
Rugadh Wilma NicUalraig ann an Glaschu ann an 1969. Bha a h-athair, Alasdair, à Tiriodh agus tha a mà thar, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar neach-teagasg sheinneadairean is luchd-ciùil.
Chaidh Wilma do Sgoil Bhellahouston sa bhaile agus rinn i drà ma airson bliadhna ann an Cathair Challdainn mus tug i ceithir bliadhna ann an Cardiff a' dèanamh ceum ann an drà ma ann an Colaiste Ceòl agus Drà ma na Cuimrigh.
Cho luath agus a cheumnaich i, chaidh i a dh'obair còmhla ris a' chompanaidh Òrdag is Sgealbag a bha a' toirt dealbhan-chluich mun cuairt sgoiltean air feadh Alba agus a' dèanamh drà ma leis a' chloinn.
Bhon uair sin tha i air a bhith an sàs ann an iomadh prògram rèidio agus telebhisean agus ann an iomadh pròiseact, a' cleachdadh a sgilean mar chleasaiche, mar neach-teagaisg, mar sheinneadair agus mar stiuiriche còisir.
Ann an 1995, choisinn i an duais airson a' bhana-chleasaiche a b' fheà rr aig fèis filmean anns an Spà inn. Bha seo airson am pà irt a chluich i anns a' chiad film fada a rinneadh sa Ghà idhlig, As an Eilean.
Mar is dual dhith tha Wilma air a bhith a' seinn bho 's cuimhne leatha agus tha cuimhne aice a bhith air à rd-ùrlair 's i glè òg. Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Inbhir Pheofharain ann an 1991.
An-diugh, a bharrachd air a bhith a' seinn leatha fhèin agus còmhla ri na Caimbeulaich eile, tha Wilma a' teagasg òrain Ghà idhlig do na h-oileanaich ann an Sgoil Chiùil na Gà idhealtachd anns a' Phloc. Tha i cuideachd a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig Dhùn Dèagh mar a tha i air a bhith a' dèanamh bho chionn seachd bliadhna.
Tha Wilma pòsta agus tha aon nighean bheag aice a tha dìreach air tòiseachadh san sgoil. Tha a dachaigh ann am Broughty Ferry agus tha i gu mòr an sàs ann a bhith a' brosnachadh na Gà idhlig san sgìre.
Tha clasaichean seinn aice do dh'inbhich agus do dh'òigridh agus bidh i a' tadhal air sgoiltean ann an Dùn Dèagh airson ùidh na cloinne ann an Gà idhlig a bhrosnachadh. Tha i air tòiseachadh a' teagaisg Gà idhlig ann an Oilthigh Dhùn Dèagh agus tha i gu mòr an sàs anns an Dundee Highland Society.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.