Tha e coltach gun deach an t-òran Fear a' Bhà ta a dhèanamh mu dheireadh na h-ochdamh linn deug le Sìne NicFhionnlaigh à Tong ann a' Leòdhas. Bha i a' falbh le iasgair a sgìr' Ùige, Dòmhnall MacRath. Tha e follaiseach gu robh dùil aice ri leanabh leis nuair a rinn i an t-òran:
Tha mo chriosan air dhol an-aìrde
Chan ann bho fhìdhleir no bho chlà rsair,
Ach bho stiùireadair a' bhà ta
'S mur tig thu dhachaigh, gur truagh mar tha mi.
Bidh mi tuille gu tùrsach, deurach,
Mar eala bhà n 's i an dèidh a reubadh;
Guileag bà is aice air lochan feurach
Is cà ch uile an dèidh a trèigsinn.
A dh'aindeoin an à mhghair a tha i a' nochdadh san òran, tha e coltach gun do phòs iad goirid an dèidh dhith an t-òran a dèanamh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.