Rugadh Seonaidh Caimbeul, Seonaidh mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhà in, air Taobh a Deas Loch Baghasdal anns an Ògmhios 1859, fear de theaghlach a bha, agus a tha, aithnichte airson bà rdachd agus òrain.
'S e glè bheag de sgoil a fhuair e agus an dèidh greis na bhuachaille chaidh e chun an iasgaich, obair aig an robh e airson iomadh bliadhna. Mar a mhìnich Iain MacAonghais (Iain Pheadair), a sgrìobh mu cheud òran sìos bho aithris Sheonaidh fhèin:
"Aig amannan sònraichte dhan bhliadhna bhiodh e eadar an Àird an Ear agus Sealtainn ris an sgadan; agus nuair a thigeadh e dhachaigh bhiodh e ag iasgach an sgadain 's nan giomach, agus leis na lìn mhòra air na grunnan aca fhèin; agus treisean, nuair a bhiodh e freagarrach, ris an fhearann, air cruit athair, ged nach e sin fearann a th' aige nist.
Bhiodh e an uair sin an à m a' gheamhraidh a' dol a Ghlaschu a dh'obair anns na gà rraidhean-iarainn, 's an obair a' ghais."
Bha Seonaidh pòsta aig Mairead NicPhà rlain agus, ged nach robh teaghlach aca, bha an dachaigh air Taobh a Deas Loch Baghasdal na thaigh cèilidh aig muinntir na sgìre.
Ged nach dèanadh Seonaidh ach beagan sgrìobhadh agus leughadh, a dh'ionnsaich e bho mhaighstir-sgoile an Canaigh, bha eòlas farsaing aige air bà rdachd na Gà idhlig. Mar a sgrìobh Iain Pheadair:
"Dh'ionnsaich e gu leòr dha na h-òrain aca agus, leis cho fìor mhath 's a bha chuimhne aige, aon uair 's gum faigheadh e grèim orra cha robh feum aige air leabhar ann. Nuair a bhiodh e fhèin a' dèanamh òrain, 's ann uair ainneamh nach tigeadh faclan agus beachdan na inntinn bho na seann bhà ird ma dh'fhaodte a bhiodh freagarrach gu leòr san òran a bha e fhèin a' dèanamh."
Agus 's iomadh cuspair air na rinn e dà in, gu leòr aca aotrom, èibhinn: iasgach mar a bhiomaid an dùil, obair an fhearainn, muinntir an à ite, tachartasan, am pension, tinneasan, marbhrainn agus òrain mun chogadh mhòr.
Ged a sgrìobh Maighstir Ailean Dòmhnallach dòrlach òrain bho Sheonaidh, 's e saothair Iain Pheadair is coireach gu bheil cuid aca air chuimhne an-diugh.
Sgrìobh e sìos mu cheud òran bhuaidhe, 4500 sreath, agus dh'fhoillsich e fhèin agus Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, 48 dhiubh anns an leabhar Ã’°ù²¹¾±²Ô Ghà idhlig le Seonaidh Caimbeul. Dheasaich an Caimbeulach na h-òrain airson clò agus nochd e ann an 1936. Nam measg tha trì dà in spioradail, 'Beannachadh na Sgothadh', 'A' Phà is' agus Breith Chrìosda.
Chaochail Seonaidh Caimbeul air 8 Gearran, 1947.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.