Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1379
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1379. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 21 Dec 2025
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1075
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1379
Duration: 04:59
Litir 1379: Naomh MÃ iri NicIlp
Dè na sgìrean Gà idhealach ann an Alba anns an do mhair an creideamh Caitligeach on t-seann aimsir chun an latha an-diugh? Tha mi a’ ciallachadh le sin sgìrean far an robh, agus far a bheil, coitheanalan Caitligeach agus far a bheil Gà idhlig ga bruidhinn anns a’ choimhearsnachd – no far an robh i ga bruidhinn gu o chionn ghoirid.
Bidh sibh a’ beachdachadh, tha mi cinnteach, air na h-Eileanan a Deas – Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn a’ Bhaoghla. Ach cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dìochuimhneachadh gu bheil sgìrean Gà idhealach air ³Ùì°ù-mòr far a bheil Caitligeachd beò fhathast. Am measg sin, tha Brà igh Loch Abar – an dùthaich timcheall Drochaid an Aonachain agus Drochaid Ruaidh.
Bha mi ann an Drochaid Ruaidh o chionn ghoirid agus chaidh mi don eaglais Chaitligich – Eaglais Naoimh Mairead. ʼS e eaglais bhrèagha a th’ innte. Na broinn, tha ionad coisrigte do naomh aig an robh buntanas là idir don sgìre.
B’ ise Mà iri NicIlp – an aon naomh Astrà ilianach. Ach bha buntanas aice do dh’Alba cuideachd – agus gu sònraichte don Drochaid Ruaidh. Tha fiosrachadh anns an eaglais a tha a’ mìneachadh a’ ghnothaich.
Bha mà thair Mà iri – Flòraidh – à Creithneachan ann an Gleann Ruaidh, faisg air an Drochaid Ruaidh. Bha a h-athair – Alasdair – à Mùrlagan ann an Gleann Spiothain. Chan eil e soilleir an robh an dithis eòlach air a chèile aig an taigh, ach thachair iad ri chèile ann an Astrà ilia. Rinn Alasdair eilthireachd ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Chaidh Flòraidh ann dà bhliadhna an dèidh sin. Bha cà irdean aig an dithis aca air eilthireachd a dhèanamh do dh’Astrà ilia roimhe.
Rugadh Mà iri faisg air Melbourne ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1842). B’ i a’ chiad leanabh de dh’ochdnar a bhiodh aig Alasdair agus Flòraidh. Bha Mà iri dìleas don chreideamh aice. Mus robh i fichead bliadhna a dh’aois, bha fios aice gun robh i airson a bhith a’ dèanamh ‘obair Dhè’ mar a chanadh i fhèin.
Chuala mi bho dhaoine ann an Astrà ilia gun robh Alasdair agus Flòraidh a’ bruidhinn Gà idhlig ri chèile agus mar sin gun robh an cà nan aig Mà iri cuideachd. Chan urrainn dhomh sin a dhearbhadh.Â
Ach bha e air a bhith feumail dhi Gà idhlig a bhith aice oir, ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873), thà inig Mà iri a dh’Alba agus chaidh i a chèilidh air na cà irdean aice ann an Creithneachan.
Roimhe sin, bha Mà iri air buidheann ùr agus sgoil ùr a chur air dòigh. Thòisich i ann an ceann a deas Astrà ilia ach sgaoil a’ bhuidheann gu iomadh sgìre anns an dùthaich. ’S e an t-ainm a bh’ orra Peathraichean Iòsaph a’ Chrò-naomh.
Ge-tà , chaidh cùisean bhuaithe. Dh’fhuiling Mà iri agus a’ bhuidheann air sà illibh mì-ghiùlan sagairt agus poilitigs na h-Eaglaise. Chaidh Mà iri a chur a-mach às an Eaglais.
Gu fortanach dhi, dh’atharraich cùisean. Dh’aithnich am Pà p – Pius IX – gun robh i a’ dèanamh obair mhath. Choisinn i cliù taobh a-staigh na h-Eaglaise agus ann an naoi ceud deug, naochad ʼs a còig (1995), fada an dèidh a bà is, bha i air a h-aithneachadh mar ‘bheannaichte’. Chaidh a dèanamh na naomh ann an dà mhìle sa deich (2010). Tha an coitheanal Caitligeach ann an Drochaid Ruaidh, mar a bhiodh dùil, gu math moiteil aiste.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: coitheanalan: congregations; Caitligeachd: Catholicism; Brà igh Loch Abar: Lochaber; Drochaid an Aonachain: Spean Bridge; Drochaid Ruaidh: Roybridge; Mà iri NicIlp: Mary MacKillop; Crannachan: Cranachan; Peathraichean Iòsaph a’ Chrò-naomh: the Sisters of St Joseph of the Sacred Heart; Am Pà p: The Pope.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: anns an do mhair an creideamh Caitligeach on t-seann aimsir chun an latha an-diugh: in which the Catholic religion survived from olden times to the present day; far a bheil Gà idhlig ga bruidhinn: where Gaelic is spoken; na h-Eileanan a Deas – Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn a’ Bhaoghla: the Southern Isles – Barra, Eriskay, South Uist and Benbecula; cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dìochuimhneachadh: we should not forget; na broinn, tha ionad coisrigte do naomh aig an robh buntanas là idir don sgìre: inside it, there is a shrine to a saint who had a strong connection to the area; Mùrlagan ann an Gleann Spiothain: Murlaggan in Glen Spean; chan eil e soilleir an robh an dithis eòlach air a chèile aig an taigh: it’s not clear if the pair knew each other at home; thachair iad ri chèile ann an Astrà ilia: they met each other in Australia; bha cà irdean aig an dithis aca air eilthireachd a dhèanamh do dh’Astrà ilia roimhe: relatives of both of them had previously emigrated to Australia; bha fios aice gun robh i airson a bhith a’ dèanamh ‘obair Dhè’: she knew that she wanted to do ‘God’s work’; chan urrainn dhomh sin a dhearbhadh: I can’t verify that; chaidh i a chèilidh air na cà irdean aice: she went to visit her relations; sgaoil a’ bhuidheann gu iomadh sgìre: the group spread to many areas; chaidh cùisean bhuaithe: matters deteriorated; dh’fhuiling X air sà illibh mì-ghiùlan sagairt agus poilitigs na h-Eaglaise: X suffered because of the misbehaviour of a priest and Church politics; chaidh Mà iri a chur a-mach às an Eaglais: Mary was excommunicated; fada an dèidh a bà is: long after her death; bha i air a h-aithneachadh mar ‘bheannaichte’: she was beatified; chaidh a dèanamh na naomh: she was made a saint.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: air ³Ùì°ù-mòr: this is the idiomatic way of saying ‘on the mainland’. Note that in the Gaelic expression there is no article. So we might say, Tha mi a’ dol a thìr-mor ‘I’m going to the mainland’. Note also that, although ³Ùì°ù is a feminine noun that we do not lenite the adjective. An alternative expression is ³¾Ã²°ù-³Ù³óì°ù, but that is commonly used for ‘continent’ rather than ‘mainland’, as in ‘the mainland of Scotland’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Rinn Alasdair eilthireachd: Alexander emigrated.
Broadcast
- Sun 21 Dec 2025 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.