Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1380
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1380. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
22:00
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1076
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1380
Duration: 05:05
Litir 1380: Blà r a' Mhaoil Ruaidh
Dè an cath eadar-cinnidheach mu dheireadh a ghabh à ite ann an Alba? Tha cuid ag rà dh gun do thachair e ann an sia ceud deug is ochdad (1680) ann an Gallaibh, faisg air Inbhir Ùige. Thug an tachartas sin ainm-à ite dhuinn – Allt nam Mèirleach no Altimarlach. Bha a’ chòmhrag eadar Clann na Ceà rdaich Chèis – the Sinclairs of Keiss – à Gallaibh, agus Caimbeulaich à Siorrachd Pheairt. Sgrìobh mi mu dheidhinn Blà r Allt nam Mèirleach ann an Litrichean sia ceud, ceathrad ʼs a sia (646) agus sia ceud, ceathrad ʼs a seachd (647).
Ach a bheil e fìor ri rà dh gum b’ e sin am batail eadar-cinnidheach mu dheireadh? Tha beachd eile ann. Agus chan eil an t-à ite far an do thachair e faisg air Gallaibh no Siorrachd Pheairt.
Bha mi ann an Gleann Ruaidh ann am Brà igh Loch Abar as t-fhoghar. Stad mi aig carragh-chuimhne ri taobh an rathaid aig ceann shìos a’ ghlinne. Sgrìobhte oirre, ann am Beurla, tha ‘The Battle of Mulroy 4th August 1688 ... the last inter-clan battle fought in Scotland’. Bha sin ochd bliadhna an dèidh Blà r Allt nam Mèirleach.
Canaidh sinn Blà r a’ Mhaoil Ruaidh ris ann an Gà idhlig. Thachair e air leathad beinne ris an canar Am Maol Ruadh. Bha an t-sabaid eadar Clann ʼic an Tòisich à Bà ideanach agus Dòmhnallaich na Ceapaich à Brà igh Loch Abar.
Bha Clann ʼic an Tòisich agus na Dòmhnallaich air a bhith thar a chèile fad ùine mhòr. Anns a’ chòigeamh linn deug, chaidh fearann ann am Brà igh Loch Abar a thoirt do Chloinn ʼic an Tòisich. Ach dhiùlt na Dòmhnallaich a leigeil seachad. Bha gach taobh a’ togail creach air fearann na feadhn’ eile.Ìý
Thà inig gnothaichean gu ceann ann an sia ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd (1688). Thug Comhairle Dhìomhair na h-Alba – am Privy Council – cead do cheann-cinnidh Clann ʼic an Tòisich fearann nan Dòmhnallach a ghabhail le fòirneart.
Bha Mac an Tòisich an dòchas taic fhaighinn bho Chlann ʼic a’ Phearsain agus na Granndaich, ach dhiùlt an dà chinneadh sin a dhol a chogadh an aghaidh Dòmhnallaich na Ceapaich. A dh’aindeoin sin, bha armailt mhòr aig Mac an Tòisich – mu mhìle duine.
Cha robh ach mu leth dheth sin aig Dòmhnallaich na Ceapaich. Ach bha Dòmhnallaich à sgìrean eile air a dhol a Loch Abar airson taic a thoirt do mhuinntir na Ceapaich. B’ iad sin Dòmhnallaich Ghlinne Garaidh agus Clann Iain Abrach à Gleanna Comhann.
Chaidh armailt ʼic an Tòisich gu ruig’ a’ Cheapach fhèin – aig an Drochaid Ruaidh – ach cha robh sgeul air duine ann. Bha na Dòmhnallaich uile air a dhol gu talamh à rd air a’ Mhaol Ruadh. Bha iad ann an suidheachadh fà bharach mar sin, agus rinn iad an gnothach air an nà mhaid. Air sà illibh sin, ghlèidh Dòmhnallaich na Ceapaich am fearann aca ann an Loch Abar.
Ge-tà , tha cuid dhen bheachd nach e blà r uile-gu-lèir eadar-cinnidheach a bh’ ann ann am Blà r a’ Mhaoil Ruaidh, oir air taobh ʼic an Tòisich bha feachd aig Mac Coinnich Shuidhe. Bha iadsan a’ sabaid às leth Riaghaltas na h-Alba mar ‘Feachd Gà idhealach Neo-eisimeileach’. Bha an Riaghaltas an sàs anns a’ chath cuideachd. Agus, cuide ri gu leòr eile, chaill Mac Coinnich a bheatha ann am Blà r a’ Mhaoil Ruaidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Blà r Allt nam Mèirleach: The Battle of Altimarlach; Gleann Ruaidh: Glen Roy; Brà igh Loch Abar: Brae Lochaber; Comhairle Dhìomhair na h-Alba: Privy Council; Clann ʼic a’ Phearsain: the clan MacPherson; na Granndaich: the Grants; Dòmhnallaich Ghlinne Garaidh: the MacDonells of Glengarry; Clann Iain Abrach à Gleanna Comhann: the MacIains from Glencoe; Mac Coinnich Shuidhe: Mackenzie of Suddie.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dè an cath eadar-cinnidheach mu dheireadh a ghabh à ite: what is the last inter-clan battle that took place?; ann an Gallaibh, faisg air Inbhir Ùige: in Caithness, near Wick; bha a’ chòmhrag eadar Clann na Ceà rdaich Chèis … agus Caimbeulaich à Siorrachd Pheairt: the conflict between the Sinclairs of Keiss ... and Campbells from Perthshire; anns a’ chòigeamh linn deug: in the 15th century; chaidh fearann a thoirt do Chloinn ʼic an Tòisich: land was given to the Macintoshes; dhiùlt na Dòmhnallaich a leigeil seachad: the MacDonalds refused to give it up; fearann nan Dòmhnallach a ghabhail le fòirneart: to take the MacDonalds’ land by force; ach dh’fhà ilnich air: but he failed; dhiùlt an dà chinneadh sin a dhol a chogadh an aghaidh Dòmhnallaich na Ceapaich: both of those clans refused to go to war against the MacDonalds of Keppoch; chaidh armailt ʼic an Tòisich gu ruig’ a’ Cheapach fhèin: The MacIntosh army went to Keppoch itself; rinn iad an gnothach air an nà mhaid: they defeated their enemy; air sà illibh sin, ghlèidh Dòmhnallaich na Ceapaich am fearann aca ann an Loch Abar: because of that, the MacDonalds of Keppoch retained their land in Lochaber; nach e blà r uile-gu-lèir eadar-cinnidheach a bh’ ann: it wasn’t entirely an inter-clan battle; a’ sabaid às leth Riaghaltas na h-Alba mar ‘Feachd Gà idhealach Neo-eisimeileach: fighting on behalf of the Government of Scotland as an ‘Independent Highland Company.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha gach taobh a’ togail creach air fearann na feadhn’ eile: each side was plundering cattle on the other’s land. Feadhna is a genitive form of the singular feminine noun feadhainn which means a group of people [other genitive forms are feadhainn and feadhnach]. The terminal ‘a’ is here elided because of the following vowel in ‘e¾±±ô±ð’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha Clann ʼic an Tòisich agus na Dòmhnallaich air a bhith thar a chèile fad ùine mhòr: the Mackintoshes and MacDonalds had been at loggerheads for a long time.
Broadcast
- Sunday 22:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.