Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1374
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1374. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 16 Nov 2025
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1070
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1374
Duration: 05:10
Litir 1374: Sìthichean Dhùn Ad
A bheil sibh eòlach air Dùn Ad ann an Earra-Ghà idheal? Tha e na chreag ainmeil eadar Ceann Loch Gilp agus Cill Mhà rtainn. Tha e ag èirigh à magh ris an canar A’ Mhòine Mhòr. Ged a tha an talamh rudeigin fliuch, tha feadhainn ri obair tuathanais timcheall Dhùn Ad. Bu toigh leam innse dhuibh mu aon tuathanach às an sgìre sin o chionn deagh ghreis.
Oidhche a bha seo, bha an tuathanach san leabaidh. Bha teine mònach anns an t-seòmar. Ri taobh an teine bha soitheach bainne a’ blà thachadh. Bha an tuathanach a’ dol a thogail a’ bharra bhuaithe an ath mhadainn.Ìý
Fhad ’s a bha e a’ coimhead gu sà mhach, thà inig grà isg de shìthichean a-steach. Bha tà charan aca. Bha iad a’ coimhead airson uisge airson an leanabh a ghlanadh – a dhèanadh e na bu duilghe a thoirt bhuapa. Cha robh uisge sam bith anns an t-seòmar. Mar sin, chleachd na sìthichean am bà rr bhon t-soitheach bhainne.Ìý
Cha do thuig na sìthichean mar a bha an ùine a’ ruith. Chualas coileach a’ gairm. Bha aig na sìthichean ri tilleadh don t-sìthean aca. Bha uiread de chabhaig orra ’s gun do dh’fhà g iad poca beag à s an dèidh.Ìý
Nuair a dh’èirich an tuathanach, dhòirt e am bainne a-mach air an fheur. Thà inig na coin aige agus dh’òl iad am bà rr. Thuit iad marbh san spot.
Dh’fhosgail an tuathanach am poca agus lorg e rudan annasach na bhroinn. Bha saighead bheag chloiche ann dhen t-seòrsa ris an canar saighead sionn – ann am Beurla elf-arrow. Bhathar a’ creidsinn gun robh a leithid air a dèanamh anns an t-sìthean agus gum biodh na sìthichean gan cleachdadh airson daoine a dhèanamh tinn. Bha iad air an dèanamh de chlach-spoir no flint.Ìý
Fhuair an tuathanach a-mach, nam biodh an saighead sionn air a cur fon chluasaig aig duine tinn, gum biodh feadhainn eile a’ tuigsinn co-dhiù mhaireadh e beò a rèir coltas an fhallais air a bhathais.Ìý
Cuideachd anns a’ phoca, bha bobhla beag anns am biodh na sìthichean a’ dèanamh lite, agus buill-chloiche. Chuirte na buill ann an cuman uisge, agus bhiodh an t-uisge air a thoirt do chrodh a bha tinn. Thigeadh piseach orra an uair sin.
Dè thachair do na sìthichean agus na rudan aca? A rèir beul-aithris, chùm sliochd an tuathanaich na rudan agus cò aige tha fios nach eil iad aca fhathast. Agus na sìthichean? Uill, am biodh duine againn deònach a rà dh nach eil iad am falach anns an t-sìthean fhathast?!
Tha tòrr rudan tarraingeach – agus Gà idhealach – rin lorg anns an sgìre timcheall Dhùn Ad. Bha daingneach ann a bha na phrìomh à ros aig rìghrean seann rìoghachd Dhal Riata. Agus tha lorg-coise ainmeil anns a’ chreig gu h-à rd. A rèir beul-aithris bhiodh na rìghrean air am pòsadh don talamh le bhith a’ cur cas ann.
Ach cò chruthaich an lorg-coise? Tha beul-aithris ag innse dhuinn gur e Oisean a bh’ ann. Oisean mac Fhinn. Bha e a’ sealg sa mhonadh nuair a thionndaidh damh fiadhaich air. Leum Oisean às an à ite agus thà inig a chas sìos air creag Dhùn Ad, a’ fà gail na luirg-coise a chì sinn an-diugh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dùn Ad: Dunadd; Earra-Ghà idheal: Argyll; an dà -shealladh: second sight; teine mònach: a peat fire; tà charan: changeling; dhòirt: poured; clach-spoir: flint; cluasag: pillow; lite: porridge; sliochd: descendants; daingneach: fortress; Oisean mac Fhinn: Oisean (Ossian) the son of Fionn.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ag èirigh à magh ris an canar A’ Mhòine Mhòr: rises from a plain called ‘the great moss’; tha feadhainn ri obair tuathanais: some people are involved in farming; bha soitheach bainne a’ blà thachadh: a container of milk was warming; a’ dol a thogail a’ bharra bhuaithe an ath mhadainn: going to skim off the cream next morning; thà inig grà isg de shìthichean a-steach: a mob of fairies came in; a’ coimhead airson uisge airson an leanabh a ghlanadh: looking for water to clean the baby, a dhèanadh e na bu duilghe a thoirt bhuapa: which would make it more difficult to take it from them; cha do thuig na sìthichean mar a bha an ùine a’ ruith: the fairies didn’t appreciate how the time was passing; chualas coileach a’ gairm: a cockerel was heard crowing; bha uiread de chabhaig orra ’s gun do dh’fhà g iad poca beag às an dèidh: they were in such a hurry that they left a small bag behind them; thà inig na coin aige agus dh’òl iad am bà rr: his dogs came and they drank the cream; thuit iad marbh san spot: they immediately fell dead; bha saighead bheag chloiche ann dhen t-seòrsa ris an canar saighead sionn: there was a little stone arrow of the type called a mysterious arrow (‘elf-arrow’); gum biodh na sìthichean ga losgadh air daoine airson an dèanamh tinn: that the fairies would fire them at people to make them ill; a’ tuigsinn co-dhiù mhaireadh e beò a rèir coltas an fhallais air a bhathais: understanding if he would survive according to the appearance of sweat on his brow; thigeadh piseach orra: they would get better; cò chruthaich an lorg-coise?: who created the footprint?; bha e a’ sealg sa mhonadh nuair a thionndadh damh fiadhaich air: he was hunting on the hill when a wild stag turned on him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chuirte na buill ann an cuman uisge: the balls would be put in a pail of water. This is a passive conditional form, which puts a terminal -te on the lenited root of the verb. You will also hear chuirist.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: o chionn deagh ghreis: a good while ago.
Broadcast
- Sun 16 Nov 2025 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.