Main content

Bethany – An Dannsair Gaidhealach/The Highland Dancer

Young Bethany sets herself a daunting challenge - performing the notoriously difficult sword dance, at a major Highland dancing competition in Stornoway.

Tha amasan mòr aig an dannsair òg Bethany, a tha aon bliadhna deug a dh’ aois, às na h-Eileanan Iar de dh’ Alba. Chaidh a togail ann an teaghlach làn dhannsairean Gàidhealach, agus tha Bethany cinnteach gu bheil i dol a leantainn ann an ceumannan a màthar agus peathraichean a màthar. Is dòcha gu bheil tàlantan dannsa a’ ruith anns an teaghlach, ach ’s e cho dìcheallach agus cho misneachail a dhearbhas ciamar a thèid dhi.

’S e stoidhle dannsa traidiseanta Albannach a th’ ann an dannsa gàidhealach agus ’s e barrachd air ealain a th’ ann, feumar neart agus dìcheall. ’S e seann dhannsa cogaidh a th’ ann an dannsa a’ chlaidheimh a bh’ air a dhannsa uaireigin ro bhlàran le ceatharnaich gàidhealach agus bha e air fhaicinn mar deagh fhortan nan cuireamaid crìoch air an dannsa gun suathadh anns na claidheamhan.

Tha Bethany òg a’ cur dùbhlan duilich roimhpe fhèin: a bhith a’ dèanamh aon de na dannsaichean as dorra a th’ ann, dannsa a’ chlaidheimh, aig prìomh fharpais ann an Steòrnabhagh, a’ dèanamh ceumannan nach eil i air a dhannsa a-riamh ron seo. An cuir Bethany crìoch air an dùbhlan aice gus na ceumannan duilich ionnsachadh ron fharpais agus am faigh i air an dannsa a dhèanamh gu grinn gus àite fhaighinn agus bonn a chosnadh?

Eleven-year-old Bethany is a young dancer from the Outer Hebrides of Scotland with big dreams. Born into a family of Highland dancers, Bethany is determined to follow in the footsteps of her mum and aunties. Dancing talent may run in the family, but dedication, courage and perseverance will determine her journey.

Highland dancing, a Scottish traditional style of dance, is more than just an art form and requires strength and stamina. The sword dance, an ancient act of war, was once performed by Highland warriors before battle and was considered a good omen if the dance was completed without touching the swords.

Bethany sets herself a daunting challenge - performing the notoriously difficult sword dance at a major Highland dancing competition in Stornoway, with steps she’s never been brave enough to try in competition before. Will Bethany complete her challenge and learn the complex dance steps in time for the contest, and will she manage to be placed and gain a medal?

27 days left to watch

14 minutes

Last on

Tuesday 18:00

Broadcasts

Featured in...