Rugadh Seumas Mac a' Ghobhainn ann an Newton ann a' Steòrnabhagh air 25 Lùnasdal, 1929. 'S e clachair a bha na athair, Ruairidh, a bhuineadh do Mhealabost, faisg air Steòrnabhagh. B' ann do Bhrèinis, ann an Ùig, a bhuineadh a mhà thair, Mà iri NicLeòid. Bha ceathrar anns an teaghlach, dithis pheathraichean agus dithis bhrà ithrean.
Chaidh Seumas do Sgoil MhicNeacail agus an dèidh an sgoil fhà gail chaidh e a dh'obair do Roinn nan Rathaidean 's nan Drochaidean aig Comhairle Rois is Chromba. Nuair a thà inig Comhairle nan Eilean Siar gu bith, dh'atharraich an t-ainm gu Roinn nan Seirbheisean Innleadaireachd agus bha Seumas ag obair aca gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Cho math ri bhith seinn, tha Seumas sgileil air a' phià na. Chluicheadh a bhrà thair Ruairidh an fhidheall agus mandolin agus bha ceòl an còmhnaidh anns an dachaigh.
Bha ùidh mhòr aig Seumas ann an ceòl, a bhith ag ionnsachadh òrain is fuinn ùra. Ged a bha e a' faighinn tlachd mhòr à bhith clà radh òrain do leithid a' BhBC, cha robh miann aige idir a bhith a' nochdadh mu choinneamh luchd-èisteachd.
Bhiodh Donnchadh "Major" Moireasdan, aithne e, glè thric a' toirt taic air a' phià na do Sheumais aig cuirmean-ciùil ann an à iteachan mar Caisteal Dhùn Bheagain agus Dhùn Robain agus Mount Stewart House, ann an Èirinn a Tuath. Bha iad corra uair ann a' Lunnainn, uaireannan air aoidheachd aig Còisir Ghà idhlig Lunnainn. Bhiodh Seumas a' seinn measgachadh de dh'òrain Ghà idhlig, Bheurla, Èireannach agus chlasaigeach aig cuirmean dhen t-seòrsa sin.
Choisinn Seumas Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Dùn Èideann, ann an 1951.
Bho leig e dheth a dhreuchd tha Seumas air a bhith siubhal gu York trì neo ceithir uairean gach bliadhna. Tha tlachd mhòr aige ann an Àrd-eaglais a' bhaile agus an ceòl eireachdail a tha ri chluinntinn ann. Tha e a' toirt toileachas mòr dha cuideachd a bhith a' siubhal anns na Dales.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.