As t-fhoghar 1886, bha Oifigearan an t-Siorraidh anns an Eilean Sgitheanach a' feuchainn ri toirt air croitearan fiachan a bha orra a thaobh mà il is eile a phà igheadh.
Bha na h-oifigearan sin fo stiùireadh an t-Siorraidh Uilleam Ivory agus chan eil teagamh nach do leig e le feadhainn den luchd-obrach aige rudan uabhasach a dhèanamh. Mar eisimpleir, thug fear Alasdair Dòmhnallach naoidhean dà mhios a dh'aois bhon bhean-phòsta NicRath ann am Peighinn an Easa, chionns gu robh an teaghlach ann am fiachan.
Nuair a dh'fheuch an aon Alasdair Dòmhnallach ri sgrìobhainnean-cùirte a thoirt do chroitearan ann an Hearbusta, ruaig iad e, a' tilgeil phlocan air.
Rinneadh a' chiad oidhirp air croitearan Hearbusta a chuir an greim airson seo a dhèanamh air an Dòmhnallach air 27 Dà mhair, 1886, ach cha d' fhuaireadh ach dithis. Thug an fheadhainn eile am monadh orra, ach an ceann ùine, agus an dèidh do na poilis ionnsaigh a thoirt air an dachaighean, ghèill a' mhòr-chuid dhiubh.
Chaidh seachdnar an toirt mu choinneamh na h-Àird Chùirt an Dùn Èideann air 3 Faoilleach, 1887. Fhuaireadh iad ciontach agus fhuair Dòmhnall Peutan, Alasdair Mac a' Mhaoilein agus Seonaidh MacAoidhein dà mhios prìosain an urra. Fhuair Uilleam MacArtair, Teà rlach Mac an Tòisich, Iain MacCoinnich agus Uilleam Peutan mìos prìosain an urra.
Tha Uilleam Peutan, a thathar a' smaoineachadh a rinn an t-òran 'S muladach mi 'n-diugh 's mi 'g èirigh ga ainmeachadh fhèin ann, mar nach b' e a rinn an t-òran idir.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.