'S ann à Greòsabhagh, Na Hearadh, a bha Uilleam Iain MacAmhlaigh. Bha cuideachd athair, Ruaraidh MacAmhlaigh, Ruaraidh Lachlainn Ruaraidh, à Beà rnaraigh Ùig, agus bha taobh aig a mhà thar, Mà iri Ceit NicAmhlaigh, Mà iri Ceit Thormoid Shomhairle, ri Beà rnaraigh na Hearadh.
Rinn Ruaraidh agus Mà iri Ceit an dachaigh an Greòsabhagh. Bha Ruaraidh ri croitearachd ach cuideachd bha e ainmeil anns na Hearadh airson togail agus cà radh eathraichean, dìreach mar a bha athair roimhe.
Bha naoinear chloinne aca ach chaochail aon nighean is i dìreach na pà iste. B' e Uilleam Iain a b' òige dhen ochdnar eile agus rugadh e air 22 Giblean, 1948.
Gu cianail, chaochail a mhà thair an latha a rugadh e. Cha robh i ach 37 agus cha robh Lachaidh, a bu shine dhen teaghlach, ach 15 is e fhathast a' dol don sgoil air an Tairbeart. Cha robh an duine a b' òige buileach dà bhliadhna agus, ged a bha Ruaraidh airson an teaghlach a chumail cruinn, b' fheudar dha an naoidhean agus an tè bheag a chuir gu an seanmhair air taobh a mà thar, mu leth mhìle air falbh bhon dachaigh.
An dèidh an sgoil fhagail chaidh Uilleam Iain do Cholaiste Teicnigeach Inbhir Nis a dhèanamh cùrsa einnseanaireachd. Bha am bà rd Aonghas Iain MacLeoid cà irdeach don teaghlach agus b' esan a dh'iarr air Uilleam Iain tighinn a Dhùn Dèagh, far an robh e fhèin a' fuireach, nuair a chrìochnaich e an cùrsa. Rinn e sin agus fhuair e obair ag ionnsachadh ciùird aig a' chompanaidh Timex.
Na bhalach ann an Greòsabhagh, bha Uilleam Iain eòlach air nighean bheag air an robh Catrìona. Bha i a' fuireach san ath bhaile agus bha iad còmhla ann an Àrd-sgoil an Tairbeart. Nuair a chaidh Uilleam Iain a dh'Inbhir Nis, chaidh Catrìona dhan Àrd-sgoil an Inbhir Nis. Chuir i crìoch air cùrsa teagaisg ann an Colaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu agus thainig i a Dhùn Dèagh a dh'obair. Phòs iad ann an 1973 agus bha triùir chloinne aca - Iain, Fiona agus Stiùbhart.
Bha deagh ghuth aig athair Uilleam Iain agus bha deagh sheinneadairean air taobh a mhathar cuideachd. Fhuair Uilleam Iain fhèin am Bonn Òr aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Cille Bhrìghde an Ear ann an 1975. Mar iomadh seinneadair eile, ron à m, fhuair e leasain bho Iain MacRath.
Am measg nan seinneadairean a thug buaidh air, bha Alasdair MacGillìosa, gu h-à raidh a thaobh stoidhle agus an seòrsa òran a sheinneadh e. Coltach ris, sheinneadh Uilleam Iain iomadh seorsa òran bho òrain thraidiseanta gu òrain ùra Ghà idhlig agus eadar-theangachaidhean de dh'òrain Country and Western.
An dèidh am Bonn Òr fhaighinn, thòisich Uilleam Iain a' seinn air feadh na dùthcha. Gach deireadh sheachdain cha mhòr, bha e air an rathad, daonnan air èideadh gu snasail. Bha e tric air iarraidh le Comann Gà idhlig Lunnainn. Bha e an Astrà ilia trì tursan agus sheinn e ann an Taigh-opara Sydney.
Rinn e mu ochd clà ir, an toiseach leis a' chompanaidh Liosmor, ach an uair sin stèidhich e a chompanaidh fhèin fon ainm Harmasaig.
'S iomadh duine aig an robh uaireadair Timex an dèidh dha Uilleam Iain tighinn gu aonta leis a' chompanaidh gum biodh cothrom aig a h-uile duine a cheannaicheadh clà r leis uaireadair fhaighinn air prìs na bu shaoire nan à bhaist.
Nuair a dhùin Timex chuir e fhèin agus triùir eile companaidh ùr air chois agus, an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, rinn e mòran airson carthannas.
Gu mì-fhortanach cha d' fhuair Uilleam Iain saoghal fada. Bhris air a shlà inte agus chaochail e air 14 Iuchar, 2006, 's gun e ach 58. Tha e air a thiodhlacadh as na Hearadh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.