Main content
Sorry, this episode is not currently available

Alba Nuadh

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the Âé¶¹Éç in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann an Alba Nuadh a tha e.

Tha còmhradh aige a rinn Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain le Eachann Mac a' Mhaoilein mu bhith a' dèanamh uisge-beatha.

Bhruidhinn Fred ri Steaphan MacFhionghain agus a shin-seanair air falbh à Barraigh agus air a dhol a dh'Eilean Cheap Breatainn ann an 1831.

Dh'innis Calum A MacLeòid agus a bhean Anna Mae, a bhuineadh dha na Hearadh 's do Leòdhas, mun obair a bh' aca air muir is air tìr.

'S mar a shaoileadh sibh, tha ceòl gu leòr aige às a' sgìre cuideachd.

30 minutes

Last on

Sun 30 Nov 2025 10:00

Broadcasts

  • Mon 24 Nov 2025 15:30
  • Wed 26 Nov 2025 20:00
  • Sun 30 Nov 2025 10:00