Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1373
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1373. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 9 Nov 2025
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1069
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1373
Duration: 05:01
Litir 1373: Mullock, Mulag is Mulcan
Bha mi turas còmhla ri m’ athair-chèile nach maireann ann an sgìre far an robh mèinnearachd a’ dol uaireigin. Bha esan a’ fuireach ann am Bhictoria ann an ceann an earra-dheas Astrà ilia. Bha uaireigin mèinnearachd gu leòr a’ dol ann am Bhictoria – gu h-à raidh mèinnearachd òir.
Bha coltas iongantach air an dùthaich. Bha cnapan talmhainn air feadh an à ite. Chanainn gun robh feadhainn aca cho mòr ri taigh, agus cumadh rudeigin cruinn orra. Bha feadhainn aca car biorach gu h-à rd coltach ri beinn bheag Ailpeach. Ach cha robh iad nà darrach. Bha iad air an dèanamh le daoine.
Bha ainm aig m’ athair-chèile airson na leithid – mullock heap. Tha sin gu math aithnichte air feadh Astrà ilia, co-dhiù far an robh daoine ri mèinnearachd. Sin nuair a bha iad ag obair leotha fhèin le spaid, a’ cladhach tuill agus a’ fà gail ùir agus clachan air aon taobh. Nuair a chuala mi an abairt sin – mullock heap – smaoinich mi air a’ Ghà idhlig. Saoil dè an cà nan às an tà inig mullock – M-U-L-L-O-C-K? Tha faclan car coltach ann an Gà idhlig, nach eil?
Tha aon fhaclair Beurla ag rà dh: mullock – ‘Australian – waste material from a mine’. Tha am buadhair ann – mullocky – resembling the waste material from a mine, worthless or useless’. Saoil, ma-thà , an e an stuth fhèin a tha mullock a’ ciallachadh, seach na cnapan dheth?
Co-dhiù, tha na faclairean ag innse dhuinn gur ann bhon Bheurla Mheadhanaich a thà inig e a-steach do Bheurla an latha an-diugh, agus gu bheil e cà irdeach don t-seann fhacal mul – M-U-L – a bha a’ ciallachadh ‘dust, mould, rubbish’.
Ge-tà , tha fios againn gun robh gu leòr de dhaoine à Alba agus Èirinn ri mèinnearachd òir ann an Astrà ilia ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Agus seo na tha sinn a’ lorg ann am faclairean Gà idhlig: mul ‘a conical heap, mound’; mulachan ‘small heap’; mulag ‘small mound, heap, pile’.
Agus ann an Gà idhlig na h-Èireann, tha mul, mulachan agus mulag – no ³¾³Ü±ô±ôó²µ – ann cuideachd, leis an aon chiall ʼs a th’ againn ann an Alba.Ìý
Mar sin, math dh’fhaodte gun robh na Sasannaich a’ faicinn mullock – ‘stuth gun fheum’ – agus gun robh na h-Albannaich ʼs na h-Èireannaich a’ faicinn mulagan air an dèanamh dhen stuth sin. Ach a’ dol air ais fada, saoil an tà inig facal Beurla a-steach don Ghà idhlig no an deach facal Gà idhlig a-steach don Bheurla? No a bheil iad neo-eisimeileach bho chèile, air an toirt còmhla ann an Astrà ilia?
ʼS e a thug an gnothach seo gu m’ aire gun robh mi a’ leughadh an leabhair A Hundred Years in the Highlands le Osgood MacCoinnich. Bha Gà idhlig aig Osgood agus tha e ag innse dhuinn gum fac’ e each na laighe air ‘mulcan (hillock)’. Ann an Litir ceud, caogad ʼs a còig (155) thug mi am facal sin dhuibh, mar eadar-theangachadh air drumlin.Ìý
Tha cuimhne agam air còmhradh a bh’ agam le Roy Wentworth nach maireann – sgoilear na Gà idhlig à Geà rrloch. Bha e ag innse dhomh gun robh ainm-à ite air na mapaichean faisg air Beinn Eighe ceà rr. B’ e sin Maol-Cheannan. ʼS e a bu chòir a bhith air ach Na Mulcanan. Oir tha mulcanan an sin a chaidh fhà gail leis an deigh o chionn mìltean bhliadhnaichean. Agus nuair a tha thu a’ dol nam measg, tha iad uabhasach coltach ri mullock heaps ann an Astrà ilia!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bhictoria: Victoria; mèinnearachd òir: gold mining; nà darrach: natural; buadhair: adjective; A’ Bheurla Mheadhanach: Middle English; Geà rrloch: Gairloch.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha mi turas còmhla ri m’ athair-chèile nach maireann: I was one time in the company of my late father-in-law; sgìre far an robh mèinnearachd a’ dol uaireigin: an area where mining took place at one time; bha coltas iongantach air an dùthaich: the country looked amazing, strange; cho mòr ri taigh, agus cumadh rudeigin cruinn orra: as big as a house, with a somewhat round shape; biorach gu h-à rd coltach ri beinn bheag Ailpeach: pointed on top like a small Alpine peak; airson na leithid: for the like; ag obair leotha fhèin le spaid: working by themselves with a spade, a’ cladhach tuill agus a’ fà gail ùir agus clachan air aon taobh: digging holes and leaving earth and stones on one side; an e an stuth fhèin a tha X a’ ciallachadh, seach na cnapan dheth?: is it the material itself that X means, rather than the lumps/hillocks of it?; ann am meadhan an naoidheamh linn deug: in the middle of the 19th century; leis an aon chiall ʼs a th’ againn ann an Alba: with the same meaning that we have in Scotland; air an toirt còmhla ann an Astrà ilia: brought together in Australia; gum fac’ e each na laighe air: that he saw a horse lying on; tha mulcanan an sin a chaidh fhà gail leis an deigh o chionn mìltean bhliadhnaichean: there are hillocks there that were left by the ice thousands of years ago; nuair a tha thu a’ dol nam measg, tha iad uabhasach coltach ri: when you go among them, they are very like.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha cnapan talmhainn air feadh an à ite: there were small hills of ground throughout the place. Talamh can be tricky to translate sometimes. It can mean ‘land’, ‘ground’ or ‘earth’. The genitive form is talmhainn. Here are some usages: pìos mòr talmhainn ‘a big piece of land’; tha an talamh cho cruaidh ris an umha ‘the ground is as hard as bronze [iron]’; a bheil an talamh domhainn gu leòr airson dad a chur ann? ‘is the earth deep enough to plant anything in it?; dè air thalamh a tha sin? ‘what on earth is that?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: neo-eisimeileach bho chèile: independent of [from] each other.
Broadcast
- Sun 9 Nov 2025 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.