Na Hearadh
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the Âé¶¹Éç in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo 's anns na Hearadh a tha e.
Bha Mairead NicAoidh, Beasa Òb an Duill, air leth beartach a thaobh òrain 's beul-aithris agus cha bheag dhen a sin a fhuair Fred bhuaipe, a thuilleadh air a bhith ag innse mu h-obair an Caisteal Amhuinnsuidhe.
Fhuair Raibeart MacFhionghain, bhon a' Chadha air an Tairbeart, às an Iolaire le bheatha oidhche na Bliadhn' ùire 1919. Dh' innis e mar a thachair do Fred.
Tha Seonaidh MacLòid ag innse mar a fhuair e croit ann am Fioscabhaig san Eilean Sgitheanach às dèidh a' Chiad Chogaidh.
'S gheibh sinn òrain bho Bheasa, Aonghas Dòmhnallach agus Iain Murchadh Moireasdan.
Last on
Broadcasts
- Mon 22 Dec 2025 15:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Dec 2025 10:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal