Main content
Sorry, this episode is not currently available

Uibhist a Tuath

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the Âé¶¹Éç in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann na dhùthaich fhèin an Uibhist a Tuath a tha e.

Tha Raonaid NicFhionghain, a' chiad tidsear a bh' aige, ag innse dha mu na làithean tràth aice a' teagasg.

Gheibh sinn Duan a' Mhorair Dhòmhnallaich bho Eòghainn Dòmhnallach.

Tha am bàrd Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Ruadh Chorùnna, ag innse mar a chaidh a leòn sa Chiad Chogadh.

Cluinnidh sinn sgeulachd Leac an Lochlannaich bho Eàirdsidh Macamhlaigh às a' Bhaile Shear agus an sgeulachd An Crodh Mara bho Phàdraig Moireasdan à Griomasaigh.

Tha earrann de Tam o' Shanter, air eadar-theangachadh leis an Dr Alasdair Moireasdan, a thogadh an Dùn Sgealair, air aithris le Aonghas MacLeòid à Malacleit.

Gheibh sinn cuideachd na h-òrain Fraoch à Rònaidh, An Eala Bhàn agus Shiubhlainn Moch Leat.

30 minutes

Last on

Sun 7 Dec 2025 10:00

Broadcasts

  • Mon 1 Dec 2025 15:30
  • Wed 3 Dec 2025 20:00
  • Sun 7 Dec 2025 10:00